bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Corinthians 3
2 Corinthians 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 4 →
1
Am beil sinn a tòiseachadh a rithist air sinn fhein a mholadh? no bheil feum againn (mar a thʼ aig cuid) air litrichean molaidh h-ugaibh no bhuaibh?
2
Is sibhse an litir againne sgriobhte ʼnar cridheachan, a dhʼ aithnichear ʼsa leughar le daoine gu leir:
3
ʼS gur ni soilleir, gur sibh litir Chriosta air a frithealadh leinne, ʼs air a sgriobhadh cha n-ann le dubh, ach le Spiorad an De bheo: cha n-ann air clar cloiche, ach air clar feolmhor a chridhe.
4
Agus tha leithid so de earbsa againn tromh Chriosta ann an Dia:
5
Cha n-e gum foghainn sinn gu ni sam bith a smaoineachadh bhuainn fhein, mar bhuainn fhein: ach tha ar foghnadh bho Dhia;
6
A rinn sinn cuideachd ʼnar luchd-frithealaidh iomchuidh an tiomnaidh nuaidh, cha n-ann san litir, ach san Spiorad: oir marbhaidh an litir, ach bheir an Spiorad beatha.
7
A nis ma bha frithealadh a bhàis, dealbhte le litrichean air clachan, glormhor; ann an rathad ʼs nach bʼ urrainn clann Israil sealltuinn air gnuis Mhaois le gloir ʼaghaidh a tha air teireachduinn:
8
Ciamar nach mua na sin a bhios frithealadh an Spioraid glormhor?
9
Oir ma bha frithealadh an ditidh glormhor, is mua na sin gu mor a bhios frithealadh a cheartais glormhor.
10
Oir sin fhein a bha glormhor anns a chàs so, cha do ghloraicheadh e, an coimeas ris a ghloir bharraichte.
11
Oir ma bha an ni a theirig glormhor, is fhada nas mua na sin gloir an ni, a tha gu mairsinn.
12
Tha sinn ma ta, agus a leithid so de dhochas againn, a cleachdadh moran danadais:
13
ʼS cha n-ionann us Maois a chuir sgailein air ʼaodann, gus nach sealladh clann Israil gu giar air aghaidh an ni tha air teireachduinn;
14
Ach mhaolaicheadh an ceudan. Oir gus an latha an diugh fhein an àm leughadh an t-seann tiomnaidh, tha an sgailein ciadna fantuinn gun a thoirt air falbh (a chionn thig crioch air ann an Criosta):
15
Ach, gus an latha an diugh fhein, nuair a leughar Maois, thà an sgailein air an cridhe.
16
Ach, nuair a thionndaidhear iad ris an Tighearna, bheirear air falbh an sgailein.
17
A nis is spiorad an Tighearna; agus far a bheil Spiorad an Tighearna, an sin tha saorsuinn.
18
Ach sinne uile a g-amharc air gloir an Tighearna le aghaidh nochdte, tha sinn air ar n-atharrachadh gus an iomhaigh chiadna bho ghloir gu gloir, mar le Spiorad an Tighearna.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13