bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Corinthians 10
2 Corinthians 10
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 11 →
1
A nis tha mise fhein Pol a guidhe oirbh á uchd ciuineachd us stuamachd Chriosta, mise a tha san lathair diblidh ʼnur measg, ach as an lathair dana oirbh.
2
Ach tha mi guidhe oirbh, gus nach fheum mi bhith dana san lathair leis a mhisnich sin, leis a bheileas gam shaoilsinn dana an aghaidh cuid de dhʼ fheadhainn, a tha coimhead oirnn mar gum bithemid a g-imeachd a reir na feola.
3
Oir ged tha sinn a g-imeachd san fheoil, cha n-eil sinn a cogadh a reir na feola.
4
Oir cha n-eil airm ar cogaidh feolmhor, ach cumhachdach fo Dhia gu leagadh dhaingnichean, a cur as do chomhairlean,
5
ʼS do ʼn h-uile airde, a thogas e fhein suas an aghaidh eolas De, ʼsa toirt fo chuing a h-uile tuigse gu umhlachd do Chriosta,
6
Agus glan-deas gu diughaltas a dhianamh air a h-uile as-umhlachd, nuair a choimhlionar ur n-umhlachd-sa.
7
Faicibh na nichean a tha air reir coltais. Ma tha duine air bith a g-earbsa as fhein, gur le Criosta e, smaoinicheadh e air so ann fhein a rithist, ceart mar is le Criosta esan, gur leis sinne cuideachd.
8
Agus, ged a ghabhainn roinn de bharrachd uaill as ar cumhachd, a thug an Tighearna dhuinn gu ʼr leas ʼs cha n-ann gu ʼr n-aimhleas, cha bu nàire leam.
9
Ach gus nach saoilear gum beil mi, mar gum bʼ e, a cur eagail oirbh le litrichean:
10
Oir tha a litrichean gu dearbh cudthromach agus laidir, their iad: ach tha a lathaireachd chorporra anfhann, agus a labhairt gun diù:
11
Am fear a tha sa bharail so tuigeadh e so, gum bi sinn san lathair ann an gniomh, mar tha sinn as an lathair ann am facal le litrichean.
12
Oir cha n-eil a dhanadas againn sinn fhein a choimeas no shamhlachadh ri cuid a dhʼ fheadhainn, a tha gam moladh fhein: ach tha sinn ga ʼr tomhas fhein ruinn fhein, ʼs ga ʼr samhlachadh fhein ruinn fhein.
13
Ach cha dian sinn uaill fos cionn tomhais, ach a reir tomhas na riaghailte, leis na thomhais Dia dhuinn, tomhas cuideachd leis an ruigear sibhse.
14
Oir cha n-eil sinn ga ʼr sineadh fhein fos cionn ar tomhais, mar nach bitheadh sinn gu ʼr ruighinn-sa: oir rainig sinn sibhse le soisgeul Chriosta:
15
Gun a bhith gabhail uaille thar tomhas á dianadas feadhnach eile: ach ann an earbsa, le leasachadh ur creidimhse, a bhith a reir ar riaghailt air ar n-ardachadh gu pailt unnaibh,
16
Seadh gus an soisgeul a shearmonachadh sna h-aiteachan a tha seachad oirbh, cha n-ann a dhianamh uaille á riaghailt fir eile anns na nichean a rinneadh deas dha ʼr laimh.
17
Ach esan a tha dianamh uaille, dianadh e uaill anns an Tighearna.
18
Oir cha n-e am fear, a tha ga mholadh fhein, a tha taitneach, ach esan a tha Dia moladh.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13