bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Corinthians 4
2 Corinthians 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 5 →
1
Uime sin leis an fhrithealadh so a bhith againn a reir ʼs mar fhuair sinn trocair, cha n-eil sinn a fannachadh,
2
Ach tha sinn leigeil dhinn nichean falaichte na mi-chiatachd, us cha n-eil sinn a g-imeachd am foill, no a truailleadh facal De, ach le cur na firinn an ceill ga ʼr moladh fhein do chogais a h-uile duine an lathair Dhe.
3
Ach ma tha ar soisgeul-ne am falach, ʼsann orra-san, a tha dol a dhith, a tha e am falach:
4
Anns an do dhall dia an t-saoghail so inntinnean nam mi-chreideach, gus nach dearrsadh orra solus soisgeil gloir Chriosta, agus is esan iomhaigh Dhe.
5
Oir cha sinn fhein a tha sinn a searmonachadh, ach Iosa Criosta ar Tighearna; agus gur sinn ur seirbhisich-sa tromh Iosa.
6
Oir Dia, a dhʼ orduich do ʼn t-solus soillseachadh as an dorchadas, dhealraich e ʼnar cridheachan, a thoirt solus eolais gloir Dhe, ann an aodann Iosa Criosta.
7
Ach tha an ulaidh so againn ann an saghaichean creadha, gus an oirdheirceas a bhith bho chumhachd Dhe, ʼs cha n-ann bhuainne.
8
Anns a h-uile ni tha sinn a fulang trioblaide, ach cha n-eil sinn an imcheist; tha sinn air ar teannachadh, ach cha n-eil sinn gun fhuasgladh;
9
Tha sinn a fulang geur-leanmhuinn, ach cha n-eil sinn air ar treigsinn; tha sinn air ar tilgeadh sios, ach cha bhàs duinn:
10
A sior-ghiulan mun cuairt ʼnar coluinn bàsachadh Iosa, gu beatha Iosa cuideachd a dhianamh follaiseach ʼnar coluinnean.
11
Oir tha sinne a tha beo air ar liubhairt seachad an comhnuidh gu bàs air son Iosa; gu beatha Iosa fhiachuinn gu soilleir mar an ciadna ʼnar feoil bhasmhoir-ne.
12
Mar sin tha am bàs a g-oibreachadh unnainne, ach a bheatha unnaibhse.
13
Ach air do ʼn spiorad chiadna creidimh a bhith againn, mar tha e sgriobhte: Chreid mi, as leth sin labhair mi: tha sinne cuideachd a creidsinn, as leth sin tha sinn a labhairt:
14
Le fios gun tog esan, a thog Iosa, sinne cuideachd maille ri Iosa, ʼs gun suidhich e sinn cuide ribhse.
15
Oir tha h-uile ni air ur sonsa: los pailteas nan gras, le breth-buidheachais morain, a chinntinn pailt gu gloir Dhe.
16
Air an aobhar sin cha n-eil sinn a failneachadh: oir ged a tha ar fear an leth-a-mach air a thruailleadh; dhʼ àindeoin sin tha fear an leth-a-stigh air ùrachadh bho latha gu latha.
17
Oir tha sin, a tha dhuinn an drasda ʼna thrioblaid dhiomain agus aotruim, a dianamh suas unnainn cudthruim shiorruidh de ghloir, a tha fada mor thar tomhas,
18
Unnainn nach eil a coimhead air na nichean a chithear, ach air na nichean nach fhaicear. Oir tha na nichean a chithear aimsireil: ach tha na nichean nach fhaicear siorruidh.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13