bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Romans 1
Romans 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 2 →
1
Pol seirbhiseach Iosa Criosta, a chaidh ghairm ʼna ostal, ʼsa chur air leth gu soisgeul De,
2
A roimh-gheall e le fhaidhean anns na sgriobtuirean naomh,
3
Mu dheidhinn a Mhic, a rinneadh dha de shiol Dhài a reir na feola,
4
ʼS bʼ esan Mac roimh-orduichte Dhe ann an cumhachd, a reir spiorad na naomhachd le aiseirigh ar Tighearna Iosa Criosta bho na mairbh,
5
Tromh ʼn dʼ fhuair sinn grasan us ostalachd gus a h-uile cinneach umhlachadh do ʼn chreideamh air sgath ainmse,
6
ʼNam measg sin tha sibhse cuideachd air ur gairm le Iosa Criosta:
7
Dhuibhse uile a tha san Roimh, gradhaichte le Dia, gairmte gu bhith ʼnur naoimh, grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, agus bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.
8
An toiseach tha mi toirt taing do mo Dhia, tromh Iosa Criosta, air ur sonsa uile: a chionn gum beil iomradh air ur creideamh air feadh an domhain gu leir.
9
Oir se Dia mʼ fhianuis, a tha mi seirbhiseachadh na mʼ spiorad ann an soisgeul a Mhic, gum beil mi gun lasachadh a dianamh cuimhne oirbh,
10
Daonnan am urnaighean: a guidhe, gum faighinn air chor air choireigin a nis mu dheireadh rathad reidh le toil De air tighinn gu ʼr n-ionnsuidh.
11
Oir tha deidh agam air ur faicinn, los càileigin a riarachadh oirbh de ghrasan spioradail gus ur daingneachadh:
12
Se sin ri radh, gu sòlas fhaighinn maille ribhse anns a chreideamh sin, a tha againn le cheile, agaibhse agus agamsa.
13
Agus cha mhath leam sibh a bhith aineolach, a bhraithrean, gur tric a chuir mi romham tighinn gu ʼr n-ionnsuidh (us bhacadh mi gu so), los cuid de thoradh a bhith agam ʼnur measgsa, mar am measg nan cinneach eile.
14
Do na Greigich ʼs do na borbfhearan, do dhaoine glic agus do dhaoine gorach tha mi fo fhiachaibh:
15
Air chor (fhad ʼsa tha e am chomas) gum beil mi deas gus an soisgeul a theagasg dhuibhse cuideachd, a tha san Roimh.
16
Oir cha n-eil mi gabhail nàire as an t-soisgeul. Oir se cumhachd Dhe e gu sabhaladh a h-uile h-aon a chreideas, an t-Iudhach an toiseach, ʼs an sin an Greigeach.
17
Oir tha ceartas De air a shoilleireachadh an sin bho chreideamh gu creideamh, mar tha e sgriobhte: Tha an duine ceart a tighinn beo tromh chreideamh.
18
Oir tha fearg Dhe air a nochdadh bho neamh an aghaidh a h-uile h-ain-diadhachd agus anaceartas na feadhnach sin, a tha cumail firinn De ann an anaceartas:
19
A chionn gum beil na tha aithnichte thaobh Dhe follaiseach unnta: oir dhʼ fhoillsich Dia dhaibh e.
20
Oir bho chruthachadh an t-saoghail tha na nichean neo-fhaicinneach aige-san fior-shoilleir, agus air an tuigsinn leis na nichean a rinneadh; a chumhachd shiorruidh cuideachd agus a dhiadhachd: air chor ʼs nach eil leisgeul aca.
21
A chionn, nuair a bha eolas aca air Dia, nach tug iad gloir dha mar Dhia, no buidheachas: ach dh ʼfhas iad faoin ʼnan smaointean, agus dhorchaicheadh an cridhe amaideach:
22
Oir a gabhail orra fhein a bhith glic, rinneadh iad ʼnan amadain.
23
Agus thionndaidh iad gloir an De neo-thruaillidh gu dealbh iomhaigh duine thruaillidh, us ian, us ainmhidhean ceithir-chasach, agus bheistean snàgach.
24
Air son sin thug Dia thairis iad do thograichean an cridhe fhein, do neo-ghloine: gus an coluinnean fhein a mhaslachadh eatorra fhein:
25
Dhʼ atharraich iad firinn De gu breig; ʼs thug iad aoradh, agus rinn iad seirbhis do ʼn chreutair a raghainn air a chruthadair, a tha beannaichte gu siorruidh. Amen.
26
Air son so liubhair Dia seachad iad do dhʼ ana-miannan graineil. Oir dhʼ atharraich na boirionnaich aca an cleachdadh nadurra gus an cleachdadh a tha an aghaidh naduir.
27
ʼS mar an ciadna na firionnaich, a leigeil dhiubh gnath nadurra a bhoirionnaich, las iad suas ʼnan ana-miannan do gach a cheile, firionnaich ri firionnaich a g-oibreachadh graineileachd, ʼsa faighinn unnta fhein na duaise, a thoill an seachran.
28
ʼS bho nach robh càil aca air Dia a bhith ʼnan aire, liubhair Dia seachad iad do bheachd eucorach, gus na nichean sin a dhianamh, a tha mi-iomchuidh,
29
Air an lionadh leis a h-uile olc, gò, striopachas, sannt, droch bheart, lan de dhʼ fharmad, de mhurt, de chonsachadh, de dhʼ fhoill, de dhroch-mheinn, ʼnan cogarsaichean,
30
Culchainnteach, fuathach le Dia, tailceasach, uaibhreach, ardanach, ʼnan luchd-deilbh nichean olc, as-umhailte do pharantan,
31
Aimideach, mi-bheusach, gun ghradh, gun dhilseachd, gun iochd.
32
Daoine, ged a bʼ aithne dhaibh ceartas De, nach do thuig gum beil luchd-dianamh nan leithidean so toillteanach air bàs; ʼs cha n-iad an luchd-dianamh a mhain, ach iadsan cuideachd a tha g-aontachadh leo-san, a tha gan dianamh.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16