bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Romans 12
Romans 12
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 13 →
1
Guidheam oirbh uime sin, a bhraithrean, tromh iochd Dhe, gun tairg sibh ur coluinnean mar iobairt bheo, naoimh, thaitnich do Dhia, ur seirbhis reusonta.
2
Na bithibh air ur cumadh ris an t-saoghal so, ach bithibh air ur n-ath-chumadh ann an urachd ur n-inntinn, los gun dearbh sibh ciod e toil mhath, agus thaitneach, agus choimhlion Dhe.
3
Oir leis na grasan a thugadh dhomh, tha mi g-radh riusan uile, a tha ʼnur measg, gun iad a bhith nas glice na ʼs còir a bhith glic, ach a bhith glic ann am measarrachd; ʼsa reir mar a roinn Dia tomhas a chreidimh air gach aon.
4
Oir mar a tha moran bhall againn ann an aon chorp, ach nach e an t-aon dhriachd a thʼ aig a h-uile ball:
5
Mar an ciadna, ge lionar sinn, is aon chorp sinn ann an Criosta, agus is buill sinn gach aon da cheile;
6
Ach is eugsamhuil na gibhtean a thʼ againn, a reir nan gras a thugadh dhuinn: ma ʼs faidhdearachd, biodh e air reir riaghailt a chreidimh,
7
No frithealadh, ann am frithealadh, no esan a tha teagasg, ann an teagasg.
8
Esan a tha brosnachadh ann am brosnachadh, esan a tha buileachadh ann an aon-fhillteachd, esan a tha riaghladh le mor-churam, esan a tha fiachuinn trocaire le suilbhireachd.
9
Biodh gradh gun fhoill: a toirt grain do ʼn olc, a dluth-leanail ris a mhath;
10
A toirt gaoil da cheile le carrantachd bhraithreil; ann an urram a toirt toisich do gach a cheile;
11
Curamach, gun leisg; deothasach san spiorad; a seirbhiseachadh an Tighearna.
12
Ri aoibhneas ann an dochas; faighidneach fo thrioblaid; dìan ri urnaigh;
13
A cobhair air uireasuidh nan naomh; a cleachdadh aoidheachd.
14
Beannaichibh ur luchd-geur-leanmhuinn: beannaichibh; agus na mollaichibh.
15
Bithibh aighearach comhla riusan a tha ri aighear, agus a gal comhla riusan a tha gal;
16
A dhʼ aon inntinn do gach a cheile; neo-dheidheil air nichean arda, ach a g-aontachadh leis na h-iriosail. Na bithibh glic ʼnur barail fhein;
17
Na diolaibh olc air son uilc do neach sa bith; solairibh nichean matha, cha n-ann a mhain an lathair Dhe, ach an lathair dhaoine uile mar an ciadna.
18
Ma ghabhas e dianamh, cho fad ʼsa dhʼ fhaodas sibh, biodh sith agaibh ri daoine uile;
19
Na dianaibh diughaltas air ur son fhein, a chuideachda mo ruin, ach thugaibh aite do dhʼ fheirg: oir tha e sgriobhte: Is leamsa diughaltas; diolaidh mise, os an Tighearna.
20
Ach ma bhios do namhaid air acras, thoir biadh dha; ma bhios pathadh air, thoir deoch dha: oir le so dhianamh carnaidh tu eibhlean teine air a cheann.
21
Na faigheadh an t-olc buaidh ort, ach thoir buaidh air an olc leis a mhath.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16