bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Romans 5
Romans 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 6 →
1
Air dhuinn a bhith uime sin air ar naomhachadh tromh chreideamh, tha sith againn ri Dia tromh ar Tighearna Iosa Criosta:
2
ʼS troimhse le creideamh tha rathad againn thun nan grasan sin anns a bheil sinn a seasamh, agus a gabhail uaill á dochas gloir chlann Dhe.
3
ʼS cha n-e so a mhain, ach tha sinn a gabhail uaill á trioblaidean, a tuigsinn gun oibrich trioblaidean faighidin,
4
Us faighidin diachuinn, agus diachuinn dochas,
5
Agus cha naraich dochas: a chionn gum beil carrantachd Dhe air a taomadh a mach ʼnar cridheachan leis an Spiorad Naomh, a tha air a thoirt dhuinn.
6
Oir car-son, nuair bha sinn fhathast lag, dhʼ eug Criosta, a reir an ama, air son nam mi-dhiadhaidh?
7
Oir is gann a dhʼ fhuiligeas neach bàs air son duine ionraic: ach theagamh gum biodh a mhisneach aig feareigin bàsachadh air son duine mhath.
8
Ach tha Dia a cliuthachadh a charrantachd dhuinne; a chionn ʼs nuair a bha sinn ʼnar peacaich, a reir an ama.
9
Gun dʼ fhuilig Criosta air ar son: is mor ma ta nas mua na sin, an deigh a nis a bhith air ar naomhachadh le fhuil, a bhios sinn tiaruinte bho fheirg troimh-san.
10
Oir ma reiticheadh ri Dia sinn le bàs a Mhic, nuair bu naimhdean sinn, is mua gu mor an deigh an reiteachaidh, a bhios sinn air ar sabhaladh ʼna bheatha-san.
11
ʼS cha n-e so a mhain: ach tha sinn dianamh uaill cuideachd ann an Dia tromh ar Tighearna Iosa Criosta, tromh ʼn dʼ fhuair sinn a nis reite.
12
Uime sin mar thainig am peacadh a stigh do ʼn t-saoghal so tromh aon duine, ʼs leis a pheacadh am bàs; ʼs mar so ruith am bàs air daoine gu leir troimh-san, anns na pheacaich iad uile:
13
Oir gus an lagh bha am peacadh san t-saoghal: ach cha robh am peacadh ri agairt, nuair nach robh an lagh ann.
14
Ach righich am bàs bho Adhamh gu Maois orrasan cuideachd nach do pheacaich a reir coltas cionta Adhamh, a tha ʼna shamhla air-san a bha ri tighinn.
15
Ach cha n-ionann a choire ʼs an tiodhlac. Oir ma bhasaich moran le coire a h-aon, is ro phailt na sin gu fad a thaomadh air moran grasan Dhe ʼsa thiodhlac tromh ghrasan aon duine Iosa Criosta.
16
Agus cha n-ann mar tromh aon pheacadh, a tha an tiodhlac: oir bha breitheanas gu dearbh bho h-aon gu diteadh; ach grasan bho mhoran chiontan gu naomhachadh.
17
Oir le cionta aon duine ma righich am bàs tromh ʼn aon; is ro mhua gu mor a righicheas iadsan, a gheobh mor-phailteas de ghrasan, de thiodhlac, agus de cheartas, ann am beatha tromh ʼn aon Iosa Criosta.
18
Uime sin mar a bha cionta a h-aon ʼna aobhar ditidh do dhaoine uile, is amhuil a tha ceartas a h-aon gu naomhachadh beatha dhaoine uile.
19
Oir mar a rinneadh moran ʼnam peacaich le as-umhlachd aon duine, mar sin cuideachd naomhaichear moran le umhlachd aon duine.
20
A nis thaing an lagh a stigh gu miadachadh a chionta gu mor. Ach far na mhiadaich an cionta gu mor, bu ro mhua gu mor a mhiadaich grasan.
21
Air chor ʼs mar a righich am peacadh gu bàs, is amhuil a righicheas grasan tromh cheartas gu beatha shiorruidh, tromh Iosa Criosta ar Tighearna.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16