bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Romans 15
Romans 15
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 16 →
1
A nis is còir dhuinne, a tha nas treasa, anfhannachd na feadhnach a tha lag a ghiulan, ʼs cha n-e sinn fhein a thoileachadh.
2
Toilicheadh gach aon agaibh a choimhearsnach gu mhath, a thaobh deagh shamhla.
3
Oir cha do thoilich Criosta e fhein, ach mar tha e sgriobhte: Thuit masladh na feadhnach, a bha ga dʼ mhaslachadhsa, ormsa.
4
Oir nichean sa bith a chaidh sgriobhadh, sgriobhadh iad gu sinne theagasg, los le faighidin ʼs le furtachd nan Sgriobtur, gum biodh dochas againn.
5
A nis gun tugadh Dia na faighidin agus na furtachd dhuibh a bhith a dhʼ aon inntinn a thaobh a cheile a reir Iosa Criosta;
6
Air chor ʼs gun toir sibh le aon inntinn ʼs le aon bhial gloir do Dhia, ʼs do Athair ar Tighearna Iosa Criosta.
7
As leth sin gabhaibh ri cheile, ceart mar ghabh Iosa Criosta ribhse gu gloir Dhe.
8
Oir tha mi g-radh gum bʼ e Iosa Criosta fear-frithealaidh an timchioll-ghearraidh air son firinn Dhe, gus na geallaidhnean do na h-aithrichean a dhaighneachadh.
9
Ach gum beil aig na cinnich ri gloir a thoirt do Dhia as leth a throcaire, mar tha e sgriobhte: As leth so aidichidh mi dhut am measg nan cinneach, O Thighearna, agus seinnidh mi dha tʼ ainm.
10
Agus tha e rithist a g-radh: Biodh aighear oirbh, a chinnich, maille ri phobull.
11
ʼS a rithist: Molaibh an Tighearna, a chinnich uile; us miadaichibh a chliu, a phobuill gu leir.
12
ʼS tha Isaias a rithist a g-radh: Bithidh friamh bho Iesse, us annsan, a dhʼ eireas suas a riaghladh nan cinneach, cuiridh na cinnich an dochas.
13
A nis gun lion Dia an dochais sibh leis a h-uile sòlas agus sith ʼnur creideamh; gus sibh a bhith lan phailt ann an dochas, ʼs an cumhachd an Spioraid Naoimh.
14
ʼS tha mise fhein, mo bhraithrean, cinnteach asaibh, gum beil sibh lan graidh, air ur lionadh leis a h-uile eolas, air sheol ʼs gur urrainn duibh a cheile a chomhairleachadh.
15
Ach sgriobh mi h-ugaibh, a bhraithrean, nas dàine ann an seol, mar gum bʼ ann gus ur cur an cuimhne: as leth nan gras a bhuilich Dia orm,
16
Gus mi bhith na mʼ fhear-frithealaidh aig Iosa Criosta measg nan cinneach: a naomhachadh soisgeul De, gus tairgse nan cinneach a bhith taitneach agus naomhaichte san Spiorad Naomh.
17
Uime sin tha aobhar uaill agam ann an Iosa Criosta a thaobh Dhe.
18
Oir cha dàna leam guth a radh mu na nichean nach dʼ rinn Criosta leamsa, chum umhlachd nan cinneach leis an fhacal ʼs le gniomhran:
19
Le neart chomharraidhnean us mhiarailtean, le cumhachd an Spioraid Naoimh: air chor ʼs gun do chraobh-sgaoil mi Soisgeul Chriosta, bho Ierusalem mun cuairt gu ruig Illiricum.
20
ʼS mar sin shearmonaich mi an soisgeul so, cha n-ann far an robh Criosta air ainmeachadh, eagal gun togainn air steidh fir eile, ach mar a tha e sgriobhte:
21
Chi iadsan, ris nach do labhradh uime: us tuigidh iadsan, nach cuala.
22
Se so an t-aobhar a chuir eis ro-mhor orm bho thighinn gu ʼr n-ionnsuidh, ʼsa bhac mi gu so.
23
Ach a nis bho nach eil cion-fàth agam fuireach sna duchannan sin nas fhaide, ʼs mi ro fhada an geall bho chionn moran bhliadhnaichean air tighinn gu ʼr n-ionnsuidh,
24
Nuair theannas mi ri mʼ thurus a ghabhail do ʼn Spainnt, tha mi an dochas gum faic mi sibh san dol seachad, agus gun stiuir sibh mi gu ruig sin, ma se ʼs gum bi mi ʼn toiseach air mealtuinn roinn dhe ʼr conaltradh.
25
Ach tha mi nis a dol do Ierusalem a fhrithealadh do na naoimh.
26
Oir dheonaich muinntir Mhacedonia ʼs Achaia roinn de chuideachadh a dhianamh ri bochdan nan naomh, a thʼ ann an Ierusalem.
27
Oir bʼ e so an toil: agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na cinnich ʼnan comhpairtich de na nichean spioradail aca-san thigeadh orra frithealadh dhaibhse sna nichean aimsireil.
28
Nuair ma ta a choimhlionas mi so, ʼsa liubras mi dhaibh an toradh so, triallaidh mi ur rathad-sa do ʼn Spainnt.
29
ʼS tha fios agam, nuair thig mi h-ugaibh, gun tig mi ann am pailteas de bheannachdan soisgeul Chriosta.
30
Guidheam oirbh ma ta, a bhraithrean, tromh ar Tighearna Iosa Criosta, ʼs tromh charrantachd an Spioraid Naoimh, gun cuidich sibh mi le ʼr n-urnaighean ri Dia air mo shon,
31
Los gun saorar mi bho na h-ana-creidich a tha ann an Iudéa, ʼs gum bi tairgse mo sheirbhis taitneach do na naoimh ann an Ierusalem,
32
ʼS gun tig mi h-ugaibh an aoibhneas le toil De, ʼs gum faigh mi cofhurtachd maille ribh.
33
A nis gun robh Dia na sithe maille ribh uile. Amen.
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 16 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16