bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Romans 10
Romans 10
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 11 →
1
A bhraithrean, tha run mo chridhe gu dearbh, agus mʼ achanaich ri Dia air an son, iad a bhith sabhailte.
2
Oir tha mi toirt teisteanais dhaibh, gum beil eud Dhe unnta, ach cha n-ann a reir eolais.
3
Oir aineolach air ceartas De agus a sireadh an ceartais fhein a chur air bonn, cha do striochd iad iad fhein do cheartas De.
4
Oir se Criosta crioch an lagha, gu ceartas do ʼn h-uile h-aon a chreideas.
5
Oir sgriobh Maois, gum bi an duine, a ni an ceartas a tha bho ʼn lagh, beo leis.
6
Ach mu ʼn cheartas a tha bho chreideamh, tha e labhairt mar so: Na abair ann do chridhe: Co theid suas gu neamh? se sin, gu Criosta thoirt a nuas.
7
No co theid sios do ʼn aibheis? se sin, gu Criosta thoirt air ais bho na mairbh.
8
Ach ciod a tha an sgriobtur a g-radh? Tha am facal teann ort, ann do bhial, agus ann do chridhe: se so facal a chreidimh, a tha sinn a searmonachadh.
9
A chionn, ma dhʼ aidicheas tu le dʼ bhial an Tighearna Iosa, ʼs ma chreideas tu le dʼ chridhe gun do thog Dia e bho na mairbh, bithidh tu sabhailte.
10
Oir leis a chridhe creidear gu ceartas: ach leis a bhial aidichear gu sabhaladh.
11
Oir tha an Sgriobtur a g-radh: Co sa bith a chreideas annsan cha naraichear e.
12
Oir cha n-eil eadar-dhealachadh eadar Iudhach us Greigeach: oir is ionann Tighearna nan uile, saibhir dhaibh-san uile a ghairmeas air.
13
Oir gach neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, bithidh e sabhailte.
14
Ach ciamar a ghairmeas iad air-san anns nach do chreid iad? No ciamar a chreideas iad annsan mu nach cual iad? Us ciamar a chluinneas iad gun shearmonaiche?
15
Agus ciamar a shearmonaicheas iad, mur teid an cur? mar tha e sgriobhte: Nach boidheach casan luchd-teagaisg soisgeul na sithe, luchd-teagaisg nichean matha!
16
Ach cha n-eil iad uile umhailt do ʼn t-soisgeul. Oir tha Isaias a g-radh: A Thighearna, co chreid ga ʼr n-eisdeachd-ne?
17
Uime sin tha creideamh bho eisdeachd, agus an eisdeachd tromh fhacal Chriosta.
18
Ach tha mi g-radh: Nach cual iad? Chuala gu dearbh, chaidh am fuaim a mach air feadh an t-saoghail gu leir, ʼs am briathran gu iomall a chruinne-ché.
19
Ach tha mi g-radh: An e nach bʼ aithne do Israel? Tha Maois an toiseach a cantuinn: Brosnaichidh mi gu eud sibh le feadhainn nach eil ʼnan cinneadh: us le cinneadh aimideach cuiridh mi fearg oirbh.
20
Ach tha Isaias a gabhail danadais, ʼsa g-radh: Fhuaireadh mi leo-san nach robh gam shireadh: us nochd mi mi fhein gu follaiseach dhaibh-san nach robh farraid air mo shon.
21
Ach tha e g-radh ri Israel: Fad an latha shìn mi mach mo lamhan do phobull nach eil a creidsinn, ʼsa tha cur am aghaidh.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16