bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Romans 3
Romans 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 4 →
1
Ciod e ma ta barrachd an Iudhaich? no ciod e math an timchioll-ghearraidh?
2
Is mor sin sa h-uile doigh. An toiseach gu dearbh, a chionn gur ann riusan a chaidh briathran Dhe earbsadh.
3
Ciod ma ta ma bha cuid dhiu nach do chreid? an dian am mi-chreideamh-san firinn De gun tairbhe? Na leigeadh Dia.
4
Oir tha Dia firinneach: ʼs tha h-uile duine ʼna bhriagadair, mar tha e sgriobhte: Los gum firinnichear thu na dʼ bhriathran, ʼs gum buadhaich thu, nuair a bheirear breth ort.
5
Ach ma bheir an t-ana-ceartas againn cliu do cheartas De, ciod a their sinn? Am beil Dia anaceart, a tha cur feirge an ceill? (tha mi labhairt mar dhuine.)
6
Fad bho sin: air chaochla doigh ciamar a bheir Dia breth air an t-saoghal so?
7
Oir ma tha firinn Dhe a cosnadh leasachadh gloire dhasan bho mʼ bhreigse, car-son a thathas fhathast a toirt breth orm mar pheacach?
8
Ach an aite sin (mar thathas gu briagach a cur as ur leth, ʼs mar tha cuid a g-radh gun abair sinn) dianamaid olc gu math a thighinn as: tha iad sin le ceartas air an diteadh.
9
Ciod a nis? Am beil sinn toirt barrachd orra? Cha n-eil idir. Oir mhìnich sinn cheana, gum beil araon na h-Iudhaich agus na Greigich fo ʼn pheacadh,
10
Mar tha e sgriobhte: Cha n-eil duine ionraic sa bith ann.
11
Cha n-eil a h-aon a tuigsinn, cha n-eil a h-aon a sireadh Dhe.
12
Chlaon iad uile bharr na slighe, dhʼ fhas iad neo-tharbhach gu leir: cha n-eil a h-aon a tha dianamh math, cha n-eil fiu a h-aon.
13
Is uaigh fhosgailte an sgornan, le ʼn teanganan labhair iad gu cealgach: tha nimh nan nathraichean fo ʼm bilean:
14
Tha am bial lan mhollachd us seirbhe:
15
Tha an casan luath gu dortadh fala:
16
Tha sgrios agus truaighe ʼnan slighean:
17
Agus rathad na sithe cha bʼ aithne dhaibh.
18
Cha n-eil eagal De romh ʼn suilean.
19
A nis tha fios againn, ciod air bith a their an lagh, gur h-ann riusan a tha fo ʼn lagh a tha e ga labhairt; gu gach bial a dhunadh, ʼs an saoghal uile a dhianamh striochdte do Dhia:
20
Oir le oibrichean an lagha cha naomhaichear feoil air bith ʼna lathair. Oir ʼsann bho ʼn lagh a tha eolas a pheacaidh.
21
Ach a nis as aonais an lagha tha ceartas De, air an tug an lagh ʼs na faidhean fianuis, air a shoilleireachadh.
22
Seadh, ceartas De tromh chreideamh Iosa Criosta do gach neach ʼs air gach neach, a chreideas ann: chionn cha n-eil eadar-dhealachadh ann:
23
Oir pheacaich iad uile, us tha iad as easbhuidh gloir Dhe.
24
Air dhaibh a bhith air an naomhachadh a nasgaidh le ghrasan, tromh ʼn t-saoradh a thʼ ann an Iosa Criosta,
25
A shonraich Dia ʼna reite tromh chreideamh ʼna fhuil, los a cheartas fhiachuinn le mathanas nam peacannan a chaidh seachad,
26
Tromh fhad-fhulangas De, los a cheartas fhiachuinn san àm so; gus e fhein a bhith ceart, ʼs ga dhianamh-sa ceart, a tha de chreideamh Iosa Criosta.
27
Càite a nis a bheil dʼ uaill? Chuireadh air chul i. Le ciod an lagh? Le lagh nan gniomhran? Cha n-ann: ach le lagh a chreidimh.
28
Oir tha sinn a meas gun naomhaichear duine le creideamh, as aonais oibrichean an lagha.
29
An e Dia nan Iudhach e a mhain? Nach e Dia nan cinneach e mar an ciadna? Seadh nan cinneach mar an ciadna.
30
Oir is aon Dia gu dearbh, a tha naomhachadh an timchioll-ghearraidh le creideamh a gus an neo-thimchioll-ghearraidh tromh chreideamh.
31
A bheil sinn ma ta cur as do ʼn lagh tromh chreideamh? Fad bho sin: ach tha sinn a steidheachadh an lagha.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16