bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Romans 13
Romans 13
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 14 →
1
Biodh a h-uile anam umhailt do na cumhachdan is airde: oir cha n-eil cumhachd ach bho Dhia: ʼs na cumhachdan a thʼann, tha iad air an orduchadh le Dia.
2
Air an aobhar sin esan a chuireas an aghaidh na cumhachd, tha e cur an aghaidh ordugh Dhe. Agus iadsan a chuireas ʼna h-aghaidh, tha iad a cosnadh ditidh dhaibh fhein.
3
Oir cha n-eil prionnsachan ʼnan culaidh-eagail do dheagh ghniomh, ach do dhrochbheart. An aill leat ma ta a bhith gun eagal romh ʼn chumhachd? Dian am math; us gheobh thu moladh bhuaipe:
4
Oir is seirbhiseach Dhe dhut i air son do mhath. Ach ma ni thu an t-olc, gabh eagal: oir cha n-eil i giulan a chlaidhimh gun aobhar. Oir is seirbhiseach Dhe i; ʼna diughladair feirge air-san, a ni olc.
5
Uime sin feumaidh sibh bhith umhailt, cha n-ann a mhain air son feirge, ach air son cogais cuideachd.
6
ʼSann air son so cuideachd a tha sibh a paidheadh cìse: oir is seirbhisich Dhe iad, ri seirbhis air son a cheart aobhair so.
7
Thugaibh ma ta a dhlighe fhein do ʼn h-uile duine: cis dha ʼn dlighe cis; càin dha ʼn dlighe càin; eagal dha ʼn dlighe eagal; ʼonair dha ʼn dlighe onair.
8
Na biodh fiachan aig neach sa bith oirbh, mur bi gun toir sibh gradh dha cheile: oir esan aig a bheil gaol dha choimhearsnach, choimhlion e an lagh.
9
Oir: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Na sanntaich; no ma tha fainte sa bith eile ann, tha i air a toirt a stigh fo ʼn fhacal so: Bheir thu gaol dha dʼ choimhearsnach mar dhut fhein.
10
Cha n-oibrich gaol coimhearsnaich olc. Mar sin se gaol coimhlionadh an lagha.
11
ʼSa g-aithneachadh na h-aimsire: gur mithich dhuinn a nis eirigh á cadal. Oir tha ar sabhaladh a nis nas teinne, na nuair a chreid sinn.
12
Dhʼ fhalbh an oidhche, tha an latha air tighinn faisg. Tilgemid ma ta dhinn oibrichean an dorchadais, agus cuireamaid oirnn armachd an t-soluis.
13
Gluaisemid gu suairc mar san latha: cha n-ann an raoitearachd ʼs am misg, cha n-ann an cuiltearachd ʼs am baois, cha n-ann an comhstri ʼs am farmad:
14
Ach cuiribh oirbh an Tighearna Iosa Criosta, agus na tugaibh a h-ailleas do ʼn choluinn ʼna h-ana-miannan.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16