bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Romans 14
Romans 14
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 15 →
1
A nis gabhaibh ris an fhear a tha lag sa chreideamh, cha n-ann le deaspud mu bharalaichean.
2
Oir tha fear a creidsinn gum faod e a h-uile ni ithe: ach am fear a tha lag, itheadh e luibhean.
3
Na tugadh am fear a tha g-icheadh tàire dhasan nach eil a g-icheadh; ʼs am fear nach eil a g-icheadh, na tugadh e breth air-san a tha g-icheadh: oir ghabh Dia ris.
4
Thusa, co thu a tha toirt breth air seirbhiseach fir eile? Dha mhaighistir fhein seasaidh no tuitidh e: ach seasaidh e: oir tha Dia comasach air a chumail ʼna sheasamh.
5
Oir tha fear a toirt breth eadar latha agus latha: ʼs tha fear eile a toirt an aon bhreth air a h-uile latha; biodh gach duine dìan ʼna bheachd fhein.
6
Am fear a tha gabhail suime de ʼn latha, tha e gabhail suime dheth do ʼn Tighearna: ʼs am fear a tha g-icheadh, tha e g-icheadh do ʼn Tighearna: oir tha e toirt taing do Dhia. ʼS am fear nach eil a g-icheadh, ʼsann do ʼn Tighearna nach eil e a g-icheadh, agus tha e toirt taing do Dhia.
7
Cha n-eil duine againn beo dha fhein, ʼs cha n-eil duine a faighinn a bhàis dha fhein.
8
Oir ma ʼs beo sinn, ʼsann do ʼn Tighearna a tha sinn beo; no ma ʼs bàs duinn, ʼsann do ʼn Tighearna is bàs duinn. Uime sin co-dhiu is beatha, no bàs duinn, is leis an Tighearna sinn.
9
ʼSann air son so fhein a fhuair Criosta bàs ʼsa dhʼ eirich e a rithist, los a bhith ʼna Thighearna air mhairbh ʼs air bheo.
10
Ach ciod h-uige a tha thusa a toirt breth air do bhrathair? No car-son a tha thusa sealltuinn sios air do bhrathair? Oir seasaidh sinn uile air bialaobh cathair-bhreitheanais Chriosta.
11
Oir tha e sgriobhte: Mar is beo mise, os an Tighearna, lubaidh gach glun dhomhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia.
12
Mar sin bheir a h-uile h-aon againn cunntas air a shon fhein do Dhia.
13
A so suas ma ta na tugamaid breth, air a cheile, ach gum bu docha a bhreth so thoirt, nach cuir sibh ceap-tuislidh no sgainneal an rathad ur brathar.
14
Oir is fiosrach agus lan-earbsach mi anns an Tighearna Iosa, nach eil ni air bith neoghlan deth fhein, ach tha e neoghlan dhasan, a tha ga shaoilsinn neoghlan.
15
Ach ma ʼs cuis-dhuilichinn biadh do dʼ bhrathair, cha n-eil thu an sin a g-imeachda reir na carrantachd. Na cuir a dhith le dʼ bhiadh duine air son an dʼ fhuilig Criosta am bàs.
16
Na biodh ma ta ar math fo dhroch iomradh.
17
Oir cha bhiadh ʼs cha dheoch rioghachd Dhe, ach ceartas, agus sith, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.
18
Oir esan a tha dianamh seirbhis do Chriosta unnta so, tha e taitinn ri Dia agus measail aig daoine.
19
Mar so leanamaid na nichean a tha gu sith; agus gleidhemid na nichean a bheir deagh shamhla do gach a cheile.
20
Na cuir as do obair Dhe as leth bhiadh. Oir gu dearbh tha h-uile ni glan: ach is olc e do ʼn duine, a dhʼ icheas le sgainneal.
21
Is math an ni gun fheoil icheadh, ʼs gun fhion ol, no ni eile a dhianamh a bheir oilbheum no sgainneal dha dʼ bhrathair, no a lagaicheas e.
22
Am beil creideamh agad? Biodh e agad dhut fhein an lathair Dhe. Is beannaichte esan nach eil ga dhiteadh fhein san ni sin a tha e meas a bhith ceadaichte dha.
23
Ach esan a bheir an aire, tha e air a dhiteadh, ma dhʼ icheas e: a chionn nach ann bho chreideamh. Oir is peacadh gach ni nach eil bho chreideamh.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16