bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Romans 16
Romans 16
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
1
ʼS tha mi g-earbsa ribh ar peathar Phebe, a tha seirbhiseachadh na h-eaglais a tha an Cenchre;
2
Gun gabh sibh rithe anns an Tighearna, mar a thigeadh do naoimh; ʼs gun cuidich sibh i ann an ni air bith sam bi feum aice oirbh: oir chuidich i fhein moran, agus mise fhein cuideachd.
3
Cuiribh fàilt air Prisca ʼs air Acuila, mo luchd-comhnaidh ann an Iosa Criosta;
4
(A chuir an amhaichean fhein an sàs air son mo bheatha-sa: ʼs cha mhise a mhain a tha toirt taing dhaibh, ach eaglaisean nan cinneach air fad cuideachd),
5
ʼS air an eaglais a tha ʼnan tigh. Cuiribh fàilt air fear mo ghraidh Epenetus, ʼs gur e ciad thoradh Asia ann an Criosta.
6
Cuiribh fàilt air Mairi, a shaothraich moran ʼnur measg.
7
Cuiribh fàilt air Andronicus ʼs air Iunias, mo dhaimhich ʼs mo cho-phriosanaich; a tha ainmeil measg nan ostal, ʼsa bha romhamsa ann an Criosta.
8
Cuiribh fàilt air Ampliatus, aʼs ro ionmhuinn leam anns an Tighearna.
9
Cuiribh fàilt air Urbanus, ar fear-cobhair ann an Iosa Criosta, ʼs air Stachis mo ghraidh.
10
Cuiribh fàilt air Apelles, a tha dearbhte ann an Criosta.
11
Cuiribh fàilt orrasan, a tha de theaghlach Aristoboluis. Cuiribh fàilt air Herodion, mo dhaimheach. Cuiribh fàilt orrasan, a tha de theaghlach Narcissuis, a tha anns an Tighearna.
12
Cuiribh fàilt air Triphéna, ʼs air Triphosa a tha ri saothair anns an Tighearna. Cuiribh fàilt air Persis, fear a mhor ghraidh, a ghabh moran saothair anns an Tighearna.
13
Cuiribh fàilt air Rufus, taghte san Tighearna, ʼs air a mhathair, ʼs mo mhathair fhein.
14
Cuiribh fàilt air Asincritus, Phlegon, Hermas, Patrobas, Hermes, ʼs air na braithrean, a tha maille riu.
15
Cuiribh fàilt air Philologus, us Iulia, air Nereus agus a phiuthar, ʼs air Olimpias, agus air na naoimh uile, a tha maille riu.
16
Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh. Tha eaglaisean Chriosta uile cur bheannachdan gu ʼr n-ionnsuidh.
17
A nis tha mi g-achanaich oirbh, a bhraithrean, sibh a chomharrachadh na feadhnach, a tha togail aimhreite ʼsa toirt sgainneil, a tha an aghaidh an teagaisg a dhʼ ionnsuich sibh, agus seachnaibh iad.
18
Oir iadsan, a tha de ʼn t-seorsa so, cha n-eil iad a seirbhiseachadh Chriosta ar Tighearna, ach am bronna fhein; ʼs le cainnt mhilis agus shodalaich tha iad a mealladh cridheachan nan neochiontach.
19
Ach tha ur n-umhlachdsa air a foillseachadh anns a h-uile h-aite. Uime sin tha toil-inntinn agam asaibh. Ach bu mhath leam sibh a bhith glic sa mhath, ʼs aon-fhillte san olc.
20
ʼS gum brùth Dia na sithe Satan gu h-ealamh fo ʼur casan. Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh.
21
Tha Timoti, mo cho-oibriche, a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh, agus Lucius, agus Iason, agus Sosipater, mo dhaimhich.
22
Tha mise Tertius, a sgriobh an litir so, a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh anns an Tighearna.
23
Tha Caius, aig a bheil mi na mʼ aoidh, a cur fàilt oirbh, mar tha an eaglais uile. Tha Erastus, iuntasair a bhaile, agus Cuartus, brathair, a cur bheannachd h-ugaibh.
24
Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh uile. Amen.
25
A nis dhasan, a ʼs urrainn ur daingneachadh a reir mo shoisgeil-sa ʼsa reir teagasg Iosa Criosta, a reir foillseachadh na mistire a bha am falach bho ʼn t-siorruchd,
26
(Ach a rinneadh a nis soilleir bho sgriobtuirean nam faidhean a reir ordugh an De shiorruidh, gu umhlachd creidimh) aithnichte do ʼn h-uile cinneadh,
27
Do Dhia, glic ʼna aonar, dhasan gun robh tromh Iosa Criosta onair agus gloir fad shaoghal nan saoghal. Amen.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16