bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Samuel 10
1 Samuel 10
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 11 →
1
An sin ghabh Samuel còrn ola, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg e e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gun d’ung an Tighearna thu gu bhith ad cheannard air a oighreachd fhèin?
2
Nuair a dh’imicheas tu an‑diugh uamsa, an sin gheibh thu dithis dhaoine làimh ri uaigh Racheil, ann an crìch Bheniàmin ann an Selsah: agus their iad riut, Fhuaireadh na h‑asail a chaidh thu a dh’iarraidh; agus, feuch, leig d’athair dheth cùram nan asal, agus tha smuairean air mur timcheall‐se, ag ràdh, Ciod a nì mi airson mo mhic?
3
An sin thèid thu air d’aghaidh as a sin, agus thig thu a dh’ionnsaigh còmhnard Thaboir, agus coinnichidh tu an sin triùir dhaoine a’ dol suas a dh’ionnsaigh Dhè gu Betel, aon dhiubh a’ giùlan trì minn, agus aon eile a’ giùlan trì buileannan arain, agus aon eile a’ giùlan searrag fhìona:
4
Agus cuiridh iad fàilte ort, agus bheir iad dhut dà bhuileann arain, agus gabhaidh tu as an làimh iad.
5
Na dhèidh sin thig thu gu cnoc Dhè, far a bheil freiceadain nam Philisteach: agus tàrlaidh, nuair a thig thu an sin don bhaile, gun coinnich thu cuideachd fhàidhean a’ teachd a‑nuas on ionad àrd, le saltair, agus tiompan, agus pìob, agus clàrsach romhpa, agus iad ri fàidheadaireachd:
6
Agus tùirlingidh Spiorad an Tighearna ort, agus nì thu fàidheadaireachd maille riùsan, agus tionndaidhear thu ad dhuine eile.
7
Agus nuair a thig na comharraidhean sin ort, nì thu mar a fhreagras a’ chùis dhut, oir bidh Dia maille riut.
8
Agus thèid thu sìos romhamsa gu Gilgal; agus, feuch, thèid mise sìos ad ionnsaigh, a thoirt suas thabhartasan‐loisgte, agus a dh’ìobradh ìobairtean thabhartasan‐sìth; seachd làithean fanaidh tu, gus an tig mise ad ionnsaigh, agus gun toir mi fios dhut ciod a nì thu.
9
Agus nuair a thionndaidh e a chùl gu falbh o Shamuel, thug Dia dha cridhe eile, agus thàinig na comharraidhean sin uile gu crìch air an là sin fhèin.
10
Agus thàinig e o sin don chnoc; agus, feuch, choinnich cuideachd fhàidhean e; agus thùirling spiorad Dhè air, agus rinn e fàidheadaireachd nam measg.
11
A‑nis nuair a chunnaic iadsan uile a ghabh eòlas air roimhe, feuch, gun do rinn e fàidheadaireachd maille ris na fàidhean, an sin thubhairt an sluagh gach aon ri chèile, Ciod e seo a thàinig air mac Chis? A bheil Saul cuideachd am measg nam fàidhean?
12
Agus fhreagair duine as an àite sin, agus thubhairt e, Ach cò e an athair? Uime sin bha e na ghnàth‐fhacal, A bheil Saul cuideachd am measg nam fàidhean?
13
Agus nuair a chuir e crìoch air fàidheadaireachd a dhèanamh, thàinig e don ionad àrd.
14
Agus thubhairt bràthair‐athar Shauil ris, agus ra òganach, Càit an deachaidh sibh? Agus thubhairt esan, A dh’iarraidh nan asal: agus nuair a chunnaic sinn nach robh iad rim faotainn, thàinig sinn gu Samuel.
15
Agus thubhairt bràthair‐athar Shauil, Innis dhomh, guidheam ort, ciod a thubhairt Samuel ribh.
16
Agus thubhairt Saul ri bràthair a athar, Dh’innis e dhuinn gu cinnteach gun d’fhuaireadh na h‑asail; ach a‑thaobh na rìoghachd, cha d’innis e dha ciod a thubhairt Samuel.
17
Agus ghairm Samuel an sluagh ri chèile a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh;
18
Agus thubhairt e ri cloinn Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thug mi a‑nìos Israel as an Eiphit, agus shaor mi sibh à làimh nan Eiphiteach, agus à làimh nan rìoghachdan uile, a bha a’ dèanamh ainneirt oirbh:
19
Gidheadh, chuir sibhse an‑diugh cùl ri ur Dia, esan a shaor sibh o ur n‑uilc agus ur teanntachdan gu lèir: agus thubhairt sibh, Chan eadh, ach cuiridh tu rìgh os ar cionn. A‑nis uime sin, nochdaibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, a rèir ur treubhan, agus a rèir ur mìltean.
20
Agus nuair a thug Samuel air uile threubhan Israeil teachd am fagas, ghabhadh treubh Bheniàmin.
21
Agus nuair a thug e air treubh Bheniàmin teachd am fagas a rèir an teaghlaichean, ghabhadh teaghlach Mhatri: agus nuair a thug e air teaghlach Mhatri teachd am fagas a lìon fear agus fear, ghabhadh Saul mac Chis: agus nuair a dh’iarr iad e, cha d’fhuaireadh e.
22
Uime sin dh’fhiosraich iad fhathast den Tighearna, an tigeadh an duine fhathast an sin; agus fhreagair an Tighearna, Feuch, dh’fhalaich e e fhèin am measg na h‑àirneis.
23
Agus ruith iad, agus thug iad à sin e: agus nuair a sheas e ann am meadhon an t‑sluaigh, bha e na b’àirde na an sluagh uile, o a ghuaillean agus o sin suas.
24
Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh uile, Am faic sibh esan a thagh an Tighearna, nach eil neach cosmhail ris am measg an t‑sluaigh uile? Agus rinn an sluagh uile iolach, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.
25
An sin dh’innis Samuel don t‑sluagh lagh na rìoghachd, agus sgrìobh e ann an leabhar e, agus thaisg e suas am fianais an Tighearna e: agus leig Samuel an sluagh uile air falbh, gach duine da thaigh.
26
Agus chaidh Saul mar an ceudna dhachaigh gu Gibeah, agus chaidh maille ris daoine treuna, aig an do bhean Dia rin cridhe.
27
Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31