bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Samuel 29
1 Samuel 29
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 28
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 30 →
1
A‑nis chruinnich na Philistich am feachd uile gu Aphec: agus champaich na h‑Israelich làimh ri tobar a tha ann an Iesreel.
2
Agus chaidh tighearnan nam Philisteach air an aghaidh nan ceudan agus nam mìltean: ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine air an aghaidh air dheireadh maille ri Achis.
3
An sin thubhairt ceannardan nam Philisteach, Ciod a tha na h‑Eabhraidhich sin a’ dèanamh an seo? Agus thubhairt Achis ri ceannardan nam Philisteach, Nach e seo Daibhidh, seirbhiseach Shauil, rìgh Israeil, a bha maille riumsa na làithean seo, no na bliadhnachan seo, agus cha d’fhuair mi cron sam bith ann on là anns an tàinig e am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh?
4
Agus bha fearg air ceannardan nam Philisteach ris; agus thubhairt ceannardan nam Philisteach ris, Thoir air an fhear seo tilleadh, a‑chum gun tèid e a‑rìs da àit a dh’òrdaich thu dha, agus na rachadh e sìos maille rinne don chath, air eagal gum bi e na nàmhaid againn anns a’ chath: oir cia leis a dhèanadh e a rèite ra mhaighstir? Nach ann le cinn nan daoine sin?
5
Nach e seo Daibhidh, mun do chan iad le chèile ann an dannsan, ag ràdh, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean?
6
An sin ghairm Achis air Daibhidh, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn, mar as beò an Tighearna, bha thu dìreach, agus is taitneach am shùilean‐sa do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach maille rium anns a’ champ; oir cha d’fhuair mi olc annad, on là anns an tàinig thu am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh; gidheadh, ann an sùilean nan rìghrean chan eil thu taitneach.
7
A‑nis matà till, agus imich ann an sìth, a‑chum nach dèan thu nì a tha olc ann an sùilean tighearnan nam Philisteach.
8
Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ach ciod a rinn mi, agus ciod a fhuair thu ann ad sheirbhiseach on chiad là a bha mi maille riut gu ruig an là‑an‑diugh, nach faod mi dol a chogadh an aghaidh naimhdean mo thighearna, an rìgh?
9
Agus fhreagair Achis agus thubhairt e ri Daibhidh, Tha fhios agam gu bheil thu math; ann am shùilean‐sa tha thu mar aingeal Dhè: gidheadh, thubhairt tighearnan nam Philisteach, Cha tèid e suas maille rinne don chath.
10
A‑nis matà èirich gu moch anns a’ mhadainn maille ri seirbhisich do mhaighstir, a thàinig maille riut; agus cho luath is a dh’èireas sibh anns a’ mhadainn, agus a bhios solas agaibh, imichibh.
11
Uime sin rinn Daibhidh agus a dhaoine moch‐eirigh a‑chum gum falbhadh iad anns a’ mhadainn, agus gun tilleadh iad gu tìr nam Philisteach; agus chaidh na Philistich suas gu Iesreel.
← Chapter 28
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 30 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31