bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Samuel 12
1 Samuel 12
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 13 →
1
Agus thubhairt Samuel ri Israel uile, Feuch, dh’èisd mi ri ur guth anns gach nì a thubhairt sibh rium, agus rinn mi rìgh os ur cionn.
2
Agus a‑nis, feuch, tha an rìgh ag imeachd romhaibh: agus tha mise aosmhor agus air fàs liath, agus, feuch, tha mo mhic maille ribh: agus ghluais mise nur fianais om òige gus an là‑an‑diugh.
3
Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.
4
Agus thubhairt iadsan, Cha do rinn thu foill oirnne, cha mhò a ghabh thu nì air bith o làimh aon duine.
5
Agus thubhairt e riu, Tha an Tighearna na fhianais nur n‑aghaidh, agus tha a Aon ungte na fhianais an‑diugh, nach d’fhuair sibh am làimh‐sa nì sam bith. Agus fhreagair iadsan, Tha e na fhianais.
6
Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Is e an Tighearna a thog suas Maois agus Aaron, agus a thug ur n‑athraichean a‑nìos à tìr na h‑Eiphit.
7
A‑nis uime sin seasaibh, a‑chum gun toir mi breith oirbh an làthair an Tighearna, a‑thaobh uile ghnìomharan cearta an Tighearna, a rinn e dhuibhse agus dur n‑athraichean.
8
Nuair a thàinig Iàcob a‑steach don Eiphit, agus a ghlaodh ur n‑athraichean ris an Tighearna, an sin chuir an Tighearna dan ionnsaigh Maois agus Aaron, a thug ur n‑athraichean a‑mach as an Eiphit, agus a thug orra còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo.
9
Agus nuair a dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia, thug e thairis iad do làimh Shisera, ceannard armailt Hasoir, agus do làimh nam Philisteach, agus do làimh rìgh Mhòaib; agus chog iad nan aghaidh.
10
Agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, do bhrìgh gun do thrèig sinn an Tighearna, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim agus Astarot; ach a‑nis saor sinn à làimh ar naimhdean, agus nì sinn seirbhis dhut.
11
Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte.
12
Agus nuair a chunnaic sibh gun tàinig Nahas, rìgh chloinn Amoin, nur n‑aghaidh, thubhairt sibh riumsa, Chan eadh, ach rìoghaichidh rìgh os ar cionn: nuair a b’e an Tighearna ur Dia ur rìgh.
13
A‑nis uime sin, feuch an rìgh a thagh sibh, agus a dh’iarr sibh: agus feuch, chuir an Tighearna rìgh os ur cionn.
14
Ma bhios eagal an Tighearna oirbh, agus ma nì sibh seirbhis dha, agus ma dh’èisdeas sibh ra ghuth, agus nach dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh sibh fhèin tèarainte, agus mar an ceudna an rìgh a rìoghaicheas os ur cionn an dèidh an Tighearna ur Dia.
15
Ach mura èisd sibh ri guth an Tighearna, agus gun dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh làmh an Tighearna nur n‑aghaidh‐se, mar a bha i an aghaidh ur n‑athraichean.
16
A‑nis uime sin seasaibh agus faicibh an nì mòr seo, a nì an Tighearna fa chomhair ur sùl.
17
Nach eil foghar a’ chruithneachd ann an‑diugh? Gairmidh mise air an Tighearna, agus cuiridh e a‑nuas tàirneanach agus uisge, a‑chum gun tuig agus gum faic sibh gu bheil ur n‑olc mòr, a rinn sibh ann an sealladh an Tighearna, le rìgh iarraidh dhuibh fhèin.
18
Agus ghairm Samuel air an Tighearna; agus chuir an Tighearna a‑nuas tàirneanach agus uisge air an là sin: agus ghabh an sluagh uile eagal mòr ron Tighearna, agus ro Shamuel.
19
Agus thubhairt an sluagh uile ri Samuel, Dèan ùrnaigh airson do sheirbhiseach ris an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bàsaich sinn: oir chuir sinn ri ar peacaidhean uile an t‑olc seo, rìgh iarraidh dhuinn fhèin.
20
Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh: (rinn sibh an t‑olc seo uile: gidheadh na tionndaidhibh a thaobh on Tighearna a leantainn, ach dèanaibh seirbhis don Tighearna le ur n‑uile chridhe;
21
Agus na tionndaidhibh a thaobh an dèidh nithean faoine, nach bi a‑chum tairbhe dhuibh, agus nach saor sibh; oir is faoineas iad:)
22
Oir cha trèig an Tighearna a shluagh, air sgàth a mhòr‐ainme fhèin; do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna ur dèanamh nur sluagh dha fhèin.
23
Ach air mo shon‐sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.
24
A‑mhàin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann am fìrinn le ur n‑uile chridhe: oir faicibh cia mòr na nithean a rinn e air ur son.
25
Ach ma bhuanaicheas sibh ann an droch dhèanadas, sgriosar araon sibh fhèin agus ur rìgh.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31