bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Samuel 24
1 Samuel 24
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 25 →
1
Agus nuair a bha Saul air tilleadh o leantainn nam Philisteach, dh’innseadh dha, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ann am fàsach En‑gedi.
2
An sin ghabh Saul trì mìle fear taghte à Israel uile, agus chaidh e a dh’iarraidh Dhaibhidh agus a dhaoine air aghaidh creagan nam fiadh‐ghobhar.
3
Agus thàinig e a dh’ionnsaigh mainnirean nan caorach làimh ris an t‑slighe, far an robh uaimh: agus chaidh Saul a‑steach a chòmhdachadh a chas: agus dh’fhan Daibhidh agus a dhaoine ann an taobhan na h‑uamha.
4
Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, an là mun dubhairt an Tighearna riut, Feuch, bheir mi thairis do nàmhaid dod làimh, a‑chum gun dèan thu ris mar as àill leat. An sin dh’èirich Daibhidh, agus gheàrr e air falbh iomall fallaing Shauil os ìosal.
5
Agus na dhèidh sin bhuail cridhe Daibhidh e, a chionn gun do gheàrr e air falbh iomall fallaing Shauil.
6
Agus thubhairt e ra dhaoine, Nar leigeadh Dia gun dèanainn‐sa an nì seo rim thighearna, aon ungte an Tighearna, mo làmh a shìneadh a‑mach na aghaidh, o is e aon ungte an Tighearna e.
7
Agus chaisg Daibhidh a dhaoine leis na briathran sin, agus cha do leig e leo èirigh an aghaidh Shauil. Ach dh’èirich Saul suas as an uaimh, agus dh’imich e air a shlighe.
8
Agus dh’èirich Daibhidh suas an dèidh sin, agus chaidh e a‑mach as an uaimh, agus ghlaodh e an dèidh Shauil, ag ràdh, Mo thighearna, a rìgh. Agus nuair a dh’amhairc Saul na dhèidh, chrom Daibhidh e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd.
9
Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Carson a tha thu ag èisdeachd ri briathran dhaoine, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ag iarraidh do chron?
10
Feuch, air an là‑an‑diugh chunnaic do shùilean cionnas a thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh anns an uaimh: agus dh’iarr cuid orm do mharbhadh, ach chaomhain mo shùil thu, agus thubhairt mi, Cha chuir mi mo làmh a‑mach an aghaidh mo thighearna; oir is e aon ungte an Tighearna e.
11
Agus faic, O athair, eadhon faic iomall d’fhallainge am làimh: do bhrìgh nuair a gheàrr mi air falbh iomall d’fhallainge nach do mharbh mi thu, biodh fhios agad agus faic nach eil aon chuid olc no easaontas am làimh, agus nach do pheacaich mi ad aghaidh; gidheadh tha thu a’ sealg air m’anam, a‑chum a ghlacadh.
12
Gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa, agus gun dìoladh an Tighearna mise ort: ach cha bhi mo làmh‐sa ort.
13
Mar a their gnàth‐fhacal nan sean‐fhear, O na h‑aingidh thig aingidheachd; ach cha bhi mo làmh‐sa ort.
14
Cò an dèidh an tàinig rìgh Israeil a‑mach? Cò air a bheil thu an tòir? An dèidh coin mhairbh, an dèidh deargainne?
15
Uime sin biodh an Tighearna na bhritheamh, agus thugadh e breith eadar mise agus thusa, agus faiceadh e, agus tagradh e mo chùis, agus saoradh e mi as do làimh.
16
Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air na briathran sin a labhairt ri Saul, an sin thubhairt Saul, An e seo do ghuth, a mhic, a Dhaibhidh? Agus thog Saul suas a ghuth, agus ghuil e.
17
Agus thubhairt e ri Daibhidh, Is tusa as fìrinniche na mise; oir dhìol thusa math dhòmhsa, ach dhìol mise olc dhutsa.
18
Agus nochd thu an‑diugh cionnas a bhuin thu gu math rium; do bhrìgh, nuair a thug an Tighearna thairis mi dod làimh, nach do mharbh thu mi.
19
Oir nuair a gheibh duine a nàmhaid, an leig e as gu math e? Uime sin gun dìoladh an Tighearna math dhutsa airson na rinn thu dhòmhsa an‑diugh.
20
Agus a‑nis, feuch, tha fhios agam gum bi thu gu cinnteach ad rìgh, agus gun daingnichear rìoghachd Israeil ad làimh:
21
Uime sin mionnaich dhòmhsa air an Tighearna nach geàrr thu as mo shliochd am dhèidh, agus nach sgrios thu m’ainm à taigh m’athar.
22
Agus mhionnaich Daibhidh do Shaul: agus chaidh Saul dhachaigh; ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas don daingneach.
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 25 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31