bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Samuel 26
1 Samuel 26
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 27 →
1
Agus thàinig na Siphich a dh’ionnsaigh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin ann an sliabh Hachilah fa chomhair Iesimoin?
2
An sin dh’èirich Saul, agus chaidh e sìos gu fàsach Shiph, agus maille ris trì mìle fear taghte de Israel, a dh’iarraidh Dhaibhidh ann am fàsach Shiph.
3
Agus champaich Saul ann an sliabh Hachilah, a tha fa chomhair Iesimoin air an t‑slighe: ach dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach, agus chunnaic e gun tàinig Saul na dhèidh don fhàsach.
4
Uime sin chuir Daibhidh a‑mach luchd‐rannsachaidh, agus thuig e gun tàinig Saul da‑rìribh.
5
Agus dh’èirich Daibhidh, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an àit anns an do champaich Saul; agus chunnaic Daibhidh an t‑àit anns an robh Saul na laighe, agus Abner mac Neir, ceannard a armailte: agus laigh Saul an taobh a‑staigh den chlais‐bhlàir, agus champaich an sluagh ma thimcheall.
6
An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e ri Ahimelech an Hiteach, agus ri Abisai mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò a thèid sìos maille riumsa a dh’ionnsaigh Shauil don champ? Agus thubhairt Abisai, Thèid mise sìos maille riut.
7
Uime sin thàinig Daibhidh agus Abisai a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh anns an oidhche; agus, feuch, laigh Saul na chadal an taobh a‑staigh den chlais‐bhlàir, agus a shleagh sàthte anns an talamh aig a cheann‐adhairt: ach laigh Abner agus an sluagh mun cuairt air.
8
An sin thubhairt Abisai ri Daibhidh, Thug Dia thairis do nàmhaid an‑diugh dod làimh: a‑nis uime sin, leig leam a bhualadh, guidheam ort, leis an t‑sleagh a dh’ionnsaigh na talmhainn aon uair, agus cha bhuail mi e an dara uair.
9
Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, Na marbh e; oir cò a shìneas a‑mach a làmh an aghaidh aon ungte an Tighearna, agus a bhios neo‐chiontach?
10
Thubhairt Daibhidh mar an ceudna, Mar as beò an Tighearna, buailidh an Tighearna e, no thig a là anns am faigh e bàs, no thèid e sìos don chath agus tuitidh e.
11
Nar leigeadh an Tighearna gun sìninn‐sa a‑mach mo làmh an aghaidh aon ungte an Tighearna: ach a‑nis gabh, guidheam ort, an t‑sleagh a tha aig a cheann‐adhairt agus an soitheach uisge, agus bitheamaid ag imeachd.
12
Agus ghabh Daibhidh an t‑sleagh agus an soitheach‐uisge o cheann‐adhairt Shauil, agus dh’imich iad romhpa, agus cha robh neach ann a chunnaic sin, no aig an robh fios air, no a mhosgail; oir bha iad uile nan cadal, do bhrìgh gun do thuit cadal trom on Tighearna orra.
13
An sin chaidh Daibhidh thairis don taobh eile, agus sheas e air mullach slèibh fad as, le astar mòr eatorra:
14
Agus ghlaodh Daibhidh ris an t‑sluagh, agus ri Abner mac Neir, ag ràdh, Nach freagair thu, Abneir? Agus fhreagair Abner, agus thubhairt e, Cò thusa, a tha a’ glaodhaich ris an rìgh?
15
Agus thubhairt Daibhidh ri Abner, Nach fear treun thusa, agus cò as cosmhail riut ann an Israel? Carson matà nach do choimhead thu do thighearna, an rìgh, oir thàinig aon den t‑sluagh a‑steach a mharbhadh an rìgh, do thighearna?
16
Chan eil an nì seo math a rinn thu: mar as beò an Tighearna, tha sibh a’ toilltinn a’ bhàis, do bhrìgh nach do ghlèidh sibh ur maighistir, aon ungte an Tighearna: agus a‑nis faic càit a bheil sleagh an rìgh, agus an soitheach‐uisge, a bha aig a cheann‐adhairt.
17
Agus dh’aithnich Saul guth Dhaibhidh, agus thubhairt e, An e seo do ghuth‐sa, a mhic, a Dhaibhidh? Agus thubhairt Daibhidh, Is e mo ghuth‐sa a tha ann, mo thighearna, a rìgh.
18
Agus thubhairt e, Carson a tha mo thighearna air tòir a’ sheirbhisich, oir ciod a rinn mi, no ciod an t‑olc a tha ann am làimh?
19
A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.
20
A‑nis, matà, na tuiteadh m’fhuil a dh’ionnsaigh na talmhainn ann am fianais an Tighearna; oir thàinig rìgh Israeil a‑mach a dh’iarraidh deargainne, mar a ruaigeas fear cearc‐choille anns na beanntan.
21
An sin thubhairt Saul, Pheacaich mi: till, a mhic, a Dhaibhidh, oir cha dèan mi cron ort tuilleadh, a chionn gu robh m’anam luachmhor ad shùilean an‑diugh: feuch, rinn mi gu h‑amaideach, agus chaidh mi air seachran gu ro‑mhòr.
22
Agus fhreagair Daibhidh agus thubhairt e, Feuch, sleagh an rìgh: agus thigeadh aon de na h‑òganaich a nall agus gabhadh e i.
23
Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a rèir a ionracais agus a fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh‐sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a‑mach an aghaidh aon ungte an Tighearna.
24
Agus, feuch, mar a mheasadh d’anam‐sa gu mòr leamsa an‑diugh, mar sin biodh m’anam‐sa air a mheas gu mòr leis an Tighearna, agus saoradh e mi as gach gàbhadh.
25
Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Beannaichte gu robh thusa, a mhic, a Dhaibhidh: an dà chuid nì thu nithean mòra, agus mar an ceudna bheir thu gu cinnteach buaidh. Agus dh’imich Daibhidh air a shlighe, agus thill Saul da àite fhèin.
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 27 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31