bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Samuel 27
1 Samuel 27
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 28 →
1
Agus thubhairt Daibhidh na chridhe, A‑nis tuitidh mi là‑eigin an làimh Shauil: chan eil nì air bith as fheàrr dhomh na mi a dhol as gu luath do dhùthaich nam Philisteach, a‑chum gun leig Saul dheth mise iarraidh nas mò ann an crìch air bith de Israeil, agus gun tèid mi as o a làimh.
2
Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e thairis agus an sia ceud fear a bha maille ris, a dh’ionnsaigh Achis mhic Mhaoich, rìgh Ghat.
3
Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh maille ri Achis ann an Gat, e fhèin agus a dhaoine, gach fear le a theaghlach, Daibhidh agus a dhà mhnaoi, Ahinoam a’ bhan‐Iesreeleach, agus Abigail a’ bhan‐Charmeleach, bean Nàbeil.
4
Agus dh’innseadh do Shaul gun do theich Daibhidh gu Gat; agus cha d’iarr e nas mò air a shon.
5
Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shùilean, thugar dhomh àit ann am baile‐eigin anns an dùthaich, a‑chum gun gabh mi còmhnaidh an sin: oir carson a ghabhadh do sheirbhiseach còmhnaidh anns a’ bhaile rìoghail maille riutsa?
6
An sin thug Achis dha Siclag air an là sin: uime sin buinidh Siclag do rìghrean Iùdah gus an là‑an‑diugh.
7
Agus b’e fad na h‑aimsir a dh’fhan Daibhidh ann an dùthaich nam Philisteach, bliadhna iomlan agus ceithir mìosan.
8
Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas, agus bhris iad a‑steach air na Gesuraich, agus na Geserich, agus na h‑Amalecich: oir b’iadsan o shean luchd‐àiteachaidh na tìre, mar a thèid thu gu Sur, eadhon gu tìr na h‑Eiphit.
9
Agus bhuail Daibhidh an tìr, agus cha d’fhàg e fear no bean beò; agus thug e leis na caoraich, agus am buar, agus na h‑asail, agus na càmhail, agus an t‑aodach; agus thill e, agus thàinig e gu Achis.
10
Agus thubhairt Achis, Càit an do bhris sibh a‑steach an‑diugh? Agus thubhairt Daibhidh, Air an taobh deas de Iùdah, agus air an taobh deas de na Ierahmeelich, agus air an taobh deas de na Cenich.
11
Agus fear no bean cha do leig Daibhidh as beò, a thoirt sgeula gu Gat, ag ràdh, Air eagal gun innseadh iad oirnn, ag ràdh, Mar seo rinn Daibhidh. Agus mar seo bha a sheòl rè na h‑aimsir a dh’fhan e ann an dùthaich nam Philisteach.
12
Agus chreid Achis Daibhidh, ag ràdh, Thug e air a shluagh Israel gràin mhòr a ghabhail dheth: uime sin bidh e na sheirbhiseach agamsa gu bràth.
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 28 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31