bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Samuel 21
1 Samuel 21
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 22 →
1
An sin thàinig Daibhidh gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich an sagart: agus bha eagal air Ahimeleich a’ coinneachadh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Carson a tha thu ad aonar, agus nach eil duine sam bith maille riut?
2
Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech an sagart, Dh’àithn an rìgh gnothach dhòmhsa, agus thubhairt e rium, Na biodh fios aig duine sam bith a‑thaobh a’ ghnothaich ma bheil mise gad chur uam, agus a dh’àithn mi dhut: agus dh’òrdaich mi dom òganaich dol a dh’ionnsaigh a leithid seo agus a leithid siud de àite.
3
A‑nis uime sin ciod a tha fod làimh? Thoir dhomh còig buileannan arain am làimh, no ge bè nì a tha an làthair.
4
Agus fhreagair an sagart Daibhidh, agus thubhairt e, Chan eil aran coitcheann sam bith fom làimh, ach tha aran coisrigte ann; ma ghlèidh na h‑òganaich iad fhèin air bheag sam bith o mhnathan.
5
Agus fhreagair Daibhidh an sagart, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn chumadh mnathan uainne na trì làithean seo, o thàinig mise a‑mach, agus tha soithichean nan òganach naomh; agus tha an t‑aran coitcheann air chor, eadhon ged naomhaicheadh e an‑diugh anns an t‑soitheach.
6
Uime sin thug an sagart dha aran naomh; oir cha robh aran sam bith an sin ach aran na fianais, a thugadh à fianais an Tighearna, gu aran teth a chur sìos anns an là anns an tugadh air falbh e.
7
A‑nis bha duine àraidh de sheirbhisich Shauil an sin air an là sin, air a chumail an làthair an Tighearna; agus b’e a ainm Doeg, Edomach, am fear a b’àirde de na buachaillean a bhuineadh do Shaul.
8
Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech, Agus nach eil an seo fod làimh sleagh no claidheamh? Oir cha tug mi aon chuid mo chlaidheamh no m’airm eile leam, a chionn gu robh gnothach an rìgh cabhagach.
9
Agus thubhairt an sagart, Claidheamh Gholiath, am Philisteach, a mharbh thu ann an gleann Elah, feuch, tha e an seo paisgte ann an aodach air cùlaibh na h‑èphoid: ma ghabhas tu sin dhut fhèin, gabh e; oir chan eil claidheamh sam bith eile ach e an seo. Agus thubhairt Daibhidh, Chan eil a leithid eile ann, thoir dhomh e.
10
Agus dh’èirich Daibhidh, agus theich e air an là sin à fianais Shauil, agus chaidh e gu Achis rìgh Ghat.
11
Agus thubhairt seirbhisich Achis ris, Nach e seo Daibhidh, rìgh na tìre? Nach ann ma thimcheall‐san a chan iad le chèile ann an dannsan, ag ràdh, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean?
12
Agus thaisg Daibhidh suas na briathran sin na chridhe, agus bha eagal mòr air ro Achis rìgh Ghat.
13
Agus dh’atharraich e a ghiùlan nam fianais, agus leig e air fhèin a bhith air a’ chuthach nan làmhan, agus sgrìob e air còmhlachan a’ gheata, agus leig e le a shileadh tuiteam sìos air a fheusaig.
14
An sin thubhairt Achis ra sheirbhisich, Feuch, chì sibh gu bheil an duine air a’ chuthach: carson matà a thug sibh am ionnsaigh‐sa e?
15
A bheil feum agamsa air daoine air a’ chuthach, gun tugadh sibh am fear seo gu bhith air a’ chuthach am làthair? An tig am fear seo a‑steach dom thaigh‐sa?
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 22 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31