bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Samuel 16
1 Samuel 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 17 →
1
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.
2
Agus thubhairt Samuel, Cionnas a dh’fhalbhas mi? Oir cluinnidh Saul, agus marbhaidh e mi. Agus thubhairt an Tighearna, Thoir agh leat, agus abair, A dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi.
3
Agus gairm air Iese a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte, agus bheir mise fios dhut ciod a nì thu: agus ungaidh tu dhòmhsa esan a dh’ainmicheas mi dhut.
4
Agus rinn Samuel an nì sin a labhair an Tighearna, agus thàinig e gu Betlehem: agus chriothnaich seanairean a’ bhaile ra theachd, agus thubhairt iad, An ann an sìth a tha thu a’ teachd?
5
Agus thubhairt esan, Ann an sìth: a dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi: naomhaichibh sibh fhèin, agus thigibh maille rium a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte. Agus naomhaich e Iese agus a mhic, agus ghairm e iad a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte.
6
Agus nuair a thàinig iad, dh’amhairc e air Eliab, agus thubhairt e, Gu cinnteach am fianais an Tighearna tha a aon ungte‐san.
7
Ach thubhairt an Tighearna ri Samuel, Na amhairc air a ghnùis, no air àirde a phearsa, a chionn gun do chuir mise cùl ris; oir chan fhaic an Tighearna mar a chì duine; oir amhaircidh an duine air coslas an taoibh a‑muigh, ach amhaircidh an Tighearna a‑steach air a’ chridhe.
8
An sin ghairm Iese air Abinadab, agus thug e air gabhail seachad fa chomhair Shamueil: agus thubhairt e, Cha mhò a thagh an Tighearna e seo.
9
An sin thug Iese air Samah dol seachad: agus thubhairt e, Cha mhò a thagh an Tighearna e seo.
10
An sin thug Iese air seachdnar de a mhic dol seachad fa chomhair Shamueil: agus thubhairt Samueil ri Iese, Cha do thagh an Tighearna iad seo.
11
Agus thubhairt Samuel ri Iese, A bheil do mhic uile an seo? Agus thubhairt esan, Dh’fhàgadh fhathast am mac as òige, agus, feuch, tha e ag ionaltradh nan caorach. Agus thubhairt Samuel ri Iese, Cuir fios air, agus thoir an seo e: oir cha suidh sinn sìos gus an tig e an seo.
12
Agus chuir e fios air, agus thug e a‑steach e: a‑nis bha e ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis, agus maiseach ri amharc air. Agus thubhairt an Tighearna, Eirich, ung e; oir is e seo esan.
13
Agus ghabh Samuel an còrn ola, agus dh’ung e e am measg a bhràithrean: agus thùirling spiorad an Tighearna air Daibhidh, on là sin a‑mach. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah.
14
Ach dh’fhalbh spiorad an Tighearna o Shaul, agus chuir droch spiorad on Tighearna buaireas air.
15
Agus thubhairt seirbhisich Shauil ris, Feuch a‑nis, tha droch spiorad o Dhia a’ cur buaireis ort.
16
Thugadh a‑nis ar tighearna àithne dod sheirbhisich a tha ann ad fhianais, gun iarr iad a‑mach duine a chluicheas gu h‑ealanta air clàrsaich: agus nuair a bhios an droch spiorad o Dhia ort, an sin cluichidh esan le a làimh, agus bidh tusa gu math.
17
Agus thubhairt Saul ra sheirbhisich, Faighibh a‑nis dhomh duine a chluicheas gu math, agus thugaibh am ionnsaigh e.
18
An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear‐cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.
19
Uime sin chuir Saul teachdairean a dh’ionnsaigh Iese, agus thubhairt e, Cuir am ionnsaigh Daibhidh do mhac, a tha maille ris na caoraich.
20
Agus ghabh Iese asal luchdaichte le aran, agus searrag fhìona, agus meann de na gobhair, agus chuir e iad le làimh Dhaibhidh a mhac a dh’ionnsaigh Shauil.
21
Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Shauil, agus sheas e na fhianais; agus ghràdhaich e gu mòr e, agus bha e aige na fhear‐iomchair a arm.
22
Agus chuir Saul teachdaire a dh’ionnsaigh Iese, ag ràdh, Seasadh, guidheam ort, Daibhidh am fhianais; oir fhuair e deagh‐ghean am shùilean.
23
Agus nuair a bha an droch spiorad o Dhia air Saul, an sin ghabh Daibhidh clàrsach, agus chluich e le a làimh: agus bha fois aig Saul, agus bha e gu math; oir dh’fhalbh an droch spiorad uaithe.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31