bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Samuel 30
1 Samuel 30
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 31 →
1
Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine;
2
Agus thug iad leo nam braighdean na mnathan a bha ann: cha do mharbh iad neach air bith, aon chuid beag no mòr, ach thug iad leo iad, agus dh’imich iad air an slighe.
3
Agus thàinig Daibhidh agus a dhaoine don bhaile, agus, feuch, bha e loisgte le teine; agus thugadh am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan, air falbh ann am braighdeanas.
4
An sin thog Daibhidh agus an sluagh a bha maille ris an guth, agus ghuil iad, gus nach robh neart annta gu gul na b’fhaide.
5
Agus thugadh dà mhnaoi Dhaibhidh air falbh nam braighdean, Ahinoam a’ bhan‐Iesreeleach, agus Abigail bean Nàbeil, an Carmeleach.
6
Agus bha Daibhidh ann an teanntachd mhòir; oir labhair an sluagh ma chlachadh, do bhrìgh gu robh anam an t‑sluaigh uile air a chràdh, gach duine airson a chuid mhac, agus airson a nigheanan: ach ghabh Daibhidh misneach dha fhèin anns an Tighearna a Dhia.
7
Agus thubhairt Daibhidh ri Abiatar an sagart, mac Ahimeleich, Thoir am ionnsaigh an seo, guidheam ort, an èphod; agus thug Abiatar an èphod an sin a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.
8
Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan.
9
Agus dh’imich Daibhidh, e fhèin agus an sia ceud fear a bha maille ris, agus thàinig iad gu ruig an sruth Besor, far an d’fhan iadsan a dh’fhàgadh nan dèidh.
10
Agus chaidh Daibhidh air an tòir, e fhèin agus ceithir cheud fear: ach dh’fhan dà cheud fear nan dèidh, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad dol thar an t‑sruth Besor.
11
Agus fhuair iad Eiphiteach anns a’ mhachair, agus thug iad e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thug iad dha aran, agus dh’ith e; agus thug iad air uisge òl;
12
Agus thug iad dha mìr de mheall fhìgean, agus dà bhagaid de fhìon‐dhearcan tiormaichte; agus nuair a dh’ith e thàinig a spiorad a‑rìs da ionnsaigh: oir cha d’ith e aran agus cha d’òl e uisge rè trì làithean agus trì oidhchean.
13
Agus thubhairt Daibhidh ris, Cò leis thu, agus cia as a thàinig thu? Agus thubhairt esan, Is òganach Eiphiteach mi, seirbhiseach do Amaleceach; agus dh’fhàg mo mhaighistir mi, do bhrìgh gu robh mi tinn o chionn trì làithean.
14
Bhris sinn a‑steach air taobh deas nan Cereteach, agus air a’ chrìch a bhuineas do Iùdah, agus air taobh deas Chàleib, agus loisg sinn Siclag le teine.
15
Agus thubhairt Daibhidh ris, An toir thu sìos mi a dh’ionnsaigh na buidhne sin? Agus thubhairt esan, Mionnaich dhomh air Dia, nach marbh thu mi, agus nach toir thu thairis mi do làimh mo mhaighistir, agus bheir mi sìos thu a dh’ionnsaigh na buidhne sin. Agus mhionnaich Daibhidh dha.
16
Agus nuair a thug e sìos e, feuch, sgaoileadh iad air aghaidh na tìre uile, ag ithe agus ag òl, agus a’ dannsa, airson na creiche mòire uile a thug iad leo à tìr nam Philisteach, agus à tìr Iùdah.
17
Agus bhuail Daibhidh iad o bhriseadh na fàire gu ruig feasgar an là màireach; agus cha deachaidh duine dhiubh as, ach ceithir cheud òganach a mharcaich air càmhail, agus a theich.
18
Agus shaor Daibhidh gach nì a thug na h‑Amalecich leo: agus shaor Daibhidh a dhà mhnaoi.
19
Agus cha robh nì air bith a dhìth orra, aon chuid beag no mòr, mic no nigheanan, no creach, no nì air bith a thug iad leo: bhuin Daibhidh gach nì air ais.
20
Agus ghabh Daibhidh an treud uile, agus am buar: agus dh’imich iad ron sprèidh seo, agus thubhairt iad, Is i seo creach Dhaibhidh.
21
Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh an dà cheud fear, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad Daibhidh a leantainn, agus air an tug iad fantainn aig an t‑sruth Besor: agus chaidh iad a‑mach an coinneamh an t‑sluaigh a bha maille ris: agus nuair a thàinig Daibhidh am fagas don t‑sluagh, chuir e fàilte orra.
22
An sin fhreagair na droch dhaoine uile, agus daoine Bheliail, dhiubhsan a chaidh maille ri Daibhidh, agus thubhairt iad, Do bhrìgh nach deachaidh iad maille rinne, cha toir sinn dhaibh a’ bheag den chreich a shaor sinn, ach a‑mhàin do gach duine a bhean agus a chlann, a‑chum gun toir iad leo iad, agus gun imich iad.
23
An sin thubhairt Daibhidh, Cha dèan sibh mar sin, mo bhràithrean, ris na thug an Tighearna dhuinn, a ghlèidh sinn, agus a thug a’ bhuidheann a thàinig nar n‑aghaidh thairis dar làimh.
24
Agus cò a dh’èisdeas ribh anns a’ chùis seo? Ach mar chuibhreann an tì a thèid sìos don chath, mar sin bidh cuibhreann an tì a dh’fhanas maille ris an àirneis; bidh an cuibhreann co‑ionann.
25
Agus bha e mar sin on là sin a‑mach gun do rinn e na lagh e agus na riaghailt aig Israel gus an là‑an‑diugh.
26
Agus nuair a thàinig Daibhidh gu Siclag, chuir e cuid den chreich a dh’ionnsaigh seanairean Iùdah, eadhon a dh’ionnsaigh a chàirdean, ag ràdh, Feuch, tìodhlac dhuibh de chreich naimhdean an Tighearna:
27
Dhaibhsan a bha ann am Betel, agus dhaibhsan a bha ann an Ramot mu dheas, agus dhaibhsan a bha ann an Iater,
28
Agus dhaibhsan a bha ann an Aroer, agus dhaibhsan a bha ann an Siphmot, agus dhaibhsan a bha ann an Estemoa,
29
Agus dhaibhsan a bha ann an Rachal, agus dhaibhsan a bha ann am bailtean nan Ierahmeeleach, agus dhaibhsan a bha ann am bailtean nan Ceneach,
30
Agus dhaibhsan a bha ann an Hormah, agus dhaibhsan a bha ann an Atach,
31
Agus dhaibhsan a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean sin uile anns am bu ghnàth le Daibhidh agus a dhaoine tathaich.
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 31 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31