bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Chronicles 12
2 Chronicles 12
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 13 →
1
Agus nuair a dhaingnicheadh rìoghachd Rehobòaim, agus a dh’fhàs e cumhachdach, thrèig e lagh an Tighearna, agus Israel uile maille ris.
2
Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de rìgh Rehobòam, thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim (a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna),
3
Le mìle agus dà cheud carbad, agus le trì‐fichead mìle marcaiche: agus bha an sluagh gun àireamh a thàinig maille ris as an Eiphit; na Lubaich, na Sucaich, agus na h‑Etiopaich.
4
Agus ghlac e na bailtean daingnichte a bhuineadh do Iùdah, agus thàinig e gu Ierusalem.
5
An sin thàinig Semaiah am fàidh gu Rehobòam, agus gu uachdarain Iùdah, a bha air cruinneachadh gu Ierusalem air eagal Shisaic, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’fhàg sibhse mise, agus air an adhbhar sin dh’fhàg mise sibhse ann an làimh Shisaic.
6
An sin dh’irioslaich uachdarain Israeil agus an rìgh iad fhèin, agus thubhairt iad, Tha an Tighearna ceart.
7
Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun d’irioslaich iad iad fhèin, thàinig facal an Tighearna gu Semaiah, ag ràdh, Dh’irioslaich iad iad fhèin; cha sgrios mi iad, ach bheir mi dhaibh càil‐eigin de shaorsa; agus cha taomar mo chorraich a‑mach air Ierusalem le làimh Shisaic.
8
Gidheadh, bidh iad nan seirbhisich aige, agus bidh aithne aca air mo sheirbhis‐sa, agus air seirbhis rìoghachdan nan dùthchannan.
9
Uime sin thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim, agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis an t‑iomlan: thug e leis mar an ceudna na targaidean òir a rinn Solamh.
10
Agus rinn rìgh Rehobòam targaidean umha nan àite, agus thug e thairis iad do làimh ceannardan an fhreiceadain, a ghlèidh doras taigh an rìgh.
11
Agus nuair a chaidh an rìgh a‑steach do thaigh an Tighearna, thàinig am freiceadan agus thog iad iad, agus thug iad air an ais iad gu seòmar an fhreiceadain.
12
Agus nuair a dh’irioslaich e e fhèin, thionndaidh corraich an Tighearna uaithe, a‑chum nach sgriosadh e e gu tur. Agus mar an ceudna ann an Iùdah bha nithean gu math.
13
Agus dhaingnich rìgh Rehobòam e fhèin ann an Ierusalem, agus rìghich e. A‑nis bha Rehobòam aon agus dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e seachd‐bliadhna‑deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna a‑mach à uile threubhan Israeil a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, Ban‐Amonach.
14
Agus rinn e olc, a chionn nach d’ullaich e a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna.
15
A‑nis gnìomharan Rehobòaim, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Shemaiah am fàidh, agus Ido am fear‐seallaidh, mu thimcheall ghinealach? Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile.
16
Agus chaidil Rehobòam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Abiah a mhac na àite.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36