bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Chronicles 16
2 Chronicles 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 17 →
1
Anns an t‑siathamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de rìoghachadh Asa, thàinig Baasa rìgh Israeil a‑nìos an aghaidh Iùdah, agus thog e Ramah, a‑chum nach leigeadh e le neach air bith dol a‑mach no teachd a‑steach gu Asa rìgh Iùdah.
2
An sin thug Asa a‑mach airgead agus òr à ionmhasan taigh an Tighearna agus taigh an rìgh, agus chuir e teachdairean gu Benhadad rìgh Shiria a bha a chòmhnaidh an Damascas, ag ràdh,
3
Biodh coicheangal eadar mise agus thusa, mar a bha eadar m’athair‐sa agus d’athair‐sa: feuch, chuir mi ad ionnsaigh airgead agus òr; falbh, bris do choicheangal ri Baasa rìgh Israeil, a‑chum gun imich e uam.
4
Agus dh’èisd Benhadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailt a bha aige an aghaidh bailtean Israeil; agus bhuail iad Ion, agus Dan, agus Abel‐maim, agus uile bhailtean‐ionmhais Naphtali.
5
Agus nuair a chuala Baasa sin, leig e dheth Ramah a thogail, agus sguir e da obair.
6
An sin thug Asa an rìgh leis Iùdah uile; agus thug iad leo clachan Ramah, agus a fhiodh, leis an robh Baasa a’ togail; agus thog e leo Geba, agus Mispah.
7
Agus anns an àm sin thàinig Hanani am fear‐seallaidh gu Asa rìgh Iùdah, agus thubhairt e ris, A chionn gun d’earb thu à rìgh Shiria, agus nach d’earb thu as an Tighearna do Dhia, uime sin tha armailt rìgh Shiria air dol as od làimh.
8
Nach robh an h‑Etiopaich agus na Lubaich nan sluagh lìonmhor, le ro‑mhòran charbad agus marc‐shluaigh? Gidheadh a chionn gun d’earb thu as an Tighearna thug e thairis dod làimh iad.
9
Oir tha sùilean an Tighearna ag amharc a‑null agus a‑nall air feadh na talmhainn uile, a‑chum e fhèin a nochdadh làidir as an leth‐san, aig a bheil cridhe iomlan da thaobh. Rinn thu gu h‑amaideach an seo; air an adhbhar sin o seo a‑mach bidh cogadh ad aghaidh.
10
An sin bha fearg air Asa ris an fhear‐sheallaidh, agus chuir e ann an taigh‐prìosain e, a chionn gu robh e ann an corraich ris a‑thaobh an nì seo. Agus rinn Asa ainneart air cuid den t‑sluagh anns an àm sin.
11
Agus, feuch, gnìomharan Asa, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil.
12
Agus dh’fhàs eucail air Asa na chasan anns an naoidheamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de a rìoghachadh, gus an tàinig a eucail gu àirde mhòir: gidheadh na eucail cha d’iarr e an Tighearna, ach na lighichean.
13
Agus chaidil Asa maille ra athraichean, agus dh’eug e anns a’ chiad bliadhna agus dà‑fhichead de a rìoghachadh.
14
Agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin, a rinn e air a shon fhèin ann am baile Dhaibhidh, agus chuir iad na laighe e ann an leabaidh, a lìonadh le nithean cùbhraidh, agus le iomadh gnè ola air an deasachadh le ealadhain an lèigh: agus rinn iad dha losgadh ro‑mhòr.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36