bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Chronicles 3
2 Chronicles 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 4 →
1
Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar‐bualaidh Ornain an t‑Iebusach.
2
Agus thòisich e air togail air an dara mìos, anns a’ cheathramh bliadhna de a rìoghachadh.
3
Agus is iad seo na nithean a shuidhicheadh le Solamh a‑chum taigh Dhè a thogail: am fad ann an làmhan‐coille, a rèir a’ chiad tomhais, trì‐fichead làmh‐choille, agus an leud fichead làmh‐choille.
4
Agus an sgàth‐thaigh a bha air beulaibh an taighe, fichead làmh‐choille a fhad, a rèir leud an taighe, agus ceud agus fichead làmh‐choille a àirde: agus chòmhdaich e thairis e air an taobh a‑staigh le òr fìorghlan.
5
Agus an taigh mòr chòmhdaich e le fiodh giuthais, agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, agus thug e air craobhan‐pailme èirigh suas air, agus slabhraidhean.
6
Agus sgeadaich e an taigh le clachan uasal air sgàth sgèimhe; agus b’e an t‑òr òr Pharbhaim.
7
Agus chòmhdaich e thairis an taigh, na sailthean, na puist, agus a bhallachan, agus a dhorsan, le òr; agus gheàrr e ceruban air na ballachan.
8
Agus rinn e an taigh as ro‑naoimhe: a fhad a rèir leud an taighe, fichead làmh‐choille, agus a leud fichead làmh‐choille: agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, a thàinig gu sia ceud tàlann.
9
Agus b’e cothrom nan tàirngean leth‐cheud secel òr; agus chòmhdaich e thairis na seòmraichean uachdarach le òr.
10
Agus anns an taigh as ro‑naoimhe rinn e dà cherub de obair sho‐ghluaiste, agus chòmhdaich e thairis le òr iad.
11
Agus bha sgiathan nan cerub fichead làmh‐choille air fad: aon sgiath còig làmhan‐coille, a’ ruigheachd gu balla an taighe; agus an sgiath eile còig làmhan‐coille, a’ ruigheachd gu sgiath a’ cheruib eile:
12
Agus sgiath a’ cheruib eile còig làmhan‐coille, a’ ruigheachd gu balla an taighe; agus an sgiath eile còig làmhan‐coille, tàthte ri sgiath a’ cheruib eile.
13
Sgaoil sgiathan nan cerub sin iad fhèin a‑mach fichead làmh‐choille: agus sheas iad air an casan, agus an aghaidhean ris an taobh a‑staigh.
14
Agus rinn e am brat de ghorm, agus de chorcar, agus de dhearg, agus de anart grinn, agus dh’obraich e ceruban air.
15
Agus rinn e air beulaibh an taighe dà phost còig‐lamhan‐coille‐deug ar fhichead air àirde, agus an ceann a bha air mullach gach aoin dhiubh còig làmhan‐coille.
16
Agus rinn e slabhraidhean, mar anns a’ ghuth‐àite, agus chuir e iad air mullach nam post; agus rinn e ceud pomgranat, agus chuir e iad air na slabhraidhean.
17
Agus chuir e suas na puist air beulaibh an teampaill, aon air an làimh dheis, agus aon air an làimh chlì. Agus thug e Iachin mar ainm air a’ phost air an làimh dheis, agus Bòas mar ainm a’ phost air an làimh chlì.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36