bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Chronicles 19
2 Chronicles 19
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 20 →
1
Agus thill Iehosaphat rìgh Iùdah a dh’ionnsaigh a thaighe ann an sìth gu Ierusalem.
2
Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear‐seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.
3
Ach fhuaireadh nithean matha annad, a‑thaobh gun do chuir thu air falbh na doireachan as an tìr, agus gun d’ullaich thu do chridhe a dh’iarraidh Dhè.
4
Agus ghabh Iehosaphat còmhnaidh ann an Ierusalem: agus chaidh e a‑mach a‑rìs air feadh an t‑sluaigh, o Bheer‐sèba gu sliabh Ephraim, agus thug e air an ais iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia an athraichean.
5
Agus shuidhich e britheamhan anns an tìr, air feadh uile bhailtean daingnichte Iùdah, anns gach baile fa leth.
6
Agus thubhairt e ris na britheamhan, Thugaibh an aire ciod a nì sibh, oir chan ann airson duine a tha sibh a’ tabhairt breith, ach airson an Tighearna; agus tha e fhèin maille ribh anns a’ bhreitheanas.
7
A‑nis, matà, biodh eagal an Tighearna oirbh: thugaibh an aire agus bithibh a’ dèanamh; oir maille ris an Tighearna ar Dia chan eil euceart, no bàidh ri neach seach a chèile, no gabhail duaise.
8
Agus mar an ceudna ann an Ierusalem shuidhich Iehosaphat cuid de na Lèbhithich, agus de na sagartan, agus de chinn‐theaghlach Israeil, airson breitheanas an Tighearna, agus gu connsachadh a chrìochnachadh nuair a thill iad gu Ierusalem.
9
Agus thug e sparradh dhaibh, ag ràdh, Mar seo nì sibh ann an eagal an Tighearna, ann an ionracas, agus le cridhe iomlan.
10
Agus ge bè cùis a thig dur n‑ionnsaigh o ur bràithrean a tha a chòmhnaidh nam bailtean, eadar fuil agus fuil, eadar lagh agus àithne, reachdan agus breitheanais, bheir sibh rabhaidh dhaibh nach dèan iad easaontas an aghaidh an Tighearna, agus gun tig fearg oirbhse agus air ur bràithrean: dèanaibh mar seo, agus cha chiontaich sibh.
11
Agus, feuch, tha Amariah an t‑àrd‐shagart os ur cionn ann an uile ghnothaichean an Tighearna; agus Sebadiah mac Ismaeil na cheannard air taigh Iùdah ann an uile ghnothaichean an rìgh; agus na Lèbhithich nan luchd‐riaghlaidh nur fianais. Bithibh misneachail, agus dèanaibh; agus bidh an Tighearna maille ris a’ mhath.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36