bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Chronicles 2
2 Chronicles 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 3 →
1
Agus shònraich Solamh taigh a thogail do ainm an Tighearna, agus taigh da rìoghachd.
2
Agus dh’àireamh Solamh a‑mach deich agus trì‐fichead mìle fear‐iomchair eallach, agus ceithir fichead mìle fear‐gearraidh anns a’ bheinn, agus trì mìle agus sia ceud a shealltainn thairis orra.
3
Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa:
4
Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith‐bhuain, agus airson ìobairtean‐loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd‐fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel.
5
Agus bidh an taigh a thogas mise mòr: oir is mòr ar Dia‑ne os cionn nan uile dhiathan.
6
Ach cò as urrainn taigh a thogail dha, nuair nach cùm na nèamhan, no nèamhan nan nèamh, e? Agus cò mise gun togainn dha taigh, ach a‑mhàin a losgadh ìobairtean na fhianais?
7
A‑nis matà cuir am ionnsaigh duine, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, agus ann an iarann, agus ann an corcar, agus ann an dearg, agus ann an gorm, agus a tha eòlach air gearradh gu grinn maille ris na daoine ealanta a tha maille riumsa ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem, a sholair Daibhidh m’athair.
8
Cuir am ionnsaigh mar an ceudna craobhan seudair, craobhan giuthais, agus craobhan alguim o Lebanon: oir tha fhios agam gu bheil do sheirbhisich eòlach air fiodh a ghearradh ann an Lebanon: agus, feuch, bidh mo sheirbhisich‐sa maille rid sheirbhisich‐sa,
9
Eadhon a dheasachadh dhomh fiodha ann am pailteas; oir bidh an taigh a tha mise gus a thogail mòr agus iongantach.
10
Agus, feuch, bheir mi dod sheirbhisich, na gearradairean a ghearras fiodh, fichead mìle tomhas de chruithneachd buailte, agus fichead mìle tomhas eòrna, agus fichead mìle bat fìona, agus fichead mìle bat ola.
11
Agus fhreagair Huram rìgh Thìruis ann an sgrìobhadh, a chuir e a dh’ionnsaigh Sholaimh, A chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna da shluagh, rinn e thusa ad rìgh os an cionn.
12
Thubhairt Huram mar an ceudna, Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil a rinn nèamh agus talamh, a thug do Dhaibhidh an rìgh mac glic, aig a bheil eòlas agus tuigse, a thogadh taigh don Tighearna, agus taigh da rìoghachd.
13
Agus a‑nis chuir mi ad ionnsaigh duine eòlach, aig a bheil tuigse, a bha aig Huram m’athair;
14
Mac mnà de nigheanan Dhain, agus a athair na dhuine o Thìrus, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, ann an umha, ann an iarann, ann an cloich, agus ann am fiodh, ann an corcar, ann an gorm, agus ann an anart grinn, agus ann an dearg; agus air gearradh gach gnè gearraidh, agus air dealbhadh gach nì innleachdaich a chuirear fa chomhair, maille rid dhaoine ealanta‑sa, agus daoine ealanta mo thighearna, Daibhidh d’athair.
15
A‑nis air an adhbhar sin an cruithneachd, agus an t‑eòrna, an ola, agus am fìon, air an do labhair mo thighearna, cuireadh e iad a dh’ionnsaigh a sheirbhiseach:
16
Agus gearraidh sinne fiodh à Lebanon, a rèir gach feum a bhios agad; agus bheir sinn ad ionnsaigh e na ràthan air muir gu Iopa; agus bheir thusa suas e gu Ierusalem.
17
Agus dh’àireamh Solamh na coigrich uile a bha ann an tìr Israeil, an dèidh an àireamh leis an d’àireamh Daibhidh a athair iad; agus fhuaireadh ann dhiubh ceud agus leth‐cheud mìle agus trì mìle agus sia ceud.
18
Agus rinn e trì‐fichead agus deich mìle dhiubh nan luchd‐iomchair eallach, agus ceithir‐fichead mìle nan gearradairean anns an t‑sliabh, agus trì mìle agus sia ceud nan luchd‐amhairc‐thairis a thoirt air an t‑sluagh obair a dhèanamh.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36