bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Chronicles 4
2 Chronicles 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 5 →
1
Agus rinn e altair umha: fichead làmh‐choille a fad, agus fichead làmh‐choille a leud, agus deich làmhan‐coille a h‑àirde.
2
Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan‐coille o bhile gu bile, cruinn mun cuairt, agus còig làmhan‐coille a h‑àirde; agus chuartaich snàthainn deich làmhan‐coille ar fhichead i mun cuairt.
3
Agus foidhpe bha coslas dhamh, a chuartaich i mun cuairt, deich anns an làmh‐choille a’ dol mu thimcheall na mara mun cuairt. Thilgeadh dà shreath dhamh nuair a thilgeadh i fhèin.
4
Sheas i air dà‑dhamh‐dheug, trì ag amharc gu tuath, agus trì ag amharc an iar, agus trì ag amharc gu deas, agus trì ag amharc an ear: agus chuireadh a’ mhuir orra gu h‑àrd, agus bha a’ chuid‐dheiridh dhiubh uile a‑staigh.
5
Agus bha leud boise air tighead innte, agus bha a bile air a dhèanamh mar bhile cupain, le blàthan lilidh: ghabh i agus chùm i trì mìle bat.
6
Agus rinn e deich soithichean‐ionnlaid, agus chuir e còig dhiubh air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì, a dh’ionnlad annta: nithean na h‑ìobairt‐loisgte nigh iad annta; ach bha a’ mhuir airson nan sagart, a dh’ionnlad innte.
7
Agus rinn e deich coinnleirean òir, a rèir an cumaidh, agus chuir e iad anns an teampall, còig air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì.
8
Agus rinn e deich bùird, agus chuir e iad anns an teampall, còig air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì: agus rinn e ceud cuach òir.
9
Agus rinn e cùirt nan sagart, agus a’ chùirt mhòr, agus dorsan airson na cùirte, agus chòmhdaich e an dorsan thairis le umha.
10
Agus chuir e a’ mhuir air an taobh deas den cheann an ear, fa chomhair na h‑àird a deas.
11
Agus rinn Huram na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan; agus chuir Huram crìoch air dèanamh na h‑obrach a rinn e do rìgh Solamh ann an taigh Dhè:
12
Eadhon an dà phost, agus na cuairtean, agus na cinn a bha air mullach an dà phuist, agus an dà lìon‐obair a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air mullach nam post:
13
Agus ceithir cheud pomgranat don dà lìon‐obair; dà shreath phomgranat do gach lìon‐obair, a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann, a bha air na puist.
14
Agus rinn e buinn, agus rinn e soithichean‐ionnlaid air na buinn:
15
Aon mhuir, agus dà‑dhamh‐dheug foidhpe:
16
Agus na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na greimichean feòla, agus an uidheam uile, rinn Huram do rìgh Solamh ann an taigh an Tighearna de umha lìomhte.
17
Ann an còmhnard Iòrdain thilg an rìgh iad, anns an talamh chreadha eadar Sucot agus Seredatah.
18
Agus rinn Solamh an t‑uidheam seo uile ann am mòr‐phailteas: oir cha robh e comasach cudthrom an umha fhaghail a‑mach.
19
Agus rinn Solamh an t‑uidheam uile a bhuineadh do thaigh Dhè, agus an altair òir, agus na bùird air an robh aran na fianais;
20
Agus na coinnleirean maille rin lòchrain a‑chum gun loisgeadh iad a rèir a’ ghnàtha air beulaibh a’ ghuth‐àite, de òr fìorghlan;
21
Agus na blàthan, agus na lòchrain, agus na clobhachan, de òr, eadhon den òr a bu ghlaine;
22
Agus na smàladairean; agus na cuachan, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan;
23
Agus dol a‑steach an taighe, a dhorsan a b’fhaide a‑staigh aig an ionad as ro‑naoimhe, agus dorsan taigh an teampaill de òr.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36