bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Chronicles 14
2 Chronicles 14
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 15 →
1
Agus chaidil Abiah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh; agus rìghich Asa a mhac na àite. Na làithean‐san bha an tìr sàmhach deich bliadhna.
2
Agus rinn Asa an nì a bha math agus ceart ann an sùilean an Tighearna a Dhia:
3
Oir chuir e air falbh altairean nan diathan coimheach, agus na h‑àitean àrda, agus bhris e sìos na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan;
4
Agus dh’àithn e do Iùdah an Tighearna, Dia an athraichean, iarraidh, agus an lagh a ghleidheadh, agus an àithne.
5
Chuir e air falbh mar an ceudna à uile bhailtean Iùdah na h‑àitean àrda, agus na dealbhan. Agus bha an rìoghachd sàmhach na làthair.
6
Agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah: oir bha an tìr sìochail, agus cha robh cogadh aige anns na bliadhnachan sin; oir thug an Tighearna fois dha.
7
Uime sin thubhairt e ri Iùdah, Togamaid na bailtean seo, agus dèanamaid mun cuairt orra ballachan, le tùir, geatachan, agus crainn, nuair a tha an tìr fhathast romhainn: oir dh’iarr sinne an Tighearna ar Dia; dh’iarr sinn e, agus thug e fois dhuinn air gach taobh. Uime sin thog e iad, agus shoirbhich leo.
8
Agus bha aig Asa armailt de dhaoine a dh’iomchair sgiath agus sleagh, à Iùdah trì cheud mìle, agus à Beniàmin, a dh’iomchair targaid agus a tharraing bogha dà cheud agus ceithir fichead mìle; iad sin uile nan daoine treuna gaisgeil.
9
Agus thàinig a‑mach nan aghaidh Serah an t‑Etiopach le armailt mìle de mhìltean, agus trì cheud carbad, agus thàinig e gu Maresah.
10
Agus chaidh Asa a‑mach na aghaidh, agus chuir iad an cath an òrdagh ann an gleann Shephatah aig Maresah.
11
Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm‐sa thèid sinn an aghaidh na mòr‐chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.
12
Agus bhuail an Tighearna na h‑Etiopaich ro Asa, agus ro Iùdah: agus theich na h‑Etiopaich.
13
Agus lean Asa agus an sluagh a bha maille ris iad gu Gèrar: agus thuit de na h‑Etiopaich uiread is nach robh tuilleadh neirt aca: oir sgriosadh iad ron Tighearna agus ro a fheachd: agus thug iad leo ro‑mhòran creiche.
14
Agus bhuail iad na bailtean uile mun cuairt air Gèrar, oir bha eagal an Tighearna orra; agus chreach iad na bailtean uile, oir bha mòran creiche annta.
15
Agus bhuail iad mar an ceudna bùthan na sprèidhe, agus thug iad leo caoraich ann am pailteas, agus càmhail; agus thill iad gu Ierusalem.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36