bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Chronicles 17
2 Chronicles 17
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 18 →
1
Agus rìghich Iehosaphat a mhac na àite, agus neartaich e e fhèin an aghaidh Israeil.
2
Agus chuir e feachd ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus chuir e freiceadain ann an tìr Iùdah, agus ann am bailtean Ephraim, a ghlac Asa a athair.
3
Agus bha an Tighearna maille ri Iehosaphat, a chionn gun do ghluais e ann an ciad shlighean Dhaibhidh a athair, agus nach d’iarr e a dh’ionnsaigh Bhàalim;
4
Ach gun d’iarr e a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia a athar, agus gun do ghluais e na àitheantan, agus cha b’ann a rèir dèanadas Israeil:
5
Uime sin dhaingnich an Tighearna an rìoghachd na làimh; agus thug Iùdah uile tìodhlacan gu Iehosaphat: agus bha aige beartas agus urram ann am pailteas.
6
Agus dh’àrdaicheadh a chridhe ann an slighean an Tighearna; agus mar an ceudna chuir e air falbh na h‑àitean àrda agus na doireachan à Iùdah.
7
Agus anns an treas bliadhna de a rìoghachadh chuir e cuid de a uachdarain, Benhail, agus Obadiah, agus Sechariah, agus Netaneel, agus Micaiah, a theagasg ann am bailtean Iùdah.
8
Agus maille riùsan na Lèbhithich, Semaiah, agus Netaniah, agus Sebadiah, agus Asahel, agus Semiramot, agus Iehonatan, agus Adoniah, agus Tobiah, agus Tob‐adoniah, Lèbhithich uile; agus maille riùsan Elisama, agus Iehoram, na sagartan.
9
Agus theagaisg iad ann an Iùdah, agus leabhar lagh an Tighearna aca, agus chaidh iad mun cuairt air feadh uile bhailtean Iùdah, agus theagaisg iad an sluagh.
10
Agus bha eagal an Tighearna air uile rìoghachdan nan tìrean a bha mun cuairt air Iùdah, agus cha do chog iad ri Iehosaphat.
11
Agus thug cuid de na Philistich tìodhlacan do Iehosaphat, agus airgead cìse: mar an ceudna thug na h‑Arabaich da ionnsaigh sprèidh, seachd mìle agus seachd ceud reithe, agus seachd mìle agus seachd ceud boc‐goibhre.
12
Agus dh’fhàs Iehosaphat gu h‑anabarrach mòr: agus thog e ann an Iùdah caistealan agus bailtean‐ionmhais.
13
Agus bha mòran obrach aige ann am bailtean Iùdah, agus fir‐chogaidh, daoine comasach gaisgeil ann an Ierusalem.
14
Agus seo an àireamh, a rèir taigh an athraichean: de Iùdah, ceannardan mhìltean: Adnah an ceannard, agus maille ris daoine comasach gaisgeil, trì cheud mìle.
15
Agus na dhèidh‐san Iehohanan an ceannard, agus maille ris dà cheud agus ceithir‐fichead mìle.
16
Agus na dhèidh‐san Amasiah mac Shichri, a thug e fhèin suas don Tighearna, agus maille ris dà cheud mìle fear comasach gaisgeil.
17
Agus de Bheniàmin: Eliada fear comasach gaisgeil, agus maille ris daoine armaichte le bogha agus le targaid, dà cheud mìle.
18
Agus na dhèidh‐san Iehosabad, agus maille ris ceud agus ceithir‐fichead mìle, deas gu cogadh.
19
Bha iad sin a’ feitheamh air an rìgh, a bhàrr orrasan a chuir an rìgh anns na bailtean daingnichte air feadh Iùdah uile.
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36