bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Chronicles 33
2 Chronicles 33
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 34 →
1
Dà‑bhliadhna‑dheug a dh’aois bha Manaseh nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig‐bliadhna‑deug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem.
2
Ach rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.
3
Oir thog e suas a‑rìs na h‑àitean àrda a sgrios Heseciah a athair, agus chuir e suas altairean do Bhàalim, agus rinn e doireachan, agus shleuchd e do uile shlòigh nan nèamh, agus rinn e seirbhis dhaibh.
4
Agus thog e altairean ann an taigh an Tighearna, mun dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem bidh m’ainm‐sa gu bràth.
5
Agus thog e altairean do uile shlòigh nan nèamh ann an dà chùirt taigh an Tighearna.
6
Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain‐shìth agus luchd‐fiosachd: dh’obraich e mòr‐aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.
7
Agus chuir e dealbh snaidhte, iodhal a rinn e, ann an taigh Dhè, mun dubhairt Dia ri Daibhidh, agus ri Solamh a mhac, Anns an taigh seo, agus ann an Ierusalem, a thagh mi à uile threubhan Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth.
8
Agus cha charaich mi cas Israeil nas mò as an fhearann a dh’òrdaich mi dur n‑athraichean: ma bheir iad a‑mhàin an aire gun dèan iad gach nì a dh’àithn mi dhaibh, a rèir an lagha uile, agus nan reachd, agus nan riaghailt le làimh Mhaois.
9
Mar sin thug Manaseh air Iùdah agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim dol air seachran, gu tuilleadh uilc a dhèanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna ro chloinn Israeil.
10
Agus labhair an Tighearna ri Manaseh, agus ra shluagh; ach chan èisdeadh iad.
11
Uime sin thug an Tighearna orra ceannardan feachd rìgh Asiria: agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhraidhean, agus thug iad leo e gu Bàbilon.
12
Agus nuair a bha e ann an àmhghar dh’iarr e an Tighearna a Dhia, agus dh’irioslaich e e fhèin gu mòr am fianais Dia a athraichean.
13
Agus rinn e ùrnaigh ris, agus rinneadh esan rèidh ris, agus dh’èisd e ra athchuinge, agus thug e air ais e gu Ierusalem da rìoghachd. Agus dh’aithnich Manaseh gur e an Tighearna as Dia ann.
14
Agus na dhèidh seo thog e balla an taobh a‑muigh de bhaile Dhaibhidh, air an taobh an iar de Ghihon anns a’ ghleann, eadhon gu ruig dol a‑steach geata an èisg, agus thug e mun cuairt air Ophel e, agus thog e suas e gu ro‑àrd: agus chuir e ceannardan‐cogaidh ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah.
15
Agus chuir e air falbh na diathan coimheach agus an t‑iodhal à taigh an Tighearna, agus na h‑altairean uile a thog e ann an sliabh taigh an Tighearna, agus ann an Ierusalem, agus thilg e a‑mach as a’ bhaile iad.
16
Agus chàraich e altair an Tighearna, agus dh’ìobair e oirre ìobairtean‐sìthe agus buidheachais, agus dh’àithn e do Iùdah seirbhis a dhèanamh don Tighearna Dia Israeil.
17
Gidheadh, dh’ìobair an sluagh fhathast anns na h‑àitean àrda, ach a‑mhàin don Tighearna an Dia.
18
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhanaseh, agus a ùrnaigh ra Dhia, agus briathran nam fear‐seallaidh a labhair ris ann an ainm an Tighearna Dia Israeil, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil.
19
A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear‐seallaidh.
20
Agus chaidil Manaseh maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e na thaigh fhèin: agus rìghich a mhac Amon na àite.
21
Dà‑bhliadhna‑fichead a dh’aois bha Amon nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e dà bhliadhna ann an Ierusalem.
22
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Manaseh a athair: oir dh’ìobair Amon do na dealbhan snaidhte uile a rinn Manaseh a athair, agus rinn e seirbhis dhaibh:
23
Agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais an Tighearna, mar a dh’irioslaich Manaseh a athair e fhèin; ach mheudaich Amon easaontas.
24
Agus rinn a sheirbhisich ceannairc na aghaidh, agus mharbh iad e na thaigh fhèin.
25
Ach mharbh sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh rìgh Amoin, agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac na rìgh na àite.
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 34 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36