bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Proverbs 11
Proverbs 11
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 12 →
1
Tha meidhean mealltach nan gràinealachd don Tighearna; ach is taitneach leis tomhaisean cearta.
2
Nuair a thig uabhar, thig masladh; ach aig na h‑iriosail tha gliocas.
3
Seòlaidh ionracas nam fìrean iad; ach millidh fiaradh luchd-dòbheairt iad fhèin.
4
Cha bhi tairbhe ann an saoibhreas ann an là na feirge; ach saoraidh fìreantachd on bhàs.
5
Seòlaidh fìreantachd an duine ionraic a shlighe; ach trìd a aingidheachd fhèin tuitidh an t‑aingidh.
6
Saoraidh fìreantachd nan ionraic iad; ach glacar fealltairean nan olc fhèin.
7
Nuair a bhàsaicheas an droch dhuine, thèid as da dhòchas; agus teirigidh dùil luchd-euceirt.
8
Saorar am fìrean o theinn; ach thig an droch dhuine na àite.
9
Le a bheul millidh cealgair a choimhearsnach; ach trìd eòlais saorar na fìreanan.
10
Nuair a dh’èireas gu math do na fìreanan, nì am baile gàirdeachas; agus nuair a sgriosar na h‑aingidh, bidh luathghaire ann.
11
Le beannachadh nan ionraic àrdaichear baile; ach le beul nan aingidh leagar e.
12
Nì esan a tha as eugmhais gliocais tàir air a choimhearsnach; ach bidh fear na tuigse na thosd.
13
Imichidh fear tuaileis mun cuairt a’ foillseachadh nithean diamhair; ach esan a tha fìrinneach na spiorad, ceilidh e nì.
14
Far nach eil comhairle, tuitidh sluagh; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach tha tèarainteachd.
15
Ciùrrar gu goirt esan a bhios an urras air coigreach; ach esan a dh’fhuathaicheas luchd-urrais, bidh e tèarainte.
16
Gheibh bean ghràsail urram; agus cosnaidh daoine làidir saoibhreas.
17
Nì an duine iochdmhor math da anam fhèin; ach esan a tha an‑iochdmhor, claoidhidh e a fheòil fhèin.
18
Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach.
19
Mar seo tha fìreantachd a‑chum beatha; ach esan a leanas an t‑olc, leanaidh e a‑chum a bhàis fhèin e.
20
Is gràinealachd don Tighearna iadsan a tha fiar nan cridhe; ach is taitneach leis iadsan a tha ionraic nan slighe.
21
Ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi an droch dhuine gun pheanas; ach saorar sliochd nam fìrean.
22
Mar fhàinne òir ann an sròin muice, tha bean sgiamhach agus i as eugmhais tuigse.
23
Tha miann nam fìrean a‑mhàin math; ach is e dòchas nan aingidh fearg.
24
Tha neach ann a sgaoileas, agus fàsaidh e nas saoibhire; agus tha e ann a chumas tuilleadh is a tha ceart, ach thig e gu bochdainn.
25
Nìthear an t‑anam fial sultmhor; agus an tì a dh’uisgicheas, uisgichear mar an ceudna e fhèin.
26
Esan a chumas air ais sìol, mallaichidh an sluagh e; ach bidh beannachd air ceann an tì a reiceas.
27
Esan a dh’iarras math gu dùrachdach, gheibh e deagh-ghean; ach an tì a dh’iarras olc, thig e air fhèin.
28
Esan a dh’earbas as a shaoibhreas, tuitidh e; ach mar ghèig, thig na fìreanan fo bhlàth.
29
Esan a chuireas a theaghlach fhèin fo bhuaireas, bidh e na oighre air a’ ghaoith; agus an t‑amadan na sheirbhiseach dhàsan a tha glic na chridhe.
30
Is craobh beatha toradh an fhìrein; agus tha esan a chosnas anaman glic.
31
Feuch, bheirear luigheachd don fhìrean air an talamh: nach mò na sin don aingidh agus don pheacach.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31