bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Proverbs 14
Proverbs 14
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 15 →
1
Cuiridh gach bean ghlic a taigh suas; ach leagaidh a’ bhean amaideach sìos e le a làmhan fhèin.
2
Esan a ghluaiseas na ionracas bidh eagal an Tighearna air; ach esan a tha fiar na shlighean nì e tàir air.
3
Ann am beul an amadain tha slat uabhair; ach gleidhidh bilean nan daoine glice iad.
4
Far nach bi daimh, bidh a’ phrasach glan; ach bidh fàs mòr le neart an daimh.
5
Cha dèan an fhianais dhìleas breug; ach labhraidh an fhianais chealgach breugan.
6
Iarraidh fear na fochaid gliocas, agus chan fhaigh e; ach don tì a thuigeas tha eòlas furasda.
7
Imich à làthair an duine amaidich, nuair nach mothaich thu ann bilean an eòlais.
8
Is e gliocas an duine chiallaich a shlighe a thuigsinn; ach is cealg amaideachd nan amadan.
9
Nì amadain magadh den pheacadh; ach am measg nam fìrean tha deagh-ghean.
10
Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.
11
Tilgear taigh nan aingidh bun-os‑cionn; ach thig pàillean nan ionraic fo bhlàth.
12
Tha slighe ann a chìthear dìreach le duine; ach is iad a crìoch slighean a’ bhàis.
13
Ann an gàire fhèin bidh an cridhe brònach; agus is e deireadh an t‑subhachais sin tùirse.
14
Le a shlighean fhèin lìonar esan a thionndaidh air ais na chridhe; agus uaithe fhèin sàsaichear an duine math.
15
Creididh an duine baoghalta gach facal; ach bheir an duine ciallach an aire da cheum.
16
Bidh eagal air an duine ghlic; agus trèigidh e an t‑olc; ach tha an t‑amadan borb agus dàn.
17
An tì air am bi fearg gu h‑obann, nì e gu h‑amaideach; agus fuathaichear fear nan droch innleachd.
18
Sealbhaichidh daoine baoghalta amaideachd mar oighreachd; ach crùnar na daoine ciallach le eòlas.
19
Cromaidh droch dhaoine an làthair dhaoine matha, agus na h‑aingidh aig geatachan an fhìrein.
20
Eadhon le a choimhearsnach fhèin fuathaichear duine bochd; ach is lìonmhor iad leis an ionmhainn an duine saoibhir.
21
An tì a nì tàir air a choimhearsnach, peacaichidh e; ach is sona an tì a ghabhas truas de na bochdan.
22
Nach tèid iadsan air seachran a dhealbhas an t‑olc? Ach bidh tròcair agus fìrinn acasan a dhealbhas am math.
23
Anns gach saothair bidh tairbhe; ach thig cainnt nam bilean a‑mhàin gu uireasbhaidh.
24
Is e crùn nan daoine glice an saoibhreas; ach is amaideachd amaideachd nan amadan.
25
Saoraidh fianais fhìor anaman; ach labhraidh fianais chealgach breugan.
26
Ann an eagal an Tighearna tha adhbhar earbsa làidir; agus aig a chloinn bidh dìdean.
27
Is e eagal an Tighearna tobar na beatha, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis.
28
Ann an lìonmhorachd sluaigh tha urram an rìgh; ach ann an dìth sluaigh tha milleadh an uachdarain.
29
An tì a tha mall a‑chum feirge, tha e pailt ann an tuigse; ach esan a tha dian na spiorad, àrdaichidh e amaideachd.
30
Is e beatha na feòla cridhe fallain; ach is e lobhadh nan cnàmh am farmad.
31
An tì a shàraicheas am feumach, maslaichidh e a Chruithear; ach bheir an tì sin urram dha, a ghabhas truas den bhochd.
32
Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.
33
Ann an cridhe an duine thuigsich gabhaidh gliocas tàmh; ach aithnichear an nì a tha an taobh a‑staigh nan amadan.
34
Ardaichidh fìreantachd cinneach; ach is e am peacadh masladh sluaigh air bith.
35
Bidh deagh-ghean an rìgh aig seirbhiseach glic; ach bidh a fhearg na aghaidh-san a bhios na adhbhar nàire.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31