bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Proverbs 8
Proverbs 8
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 9 →
1
Nach eil gliocas ag èigheachd? Agus nach eil tuigse a’ cur a‑mach a gutha?
2
Air mullach nan àitean àrda, làimh ris an t‑slighe, ann am meadhon nan rathad tha i na seasamh.
3
Làimh ris na geatachan, aig dol a‑staigh a’ bhaile, far an tigear a‑steach air na dorsan tha i ag èigheach:
4
Ribhse, O fheara, tha mi ag èigheach; agus tha mo ghuth ri cloinn nan daoine.
5
A dhaoine baoghalta, tuigibh gliocas; agus amadana, tuigibh nur cridhe.
6
Eisdibh, oir labhraidh mi air nithean òirdheirc; agus bidh fosgladh mo bhilean air nithean cearta.
7
Oir labhraidh mo bheul fìrinn; agus is gràinealachd aingidheachd dom bhilean.
8
Ann an ceartas tha uile bhriathran mo bheòil; anntasan chan eil nì air bith olc no fiar.
9
Tha iad uile soilleir dhàsan a thuigeas, agus ceart dhaibhsan a gheibh eòlas.
10
Gabhaibh mo theagasg, agus chan e airgead, agus eòlas thar an òir thaghte.
11
Oir is fheàrr gliocas na na clachan luachmhor; agus chan eil na h‑uile nithean a dh’fhaodar a mhiannachadh rin coimeas rithe.
12
Tha mise, gliocas, am chòmhnaidh maille ri cèill, agus tha mi a’ faghail a‑mach eòlais air nithean innleachdach.
13
Is e eagal an Tighearna an t‑olc fhuathachadh; uabhar, agus àrdan, agus an droch shlighe, agus am beul fiar is fuathach leam.
14
Is leamsa comhairle, agus fìor ghliocas: is leamsa tuigse; is leamsa neart;
15
Leamsa rìoghaichidh rìghrean, agus òrdaichidh uachdarain ceartas;
16
Leamsa riaghlaidh uachdarain, agus daoine mòra, uile bhritheamhan na talmhainn.
17
Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.
18
Tha beartas agus urram maille riumsa; saoibhreas maireannach agus fìreantachd.
19
Is fheàrr mo thoradh na òr, eadhon na òr fìorghlan; agus mo theachd-a‑staigh na airgead taghte.
20
Air slighe a’ cheartais treòraichidh mi; ann am meadhon ceuman a’ bhreitheanais;
21
A‑chum gun toir mi orrasan len ionmhainn mi maoin a shealbhachadh; agus lìonaidh mi an ionmhasan.
22
Bha mise aig an Tighearna ann an toiseach a shlighe, ro a obraichean o shean.
23
O shìorraidheachd chuireadh suas mi, on toiseach, mun robh an talamh ann.
24
Mun robh doimhneachdan ann, ghineadh mise; nuair nach robh tobraichean ann, làn de uisgeachan.
25
Mun do shuidhicheadh na beanntan; ro na cnocan ghineadh mise.
26
Mun do rinn e fhathast an talamh, no na machraichean, no a’ chuid as àirde de dhuslach an domhain.
27
Nuair a dheasaich e na nèamhan, bha mi an sin; nuair a tharraing e cuairt air aghaidh na doimhne;
28
Nuair a dhaingnich e an t‑adhar shuas; nuair a neartaich e tobraichean na doimhne;
29
Nuair a thug e a reachd don fhairge, nach rachadh na h‑uisgeachan thar a aithne; nuair a shuidhich e bunaitean na talmhainn;
30
An sin bha mise aige mar neach a dh’altramadh maille ris; agus bu mhi a thlachd gach là, a’ dèanamh gàirdeachais na fhianais an còmhnaidh;
31
A’ dèanamh gàirdeachais anns a’ chuid a dh’àitichear de a thalamh, agus mo thlachd maille ri cloinn nan daoine.
32
A‑nis uime sin, a chlann, èisdibh rium; oir is sona iadsan a ghleidheas mo shlighean.
33
Eisdibh ri teagasg, agus bithibh glic, agus na diùltaibh e.
34
Is beannaichte an duine a dh’èisdeas rium, a’ dèanamh faire aig mo gheatachan gach là, a’ feitheamh aig ursainnean mo dhorsan.
35
Oir esan a gheibh mise, gheibh e beatha, agus gheibh e deagh-ghean on Tighearna.
36
Ach esan a pheacaicheas am aghaidh-sa, nì e cron da anam fhèin: iadsan uile a dh’fhuathaicheas mi, gràdhaichidh iad am bàs.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31