bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Proverbs 13
Proverbs 13
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 14 →
1
Eisdidh mac glic ri teagasg a athar; ach chan èisd fear na fochaid ri achmhasan.
2
De thoradh a bheòil ithidh duine nì math; ach ithidh anam nan eucorach ainneart.
3
Esan a choimheadeas a bheul, gleidhidh e a anam; ach esan a dh’fhosglas a bhilean, thig sgrios air.
4
Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi aige; ach nìthear anam nan dìcheallach sultmhor.
5
Is beag air an fhìrean na breugan; ach fàsaidh an droch dhuine gràineil, agus nàraichear e.
6
Gleidhidh fìreantachd esan a tha ionraic na shlighe; ach claoidhidh aingidheachd am peacach.
7
Tha neach ann a leigeas air a bhith beartach, agus gun nì air bith aige; tha neach ann a leigeas air a bhith bochd, agus mòr shaoibhreas aige.
8
Is e èirig anam duine a shaoibhreas; ach cha chluinn am bochd achmhasan.
9
Nì solas nam fìrean aoibhneach; ach cuirear as lòchran nan aingidh.
10
O uabhar a‑mhàin thig connsachadh; ach aig na daoine a ghabhas deagh chomhairle tha gliocas.
11
Lùghdaichear saoibhreas an dìomhanais; ach esan a chruinnicheas le saothair, meudaichidh e.
12
Nì an dòchas anns an cuirear moille an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann nuair a thig e.
13
Esan a nì tàir air facal, millear e; ach esan air am bi eagal ro àithne, gheibh e luigheachd.
14
Is tobar beatha lagh an duine ghlic, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis.
15
Bheir tuigse mhath deagh-ghean; ach is cruaidh slighe luchd-easaontais.
16
Nì gach duine ciallach a ghnothach le eòlas; ach leigidh an t‑amadan ris a amaideachd.
17
Tuitidh an droch theachdaire ann an olc; ach is slàinte an teachdaire dìleas.
18
Bochdainn agus nàire bidh dhàsan a dhiùltas fòghlam; ach an tì aig am bi meas air achmhasan, gheibh e urram.
19
Is milis don anam am miann a choileanar; ach is beag air amadain dealachadh ris an olc.
20
An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.
21
Leanaidh olc peacaich; ach do na fìreanan ìocar math.
22
Fàgaidh duine math oighreachd aig cloinn a chloinne; ach taisgear don fhìrean maoin a’ pheacaich.
23
Bidh mòran bìdh ann an treabhadh nam bochd; ach bidh neach ann a sgriosar a dhìth breitheanais.
24
An tì a chaoimhneas a shlat, is beag air a mhac; ach an tì leis an ionmhainn e, smachdaichidh e e na thràth.
25
Ithidh am fìrean gu sàsachadh a anama; ach bidh dìth air broinn nan aingidh.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31