bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Proverbs 6
Proverbs 6
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 7 →
1
A mhic, ma tha thu an urras air do charaid, ma bhuail thu do làmh le neach eile,
2
Ribeadh thu le briathran do bheòil; ghlacadh thu le faclan do bheòil.
3
Dèan seo a‑nis, a mhic, agus saor thu fhèin, nuair a thig thu an làimh do charaid; imich, irioslaich thu fhèin, agus dèan cinnteach do charaid.
4
Na toir cadal dod shùilean, no clò cadail dod rosgan.
5
Thoir as thu fhèin mar earb à làimh an t‑sealgair, agus mar eun à làimh an eunadair.
6
Imich a‑chum an t‑seangain, a leisgein; thoir fa‑near a shlighean, agus bi glic:
7
Aig nach eil fear-seòlaidh, fear-amhairc, no luchd-riaghlaidh,
8
A dh’ullaicheas a bhiadh anns an t‑samhradh, agus a chruinnicheas a theachd-an‑tìr anns an fhogharadh.
9
Cia fhad a chaidleas tu, a leisgein? Cuin a dh’èireas tu as do chadal?
10
Fhathast beagan cadail, beagan clò cadail, beagan filleadh nan làmh gu cadal.
11
An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm.
12
Duine nach fiù, fear aingidh, siùbhlaidh e le beul ana-cneasda.
13
Caogaidh e le a shùil, bheir e sanas le a chois, teagaisgidh e le mheòir.
14
Tha aingealtachd na chridhe, tha e a’ dealbhadh uilc a‑ghnàth; togaidh e aimhreit:
15
Uime sin gu h‑obann thig a sgrios; gu grad brisear e, gun leigheas.
16
Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam:
17
Sealladh àrd, teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach;
18
Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh, casan a bhios luath a ruith a‑chum uilc;
19
Fianais bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit eadar bràithrean.
20
A mhic, coimhead àithne d’athar, agus na trèig reachd do mhàthar:
21
Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal.
22
Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut.
23
Oir is lòchran an àithne, agus is solas an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg;
24
A‑chum do ghleidheadh on droch mhnaoi, o mhiodal teanga na mnà coimhich.
25
Na miannaich a sgèimh ann ad chridhe; agus na glacadh i thu le a rosgan.
26
Oir le mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain; agus sealgaidh a’ bhan-adhaltranach air an anam luachmhor.
27
An urrainn duine teine a ghabhail na bhroilleach, agus gun a aodach a bhith air a losgadh?
28
An urrainn duine imeachd air èibhlean tetha, agus gun a chasan a bhith air an losgadh?
29
Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe.
30
Cha dèanar tàir air gadaiche, ma ghoideas e a shàsachadh a anama, nuair a bhios e acrach:
31
Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad.
32
Ach ge bè nì adhaltranas ri mnaoi, tha e gun tuigse: sgriosaidh esan a nì e a anam fhèin.
33
Lot agus mì‑chliù gheibh e; agus a mhasladh cha ghlanar as.
34
Oir is e an t‑eud cuthach an fhir: uime sin cha chaomhain e ann an là an dìoghaltais.
35
Cha bhi suim aige do èirig air bith; cha mhò a thoilichear e, ged bheir thu dha mòran thìodhlacan.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31