bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Proverbs 31
Proverbs 31
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 30
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
1
Briathran rìgh Lemueil, an fhàidheadaireachd a theagaisg a mhàthair dha.
2
Ciod, a mhic? Agus ciod, a mhic mo bhronn? Agus ciod, a mhic mo bhòidean?
3
Na tabhair do neart do mhnathan; no do shlighean don nì a mhilleas rìghrean.
4
Chan eil e airson rìghrean, a Lemueil, chan eil e airson rìghrean fìon òl, no airson uachdarain dèidh a bhith aca air dibh làidir:
5
Air eagal gun òl iad, agus gun dìochuimhnich iad an lagh, agus gun claon iad breitheanas do aon sam bith de chloinn an àmhghair.
6
Thugaibh deoch làidir dhàsan a tha ullamh gu bàsachadh, agus fìon dhaibhsan a tha ann an searbhas anama.
7
Oladh e, agus dìochuimhnicheadh e a bhochdainn, agus na cuimhnicheadh e a thruaighe nas mò.
8
Fosgail do bheul airson an duine bhailbh, ann an cùis nan uile a tha air an òrdachadh a‑chum sgrios.
9
Fosgail do bheul, thoir breith le ceartas, tagair cùis an truaghain agus an fheumaich.
10
Cò a gheibh bean shubhailceach? Oir tha a luach gu mòr os cionn chlach uasal.
11
Earbaidh cridhe a fir aisde, agus cha bhi feum aige air creich.
12
Iocaidh i math dha, agus chan e olc, rè uile làithean a beatha.
13
Iarraidh i olann agus lìon, agus obraichidh i gu toileach le a làmhan.
14
Tha i mar longan nan ceannaichean, bheir i a biadh o thìr chèin.
15
Eiridh i mar an ceudna nuair as i an oidhche a tha fhathast ann, agus bheir i lòn da teaghlach, agus cuibhreann da maighdeannan.
16
Measaidh i achadh, agus ceannaichidh i e: le toradh a làmh suidhichidh i fìonlios.
17
Crioslaichidh i a leasraidh le neart, agus neartaichidh i a gàirdeanan.
18
Mothaichidh i gu bheil a ceannachd math: cha tèid a coinneal as anns an oidhche.
19
Cuiridh i a làmhan air an dealgan, agus gabhaidh glacan a làmh greim den chuigeil.
20
Fosglaidh i a glac don truaghan, agus sìnidh i a làmhan don fheumach.
21
Chan eil eagal oirre ron t‑sneachd airson a teaghlaich; oir tha a teaghlach uile aodaichte le sgàrlaid.
22
Nì i dhi fhèin trusganan de obair ghrèis; de shìoda agus de chorcar tha a h‑aodach.
23
Aithnichear anns na geatachan a fear, nuair a shuidheas e maille ri seanairean na tìre.
24
Nì i lìon-aodach grinn, agus reicidh i e, agus bheir i criosan don cheannaiche.
25
Neart agus urram is aodach dhi; agus nì i gàirdeachas anns an àm ri teachd.
26
Fosglaidh i a beul le gliocas, agus tha lagh a’ choibhneis air a teangaidh.
27
Bheir i an aire do shlighean a teaghlaich, agus chan ith i aran an dìomhanais.
28
Eiridh a clann, agus beannaichidh iad i; a fear, agus molaidh e i.
29
Rinn mòran nighean gu subhailceach, ach thug thusa barrachd orra uile.
30
Is mealltach deagh-ghean, agus is dìomhain sgèimh; ach bean air am bi eagal an Tighearna, is ise a mholar.
31
Thugaibh dhi de thoradh a làmh, agus moladh a h‑obraichean fhèin anns na geatachan i.
← Chapter 30
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31