bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Proverbs 26
Proverbs 26
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 27 →
1
Mar shneachd anns an t‑samhradh, agus mar uisge anns an fhogharadh, mar sin chan eil urram iomchaidh don amadan.
2
Mar eun air faondradh, mar an gòbhlan-gaoithe ag itealaich, mar sin cha tig am mallachadh gun adhbhar.
3
Sgiùrs don each, srian don asal, agus slat do dhruim nan amadan.
4
Na freagair amadan a rèir a amaideachd, air eagal gum bi thu fhèin cosmhail ris.
5
Freagair amadan a rèir a amaideachd, air eagal gum bi e glic na shùilean fhèin.
6
Gearraidh esan dheth a chasan, òlaidh e dochann, a chuireas teachdaireachd le làimh amadain.
7
Chan ionnan casan a’ bhacaich; mar sin tha gnàth-fhacal ann am beul amadan.
8
Mar neach a cheanglas clach ann an crann-tabhaill, mar sin tha esan a bheir urram do amadan.
9
Mar a thèid bior suas ann an làimh misgeir, mar sin tha gnàth-fhacal ann am beul amadan.
10
Bheir an Dia mòr, a dhealbh gach nì, duais don amadan, agus bheir e duais do luchd-easaontais.
11
Mar a thilleas madadh a‑chum a sgeith fhèin, tillidh amadan a‑chum a amaideachd fhèin.
12
A bheil thu a’ faicinn duine a tha glic na bharail fhèin? Tha adhbhar dòchais nas mò den amadan na dheth-san.
13
Their an leisgean, Tha leòmhann anns an t‑slighe, leòmhann anns na sràidean.
14
Mar a thionndaidheas an doras air a lùdnain, mar sin an leisgean air a leabaidh.
15
Falaichidh an leisgean a làmh na bhroilleach; is duilich leis a toirt a‑chum a bheòil.
16
Is glice an leisgean na bharail fhèin na seachdnar a bheir freagradh gu ceart.
17
Mar neach a bheireas air madadh air a chluasan tha esan a thèid seachad, agus a ghabhas gnothach ri connspaid nach buin dha.
18
Mar fhear air bhoile, a thilgeas leusan-teine, saighdean, agus bàs,
19
Mar sin tha am fear a mheallas a choimhearsnach, agus a their, Nach ann ri fearas-chuideachd a tha mi?
20
Far am bi dìth connaidh, thèid an teine as; agus far nach bi fear-cagarsaich, sguiridh a’ chòmhstri.
21
Mar ghual do èibhlean, agus mar chonnadh do theine, mar sin tha fear nan aimhreit a dhùsgadh strì.
22
Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim.
23
Mar shoitheach creadha air a chòmhdachadh le sal airgid, tha bilean air lasadh agus cridhe olc.
24
Le a bhilean ceilidh an tì a dh’fhuathaicheas; ach anns an taobh a‑staigh dheth taisgidh e cealg.
25
Nuair a labhras e gu brèagha, na creid e; oir tha seachd gràinealachdan na chridhe.
26
An tì a chòmhdaicheas a fhuath le ceilg, foillsichear a aingidheachd am fianais a’ cho-chruinneachaidh.
27
An tì a chladhaicheas sloc, tuitidh e fhèin ann; agus an tì a charaicheas clach, tillidh i air fhèin.
28
Fuathaichidh an teanga bhreugach iadsan don dèan i dochair; agus obraichidh am beul miodalach sgrios.
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 27 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31