bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Proverbs 9
Proverbs 9
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 10 →
1
Thog gliocas a taigh; gheàrr i a‑mach a seachd puist:
2
Mharbh i a feòil; mheasg i a fìon; dheasaich i mar an ceudna a bòrd:
3
Chuir i a‑mach a h‑òighean; tha i a’ gairm air na h‑àitean as àirde den bhaile:
4
Ge bè a tha baoghalta, thigeadh e a‑steach an seo: riùsan a tha a dhìth tuigse tha i ag ràdh,
5
Thigibh, ithibh dem aran-sa, agus òlaibh den fhìon a mheasg mi.
6
Trèigibh nithean amaideach, agus bithibh beò; agus imichibh air slighe na tuigse.
7
Esan a bheir achmhasan do fhear-fochaid, gheibh e dha fhèin masladh; agus esan a chronaicheas an t‑aingidh, gheibh e dha fhèin smal.
8
Na cronaich fear-fochaid, air eagal gum fuathaich e thu: cronaich an duine glic, agus gràdhaichidh e thu.
9
Thoir teagasg don duine ghlic, agus bidh e nas glice: teagaisg an duine cothromach, agus meudaichidh e ann am fòghlam.
10
Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; agus is e eòlas nithean naomha, tuigse.
11
Oir leamsa nìthear do làithean lìonmhor, agus cuirear ri bliadhnachan do bheatha.
12
Ma bhios tu glic, bidh tu glic dhut fhèin: ach ma bhios tu ri fochaid, is tu fhèin a‑mhàin a dh’iomchaireas e.
13
Tha bean amaideach àrd-ghuthach, baoghalta, agus chan aithne dhi nì air bith:
14
Oir suidhidh i aig doras a taighe, air cathair, ann an àitean àrda a’ bhaile,
15
A ghairm orrasan a bhios a’ dol seachad air an t‑slighe, a’ gabhail dìreach romhpa:
16
Ge bè neach a tha baoghalta, thigeadh e a‑steach an seo; agus ris-san a tha a dhìth tuigse their i,
17
Tha na h‑uisgeachan a ghoidear milis, agus an t‑aran a dh’ithear ann an uaigneas taitneach.
18
Ach chan eil fhios aige gu bheil na mairbh an sin; ann an doimhneachdan ifrinn gu bheil a h‑aoighean.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31