bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Proverbs 27
Proverbs 27
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 28 →
1
Na dèan uaill a‑thaobh an là màireach; oir chan eil fhios agad ciod a bheir là uaithe.
2
Moladh neach eile thu, agus na b’e do bheul fhèin; coigreach, agus na b’iad do bhilean fhèin.
3
Is trom clach, agus is cudthromach a’ ghaineamh; ach is truime corraich amadain na iad le chèile.
4
Is an‑iochdmhor corraich, agus mar thuil tha fearg: ach cò as urrainn seasamh am fianais tnù?
5
Is fheàrr achmhasan follaiseach na gràdh falaichte.
6
Is dìleas lotan caraid; ach is cealgach pògan eascaraid.
7
Gabhaidh an t‑anam làn gràin den chìr-mheala; ach don anam acrach is milis gach nì searbh.
8
Mar eun air seachran o a nead, mar sin tha am fear a thèid air seachran o a àite fhèin.
9
Nì ola-ungaidh agus boltrach an cridhe ait: mar sin nì mìlsead caraid duine le comhairle a chridhe.
10
Na trèig do charaid fhèin, no caraid d’athar, agus na rach a‑steach do thaigh do bhràthar ann an là d’àmhghair: is fheàrr coimhearsnach am fagas na bràthair fad as.
11
Bi glic, a mhic, agus dèan mo chridhe ait, agus bidh freagradh agam dhàsan a bheir masladh dhomh.
12
Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.
13
Gabh aodach an tì a chaidh an urras air coigreach, agus airson ban-choigrich gabh an geall uaithe.
14
An tì a bheannaicheas a charaid le guth àrd, ag èirigh gu moch anns a’ mhadainn, measar e dha mar mhallachadh.
15
Tha sìor-shileadh uisge ann an là frasach agus bean aimhreiteach cosmhail ri a chèile.
16
Ge bè dh’fhalaicheas i, falaichidh e a’ ghaoth, agus ola-ungaidh a làimhe deise a bhrathas i fhèin.
17
Geuraichear iarann air iarann, agus geuraichidh duine gnùis a charaid.
18
Ge bè ghleidheas craobh-fhìge, ithidh e de a toradh; mar sin esan a dh’fheitheas air a mhaighistir, gheibh e urram.
19
Mar ann an uisge fhreagras aghaidh do aghaidh, mar sin freagraidh cridhe duine do dhuine.
20
Cha sàsaichear ifrinn agus lèirsgrios, agus cha sàsaichear sùilean dhaoine.
21
Mar a’ phoit-ghlanaidh airson an airgid, agus an àmhainn airson an òir, mar sin tha duine do bheul an tì a mholas e.
22
Ged phronn thu amadan ann an soitheach-pronnaidh am measg cruithneachd le bruthadair, cha dealaich a amaideachd ris.
23
Biodh aithne mhath agad air staid do chaorach; thoir an aire dod threudan:
24
Oir cha mhair beartas gu bràth: agus am mair an crùn o linn gu linn?
25
Nochdar am feur geàrrte, agus taisbeanaidh am feur maoth e fhèin, agus cruinnichear luibhean nam beann.
26
Bidh na h‑uain a‑chum d’aodaich; agus is iad na gobhair luach d’fhearainn.
27
Agus bidh nas leòr de bhainne ghobhar agad a‑chum bìdh, a‑chum biadh do theaghlaich, agus a‑chum beathachadh do mhaighdeannan.
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 28 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31