bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 1
Acts 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 2 →
1
Rinn mi chiad leabhar, O Theophiluis, mu na nichean uile, a thòisich Iosa ri dhianamh ʼs ri theagasg,
2
Gus an latha air na thogadh suas e, an deigh dha fhaintean a thoirt leis an Spiorad Naomh do na h-ostail a thagh e;
3
Us dha na dhʼ fhiach e e fhein beo as deigh a phàis le ioma dearbhadh, ga fhiachuinn fhein dhaibh ré dhà-fhichead latha, ʼsa labhairt mu rioghachd Dhe.
4
ʼSa g-icheadh maille riu, dhʼàithn e orra gun iad a dhʼ fhalbh bho Ierusalem, ach iad a dhʼfheitheamh ri gealltanas an Athar, a chuala sibh (os esan) bho mʼ bhialsa:
5
Oir bhaist Eoin gu dearbh le uisge, ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh beagan laithean an deigh so.
6
Uime sin dhʼfharraid iadsan, a bha cruinn, dheth, a g-radh: A Thighearna, an ann san àm so a thilleas tu an rioghachd do Israel?
7
Ach thuirt e riu: Cha bhuin e dhuibhse fios a bhith agaibh air na h-amannan no air na mionaidean, a chuir an t-Athair ʼna chomas fhein:
8
Ach gheobh sibh cumhachd an Spioraid Naoimh a tighinn nuas oirbh, us bithidh sibh ʼnur fianuisean dhomhsa ann an Ierusalem, agus ann an Iudéa uile, agus an Samaria, agus gu ruig iomall an t-saoghail.
9
Agus nuair a thuirt e na nichean so, thogadh suas e, ʼs iadsan ga fhaicinn; us thug nial e as an sealladh.
10
ʼS nuair a bha iad a g-amharc air a dol suas do fhlathanas, seall, sheas lamh riu dithis dhaoine an deiseachan geala,
11
A thuirt: Fheara Ghalile, ciod h-uige tha sibh ʼnur seasamh a coimhead suas gu neamh? Iosa so, a thugadh bhuaibh do fhlathanas, thig e mar a chunnaic sibh e dol suas do fhlathanas.
12
An sin thill iad gu Ierusalem, bho ʼn t-sliabh ris an abrar Olibhet, a tha teann air Ierusalem, uidhe latha sàbaid bhuaithe.
13
Us nuair thainig iad a stigh, chaidh iad suas do sheomar uachdrach, far an robh Peadar ʼs Eoin, Seumas us Aindris, Philip us Tomas, Bartholomé us Matha, Seumas Alpheuis, us Simon Selotes, agus Iudas brathair Sheumais, a tuinidh.
14
Bha iad so uile a buanachadh a dhʼaon inntinn ann an urnaigh, maille ris na boirionnaich, agus Moire mathair Iosa, ʼsa bhraithrean.
15
Anns na laithean sin dhʼ eirich Peadar am miadhon nam braithrean, us thuirt e (a nis bha cruinn mun cuairt do chiad agus fichead pearsa):
16
Fheara agus a bhraithrean, is còir an sgriobtur a bhith air a choimhlionadh, a roimh-labhair an Spiorad Naomh le bial Dhài mu Iudas, a bha ʼna cheann-iuil dhaibh-san a ghlac Iosa:
17
A bha air a chunntadh ʼnar measg-ne, ʼs aig an robh pairt de ʼn driachd so.
18
Agus fhuair e gu dearbh seilbh air achadh le duais na h-eucorach, agus air dha bhith air a chrochadh, sgain e sa mhiadhon; agus thaom a mhionach uile mach.
19
Agus rinneadh so follaiseach do luchd-comhnuidh Ierusalem air fad, air chor ʼs gun abrar ʼnan canan-sa ris an achadh sin, Haceldama, se sin ri radh achadh na fala.
20
Oir tha e sgriobhte ann an leabhar nan salm: Biodh an aite-comhnuidh fàs, agus na gabhadh neach air bith tamh ann; us faigheadh fear eile ʼeasbuigeachd.
21
Air an aobhar sin feumar fear dhe na daoine so, a bha comhla ruinn ré na tìme san robh an Tighearna Iosa a dol a stigh ʼsa mach comhla ruinn,
22
A tòiseachadh aig baisteadh Eoin, gus an latha air na thogadh bhuainn e, a dhianamh ʼna fhianuis comhla ruinne air ʼaiseirigh.
23
Agus shonraich iad a mach dithis, Ioseph, ris an canar Barsabas, dha ʼn co-ainm Iustus, agus Mathias.
24
ʼSa g-urnaigh thuirt iad: Thusa, a Thighearna, dha ʼn aithne cridheachan dhaoine uile, fiach co dhe ʼn dithis so a thagh thu,
25
A ghabhail aite an fhrithealaidh so ʼs na h-ostalachd, bho ʼn do thuit Iudas le dhrochbheart, gus e dhol gu aite fhein.
26
Agus thug iad crainn daibh; us thuit an crann air Mathias, agus mheasadh e an aireamh an aon ostail dhiag.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28