bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 16
Acts 16
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 17 →
1
Agus thainig e gu Derbè ʼs gu Listra. Us, seall, bha deisciopul araid an sin, dha ʼm bʼ ainm Timoti, mac ban-Iudhaich a bha creidsinn, ach bʼ ann de na cinnich ʼathair.
2
Thug na braithrean, a bha an Listra ʼs an Iconium, deagh theisteanas air an duine so.
3
Bʼ aill le Pol an duine so a dhol comhla ris; agus ga ghabhail, thimchioll-ghearr e e as leth nan Iudhach, a bha sna h-aitean sin. Oir bʼ aithne dhaibh uile gum bʼ ann de na cinnich ʼathair.
4
ʼS mar a thriall iad troimh na bailtean, liubhair iad dhaibh na h-achdannan ri ʼn cumail, a bha air an orduchadh leis na h-ostail ʼs na seanairean a bha ann an Ierusalem.
5
Agus gu dearbh bha na h-eaglaisean air an daingneachadh sa chreideamh, ʼsa dol nas mua gu mor an airimh a h-uile latha.
6
Ach air dhaibh dol tromh Phrigia ʼs dhuthaich Ghalatia, bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh facal De a labhairt an Asia.
7
ʼS nuair thainig iad gu Misia, thug iad ionnsuidh air dol do Bhithinia; ʼs cha do leig Spiorad Iosa leo.
8
Agus nuair a chaidh iad tromh Mhisia, ghabh iad sios gu Troas;
9
ʼS dhʼ fhiachadh do Phol sealladh san oidhche: Bha fear araid de Mhacedonia ʼna sheasamh, agus a guidhe air, a g-radh: Gabh thairis do Mhacedonia, us cuidich sinne.
10
Agus cho luath ʼsa chunnaic e an sealladh, dhʼ iarr sinn san uair dol gu Macedonia, lan-chinnteach gun do ghairm Dia sinn, gus an soisgeul a shearmonachadh dhaibh.
11
ʼSa seoladh bho Throas, thainig sinn le seoladh direach gu Samothracia, ʼs an ath latha gu Neapolis;
12
Agus as a sin gu Philippi, ceann-bhaile de ʼn chuid sin de Mhacedonia, a tha ʼna ùr-àiteachas. Us bha sinn sa bhaile so beagan laithean a comhradh ri cheile.
13
ʼS air latha na sàbaid chaidh sinn mach air a gheata ri taobh na h-aibhne, far am bu choltach urnaigh a bhith; agus a suidhe sios, labhair sinn ris na boirionnaich a bhʼ air cruinneachadh.
14
Agus dhʼ eisd boirionnach araid, dha ʼm bʼ ainm Lidia, bana-cheannaiche purpuir bho bhaile Thiatira, té bha toirt aoraidh do Dhia, dha ʼn dʼfhosgail an Tighearna a cridhe, gu aire a thoirt do na nichean a labhradh le Pol.
15
ʼS nuair a bhaisteadh i fhein ʼsa teaghlach, ghrios i oirnn, a g-radh: Ma tha sibh gam mheas dileas do ʼn Tighearna, thigibh do mʼ thigh, us fanaibh ann. Agus thug i sin oirnn.
16
Agus thachair, us sinn a dol gu urnaigh, gun do choinnich nighean araid sinn aig an robh spiorad fiosachd, a thug moran buannachd dha maighistirean le fiosachd.
17
Lean i so Pol agus sinne, a glaodhaich ʼsa g-radh: ʼSiad na daoine so seirbheisich an De is airde, a tha teagasg dhuibh slighe an t-sabhalaidh.
18
Agus rinn i so fad moran laithean. Ach air do Phol a bhith duilich, thionndaidh e, us thuirt e ris an spiorad: Tha mi g-orduchadh dhut an ainm Iosa Criosta, thu dhol a mach aisde. ʼS chaidh e mach sa cheart uair.
19
Ach a maighistirean ri faicinn gun dʼfhalbh earbsa am buannachd, ghlac iad Pol agus Silas, us thug iad iad gu aite a mhargaidh thun nan uachdran;
20
ʼS gan cur air bialaobh nan riaghladairean, thuirt iad: Tha na daoine so togail aimhreite sa bhaile againn, agus iad ʼnan Iudhaich;
21
ʼS tha iad a toirt a stigh nos, nach fhaod sinn a ghabhail no chumail, us sinn ʼnar Romanaich.
22
Agus ruith an sluagh comhla ʼnan aghaidh; agus dhʼorduich na riaghladairean, an deigh an aodach a riabadh dhiu, an sgiursadh le slatan.
23
Agus an deigh dhaibh am bualadh le iomadh strac, thilg iad am priosan iad, a toirt teann-orduigh do fhear-coimhead a phriosain an gleidheadh gu tiaruinte.
24
Air dhasan lethid so dhʼ ordugh fhaighinn, chuir e sa phriosan a bʼ fhaide stigh iad, agus theannaich e an casan sna cip.
25
Agus mu mhiadhon oidhche, air do Phol ʼs do Shilas a bhith g-urnaigh, mhol iad Dia; us chual iadsan a bha sa phriosan iad.
26
ʼS air ball bha crith-thalmhuinn mhor ann, air chor ʼs gun do ghluaiseadh steidh a phriosain. ʼS ghrad-dhʼfhosgladh na dorsan gu leir; agus dhʼfhuasgladh na cuibhrichean aca uile.
27
Agus fear-coimhead a phriosain a dusgadh á chadal, ʼsa faicinn dorsan a phriosain fosgailte, tharruinn e a chlaidheamh a brath e fhein a mharbhadh, a saoilsinn gun robh na priosanaich air teicheadh.
28
Ach dhʼeigh Pol le guth ard, a g-radh: Na dian cron ort fhein: oir tha sinn uile an so.
29
An sin dhʼiarr e solus, ʼs chaidh e stigh; agus thuit e sios, ʼs e air chrith, aig casan Phoil agus Shilais;
30
ʼS gan toirt a mach, thuirt e: A mhaighistirean, ciod a dhʼfheumas mi dhianamh gu bhith sabhailte?
31
Us thuirt iadsan: Creid anns an Tighearna Iosa, us bithidh thu fhein agus do thigh sabhailte.
32
Agus mhìnich iad facal an Tighearna dha, agus dhaibh-san a bha ʼna thigh.
33
Agus gan gabhail sa cheart uair sin deʼn oidhche, nigh e an creuchdan; ʼs gun dàil bhaisteadh e fhein ʼsa thigh uile.
34
ʼS nuair a thug e thun a thighe iad, chuir e biadh air am bialaobh, ʼs rinn e aoibhneas maille ri thigh uile, a creidsinn ann an Dia.
35
ʼS nuair thainig an latha, chuir na riaghladairean maoir bhuapa, a g-radh: Leig as na daoine sin.
36
Agus dhʼinnis fear-coimhead a phriosain na briathran sin do Phol: Gun do chuir an luchd-riaghlaidh fios sibhse leigeadh as; falbhaibh ma ta nis, agus imichibh an sith.
37
Us thuirt Pol riu: sgiurs iad gu follaiseach ʼs gun bhinn daoine a tha ʼnan Romanaich, agus chuir iad am priosan sinn, ʼsa nis am beil iad ga ʼr tilgeadh a mach an uaigneas? Cha n-ann mar sin a bhios: ach thigeadh iad,
38
Us tilgeadh iad fhein a mach sinn. Agus dhʼinnis na maoir na briathran so do ʼn luchd-riaghlaidh. ʼS ghabh iadsan eagal, a cluinntinn gum bu Romanaich iad:
39
ʼSa tighinn dhʼaslaich iad orra, ʼs gan toirt a mach, ghuidh iad orra falbh as a bhaile.
40
Agus air dhaibh dol a mach as a phriosan, chaidh iad a stigh do thigh Lidia; agus air dhaibh na braithrean fhaicinn, thug iad comhfhurtachd dhaibh, ʼs ghabh iad air falbh.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28