bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 26
Acts 26
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 27 →
1
An sin thuirt Agrippa ri Pol: Tha e na dʼ chead labhairt air do shon fhein. An sin a sineadh mach a laimh, thòisich Pol air freagairt ʼna aobhar fhein.
2
Tha mi gam shaoilsinn fhein sona, a righ Agrippa, gur ann ad lathair-sa tha mi gu mi fhein a dhion an diugh, a thaobh nan nichean sin uile a tha na h-Iudhaich a cur as mo leth,
3
Gu h-araid bhon is math is aithne dhutsa gach ni, na cleachdaidhean araon agus na ceisdean a tha measg nan Iudhach: uime sin guidheam ort eisdeachd rium gu faighidneach.
4
Agus is aithne gu dearbh do na Iudhaich uile mo bheatha bho mʼ oige, ʼs mi air caithe toiseach mo laithean am measg mo chinnidh fhein ann an Ierusalem:
5
Oir tha eolas aca orm bho thoiseach (ma ʼs aill leo teisteanas a thoirt seachad) gun do chaidh mi mo bheatha am Phairiseach a reir an luchd-leanmhuinn is ro dhearbhte de ʼn chreideamh againne.
6
ʼSa nis ʼsann as leth dochas a ghealltanais, a thugadh le Dia dha ʼr n-aithrichean, a tha mise fo bhreth.
7
ʼSann an duil ruighinn air a ghealltanas so a tha ar dà threibh dhiag a seirbhiseachadh a dhʼoidhche sa latha. Air son an dochais so, a righ, tha mise air mʼ agairt leis na h-Iudhaich.
8
Car-son a mheasar leibhse mar ni nach gabh creidsinn, gun togadh Dia na mairbh?
9
Agus shaoil leam fhein gu dearbh roimh so, gum bu choir dhomh ioma ni a dhianamh an aghaidh ainm Iosa bho Nasareth:
10
Ni mar an ciadna a rinn mi ann an Ierusalem, ʼsa faighinn cumhachd bho na h-ard-shagairt, chuir mi moran de na naoimh am priosan; ʼs nuair a chuireadh gu bàs iad, is mise a thug air adhart a bhinn.
11
ʼS le bhith gam pianadh gu tric anns a h-uile sinagog, thug mi orra blaisbheum a labhairt; ʼs le bhith fhathast na bu chaothaichte ʼnan aghaidh, rinn mi geur-leanmhuinn orra gu ruig bailtean coigreach.
12
ʼ S mi dol ma ta anns a bheachd so gu Damascus le ughdaras us cead nan ard-shagart,
13
Chunnaic mi, O righ, am miadhon-latha air an t-slighe, solus bho neamh, na bu ghile na ghrian, a dealradh mun cuairt domh fhein ʼs do na companaich a bha cuide rium.
14
ʼS air dhuinn uile tuiteam gu làr, chuala mi guth a labhairt rium sa chainnt Eabhraich: A Shauil, a Shauil, car-son a tha thu dianamh geur-leanmhuinn ormsa? Is searbh dhut breabadh an aghaidh a ghatha.
15
Us thuirt mise: Co thusa, a Thighearna? Us fhreagair an Tighearna: Is mise Iosa, air a bheil thusa dianamh geur-leanmhuinn.
16
Ach eirich, agus seas air do chasan: oir ʼsann air son so a nochd mi mi fhein dhut, gus an dianainn thu na dʼ fhear-frithealaidh, ʼs na dʼ fhianuis air na nichean a chunnaic thu, ʼs air na nichean anns am foillsich mi mi fhein dhut,
17
Ga dʼ theasraiginn bho ʼn t-sluagh, ʼs bho na cinnich thun a bheil mi nis ga dʼ chur,
18
Gus an suilean fhosgladh, los gun tionndaidhear iad bho dhorchadas gu solus, ʼs bho chumhachd Shatain gu Dia, agus gum faigh iad mathanas pheacannan, agus crannchur am measg nan naomh, tromh ʼn chreideamh a tha unnamsa.
19
Air an aobhar so, a righ Agrippa, cha robh mi na mʼ mhi-chreideach do ʼn taisbeanadh bho neamh:
20
Ach theagaisg mi an toiseach dhaibh ann an Damascus, ʼs ann an Ierusalem, ʼs ann an duthaich Iudéa air fad, agus do na cinnich, iad a dhianamh peanais, ʼsa thilleadh ri Dia, a dianamh gniomhran an fhior aithreachais.
21
ʼSann air son so, nuair a bha mi san teampull, a ghlac na h-Iudhaich mi, ʼsa thug iad ionnsuidh air mo mharbhadh.
22
Ach le comhnadh Dhe gam chuideachadh, tha mi beo gus an latha an diugh, a togail fianuis do ʼn bheag ʼs do ʼn mhor, gun ni a bharrachd a radh, ach na nichean a dhʼ innis na faidhean agus Maois, a bha ri tachairt,
23
Gum fuiligeadh Criosta, ʼs gum bʼ e a chiad fhear a dhʼ eireadh bho na mairbh, ʼs gun tugadh e solus do ʼn phobull, agus do na cinnich.
24
Nuair bha e labhairt nan nichean so, ʼsa freagairt ʼna aobhar fhein, thuirt Festus le guth ard: Tha thu na dʼ bhoile, a Phoil; chuir an t-anabarr faghluim an caothach ort.
25
Us thuirt Pol: Cha n-eil an caothach orm, Fhestuis ro urramach, ach tha mi labhairt facail na firinn ʼs na measarrachd.
26
Oir is aithne do ʼn righ, ris a bheil mi a labhairt gu misneachail, mu na nichean so: oir tha mi ʼm barail nach eil ni dhiu so am falach air. Oir cha n-ann an cuil a rinneadh a h-aon diubh.
27
Am beil thu creidsinn nam faidhean, a righ Agrippa? Tha fios agam gum beil.
28
Us thuirt Agrippa ri Pol: Cha mhor nach eil thu gam ghluasad gu bhith am Chriostaidh.
29
Us thuirt Pol: Se mo ghuidhe ri Dia gum biodh, ann am beagan us ann am moran, cha n-e mhain thusa, ach mar an ciadna iadsan uile a tha g-eisdeachd rium an diugh, mar a tha mise, saor bho na cuibhrichean so.
30
Agus dhʼeirich an righ, ʼs an t-uachdran, agus Bernicé, us iadsan a bha ʼnan suidhe comhla riu.
31
ʼS nuair a chaidh iad a lethtaobh, bhruidhinn iad eatorra fhein, a g-radh: Cha dʼ rinn an duine so ni toillteanach air bàs, no air cuibhrichean.
32
Us thuirt Agrippa ri Festus: Dhʼ fhaoidteadh an duine so leigeil mu sgaoil, mur biodh e air a chuis a thogail gu César.
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 27 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28