bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 12
Acts 12
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 13 →
1
San àm chiadna, shìn righ Herod a mach a lamh gu cuid dhe ʼn eaglais a dhochnadh.
2
ʼS mharbh e Seumas, brathair Eoin, leis a chlaidheamh.
3
ʼSa faicinn gun do thaitinn so ris na h-Iudhaich, chuir e roimhe Peadar a ghlacadh cuideachd. A nis bʼ iad laithean an arain neo-ghoirtichte a bhʼ ann.
4
ʼS an deigh dha a ghlacadh, thilg e am priosan e, ga liubhairt do cheithir cheathrar shaighdearan gus a ghleidheadh, a cur roimhe a thoirt a mach do ʼn t-sluagh an deigh na casga.
5
Ghleidheadh Peadar uime sin ann am priosan. Ach bha ʼn eaglais cur suas urnaigh gun lasachadh ri Dia air a shon.
6
Us nuair bha Herod gu thoirt a mach, an oidhche sin fhein bha Peadar ʼna chadal eadar dà shaighdear ceangailte le dà shlabhruidh; ʼs bha an luchd-faire air bialaobh an doruis a gleidheadh a phriosain.
7
Agus, seall, sheas aingeal an Tighearna lamh ris, agus shoillsich solus san t-seomar; ʼsa bualadh Pheadair san taobh, dhuisg e e, a g-radh: Eirich gu luath. Agus thuit na slabhruidhean dhe lamhan.
8
Us thuirt an t-aingeal ris: Crioslaich thu fhein, ʼs cuir ort do chuarain. Us rinn e sin: Us thuirt e ris: Cuir tʼ eideadh umad, ʼs lean mise.
9
ʼSa dol a mach lean e e, ʼs cha do mhuthaich e gun robh e fior na rinneadh leis an aingeal: ach shaoil leis gum fac e sealladh.
10
ʼSa dol seachad air a chiad ʼs air an darna freiceadan, thainig iad thun a gheata iaruinn, a tha gabhail a dhʼ ionnsuidh a bhaile, a dhʼ fhosgail dhaibh leis fhein. ʼSa dol a mach, chaidh iad tromh aon straid; agus san uair dhealaich an t-aingeal ris.
11
Agus thuirt Peadar, ʼs e tighinn h-uige fhein: Tha mi nis a lan-thuigsinn, gun do chuir an Tighearna aingeal bhuaithe, ʼs gun do shaor e mi á laimh Heroid, ʼs bho uile dhuil pobull nan Iudhach.
12
ʼSa gabhail gu smaoineachadh, thainig e gu tigh Mairi mathair Eoin, dha ʼm bu cho-ainm Marcus, far an robh moran cruinn ʼs ri urnaigh.
13
ʼS nuair a bha e bualadh aig dorus a gheata, thainig cailin, dha ʼm bʼ ainm Rodé, a dhʼ eisdeachd.
14
Cha luaithe dhʼ aithnich i guth Pheadair, na ruith i le sòlas a stigh, gun an geata fhosgladh, a dhʼ innseadh gun robh Peadar ʼna sheasamh romh ʼn gheata.
15
Ach thuirt iad rithe: Tha ʼn caothach ort. Ach chomhdaich ise gun robh a chuis mar sin. Thuirt iadsan an sin: Se an t-aingeal aige a thʼ ann.
16
Ach bha Peadar a sior-bhualadh. ʼS air dhaibh fosgladh, chunnaic iad e, agus ghabh iad iongantas.
17
Ach a smeideadh orra le ʼlaimh iad a bhith ʼnan tosd, dhʼ aithris e mar a thug an Tighearna mach as a phriosan e, us thuirt e: Innsibh na nichean so do Sheumas ʼs do na braithrean. ʼSa dol a mach, chaidh e gu aite eile.
18
ʼS air tighinn do ʼn latha, bha upraid nach bu bheag am measg nan saighdearan, ciod a dhʼ eirich do Pheadar.
19
Agus air do Herod a shireadh, ʼs nach dʼ fhuair e e, an deigh an luchd-faire a rannsachadh, dhʼ orduich e an cur gu bàs; ʼsa dol sios bho Iudéa do Chesaréa, rinn e comhnuidh an sin.
20
ʼS bha fearg aige ri muinntir Thiruis us Shidoin. Ach thainig iadsan a dhʼ aon aigne ga ionnsuidh, ʼs air dhaibh Blastus, seomarlan an righ, a chosnadh dha ʼn taobh, dhʼ iarr iad sith, a chionn gun robh an duchannan air an àrach leis.
21
ʼS air latha suidhichte, shuidh Herod sgeadaichte an earradh rioghail air cathair a bhreitheanais, ʼs rinn e deas-labhairt riu.
22
Agus thog iad iolach: Se guth De a thʼ ann, ʼs cha ghuth duine.
23
ʼS ghrad-bhuail aingeal an Tighearna e, a chionn nach tug e an onair do Dhia; agus dhʼ itheadh le cnuimheagan e, us thilg e an anail.
24
Ach chinnich facal an Tighearna, agus lionsgair e.
25
Us thill Barnabas agus Saul bho Ierusalem, ʼs iad air an seirbhis a choimhlionadh, a toirt leo Eoin, dha ʼn co-ainm Marcus.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28