bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 19
Acts 19
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 20 →
1
Us thachair nuair bha Apollo aig Corint, gun tainig Pol, an deigh dha na braighean a shiubhal, gu Ephesus, ʼs gun dʼ fhuair e deisciopuil araid;
2
Us thuirt e riu: Na ghlac sibhse an Spiorad Naomh bho na chreid sibh? Ach thuirt iad ris: Cha chuala sinne urad ʼs gum beil Spiorad Naomh ann.
3
Us thuirt esan: Co ann ma ta a bhaisteadh sibh? Thuirt iad: Am baisteadh Eoin.
4
An sin thuirt Pol: Bhaist Eoin sluagh le bqisteadh an aithreachais, a g-radh, iad a chreidsinn annsan, a bha gu tighinn ʼna dheigh, se sin, ann an Iosa.
5
Air dhaibh so chluinntinn, bhaisteadh iad an ainm an Tighearna Iosa.
6
ʼS nuair a chuir Pol a lamhan orra, thainig an Spiorad Naomh orra, us labhair iad le teanganan, agus rinn iad faisneachd.
7
ʼS bha na daoine a bhʼ ann uile mun cuairt do dhà dhiag.
8
ʼSa dol a stigh doʼn t-sinagog, labhair e gu misneachail fad thri miosan, a deaspud, ʼsa comhairleachadh mu rioghachd Dhe.
9
Ach air do chuid a bhith air an cruadhachadh, ʼs gun a bhith creidsinn, a labhairt gu h-olc air slighe an Tighearna an lathair na cuideachda, gam fagail, chuir e air leth na deisciopuil, ʼs rinn e deaspud gach latha an sgoil Tirannnis araid.
10
Agus rinneadh so fad dà bhliadhna, air chor ʼs gun cuala iadsan uile, a bha tamh ann an Asia, Iudhaich araon us Cinnich, facal an Tighearna.
11
ʼS rinn Dia le laimh Phoil miarailtean nach bu chumanta:
12
Air chor ʼs gun robhas a toirt bho phearsa neapaicean us aprain thun nan daoine tinne, us dhʼ fhalbh an easlaintean bhuapa, us chaidh na droch spioraid a mach asda.
13
Agus dhʼ fhiach cuid de gheasadairean Iudhach, a bha dol mun cuairt, ri ainm an Tighearna Iosa a ghairm fos cionn na feadhnach anns an robh droch spioraid, a g-radh: Tha mi griosad oirbh tromh Iosa, a tha Pol a searmonachadh.
14
Agus bʼ iad seachdnar araid, mic Sheva, ard-shagart Iudhach, a bha dianamh so.
15
Ach thuirt an droch spiorad riu, ʼs e freagairt: Is aithne dhomh Iosa, agus is aithne dhomh Pol: ach co sibhse?
16
Ach am fear anns an robh an droch spiorad a leum orra, ʼsa faighinn laimh an uachdar air dithis dhiu, cheannsaich e iad, air chor ʼs gun do theich iad as an tigh sin ruisgte agus leointe.
17
ʼS rinneadh so follaiseach do na h-Iudhaich uile ʼs do na cinnich, a bha tamh an Ephesus; agus thuit eagal orra uile, ʼs bha ainm an Tighearna Iosa air ardachadh.
18
Us thainig moran chreideach, a g-aideachadh ʼsa g-innse an gniomhran.
19
Agus thug moran dhiu-san, a chleachd innleachdan neònach, leo an leabhraichean, agus loisg iad iad ʼnan lathair uile; ʼsa meas am prìs, fhuair iad an luach a tighinn gu leth-chiad mile bonn airgid.
20
Mar so chinn facal De cumhachdach, agus dhaingnicheadh e.
21
Nuair chriochnaicheadh na nichean so, chuir Pol roimh san Spiorad, gun rachadh e, an deigh triall tromh Mhacedonia ʼs Achaia, gu Ierusalem, a g-radh: An deigh dhomh bhith an sin, feumaidh mi an Roimh fhaicinn cuideachd.
22
ʼSa cur dithis dhiusan, a bha frithealadh dha, Timoti agus Erastus, air an adhart gu Macedonia, dhʼ fhan e fhein car uine ann an Asia.
23
A nis mu ʼn àm sin dhʼ eirich iomairt nach bu bheag mu shlighe an Tighearna.
24
Oir thug ceard-airgid araid, do ʼm bʼ ainm Demetrius, a bha dianamh theampull-airgid do Dhiana, buannachd nach bu ghann do ʼn luchd-cheairde:
25
ʼS gan gairm ri cheile, agus càch a bha dhʼ aon cheaird riu, thuirt e: Fheara, tha fhios agaibh gur h-ann bho ʼn cheaird so a tha ar cosnadh;
26
ʼS tha sibh a faicinn ʼsa cluinntinn, gum beil am Pol so le chomhairle air tionndadh moran sluaigh air falbh, cha n-ann a mhain an Ephesus, ach air feadh Asia uile ach beag, a g-radh: Nach diathan idir iad a thathas a dianamh le lamhan:
27
Air chor ʼs nach i a cheaird so againn a mhain a tha an cunnart tighinn gu neoni, ach measar teampull Diana moire fhein mar neoni, seadh agus tòisichear air cur as da moralachd-sa, dha ʼm beil Asia gu leir, ʼs an domhan a toirt aoraidh.
28
Air dhaibh so a chluinntinn, lionadh iad le feirg, us ghlaodh iad, a g-radh: Is mor Diana nan Ephesianach.
29
Agus lionadh am baile le buaireas, ʼsa breith air Gaius ʼs air Aristarchus, Macedonaich, companaich Phoil, dhian-ruith iad a dhʼ aon rùn thun an tigh-chluich.
30
ʼS ged bha toil aig Pol dol a stigh thun an t-sluaigh, cha do leig na deisciopuil leis.
31
Us chuir cuid de riaghladairean Asia, a bha ʼnan cairdean dha, fios h-uige a guidhe air, gun e a thighinn thun an tigh-chluich;
32
A nis ghlaodh cuid aon ni, cuid ni eile. Oir bha an comhthional roimh cheile; ʼs cha robh fios aig an roinn bu mhua car-son a chruinnich iad.
33
Us tharruinn iad Alastair a mach as an t-sluagh, na h-Iudhaich ga upadh air adhart. Us Alastair a smeideadh le laimh a g-iarraidh samhchair, bha toil aige a chuis a mhineachadh do ʼn t-sluagh.
34
Ach cho luath ʼsa thuig iad gum bu Iudhach e, ghlaodh iad uile a dhʼ aon ghuth bial ri dà uair a dhʼ uine: Is mor Diana nan Ephesianach.
35
Agus nuair a chiuinich an cleireach an sluagh, thuirt e: Fheara Ephesuis, co an duine aig nach eil fios, gum beil baile nan Ephesianach a toirt aoraidh do Dhiana mhoir, ʼs do ghineal Iupiteir?
36
Uime sin bhon is nichean so nach fhaodar aicheadh, bu chòir dhuibh gabhail gu sith, ʼs gun ni dhianamh le braise.
37
Oir thug sibh na daoine so ʼn so, gun iad a bhith ciontach an naomh-bhraid, no an toibheum an aghaidh ur ban-dé.
38
Ach ma tha cuis an aghaidh duine air bith aig Demetrius, ʼs aig an luchd-cheairde a tha maille ris, tha na cuirtean-lagha fosgailte, ʼs tha uachdranan ann; agradh iad a cheile.
39
Agusma se cuis airbith eile a tha ʼnur n-aire, faodar a fuasgladh ann an cruinneachadh laghail.
40
Oir tha sinn an cunnart gun agrar oirnn buaireas an latha an diugh: gun duine air bith ciontach (air am faod sinn cunntas a thoirt) mu ʼn chruinneachadh so. ʼS an deigh dha so a chantuinn, sgaoil e an comhthional.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28