bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 3
Acts 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
1
A nis chaidh Peadar us Eoin suas do ʼn teampull aig an naoitheamh uair de ʼn urnaigh:
2
ʼS bha fear araid, a bha crubach bho bhroinn a mhathar, air a ghiulan; bhathas ga chur gach latha aig geata an teampuill, ris an abrar Sgeimheach, gus e deirc iarraidh air an fheadhainn a bha dol a stigh do ʼn teampull.
3
Nuair chunnaic esan Peadar us Eoin a teannadh ri dol a stigh do ʼn teampull, dhʼ iarr e deirc fhaighinn.
4
Ach Peadar maille ri Eoin a toirt geur-shula air, thuirt e: Amhairc oirnne.
5
Agus sheall esan gu durachdach orra, an duil ri rudeigin fhaighinn bhuatha.
6
Ach thuirt Peadar: Airgiod no òr cha n-eil agam: ach an ni thʼ agam, bheir mi dhut e: An ainm Iosa Criosta bho Nasareth, eirich agus imich.
7
ʼSa breith air a laimh dheis, thoge suas e; us ghrad-neartaicheadh a luirgnean ʼsa chasan.
8
Agus a leum suas, sheas agus choisich e; ʼs chaidh e stigh comhla riu do ʼn teampull, a coiseachd, ʼsa leum, ʼsa moladh Dhe.
9
Agus chunnaic an sluagh uile e a coiseachd, ʼsa moladh Dhe.
10
Agus dhʼ aithnich iad e, gum bʼ e a bha ʼna shuidhe a g-iarraidh deirce aig geata Sgeimheach an teampuill; us lionadh iad le mor ioghnadh ʼs le uamhas thaobh an ni a bhʼ air tachairt dha.
11
Us nuair bha e cumail Pheadair us Eoin, ruith an sluagh uile le mor ioghnadh gan ionnsuidh gus am for-dhorus, ris an canar for-dhorus Sholomoin.
12
Ach Peadar a faicinn so, fhreagair e an sluagh: Fheara Israil, car-son a tha sibh a gabhail iongantais á so, no car-son a tha sibh a g-amharc oirnn, mar gum bʼann le ʼr neart, no le ʼr cumhachd fhein, a thug sinn air an duine so imeachd?
13
Se Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iacoib, Dia ar n-aithrichean, a ghloraich a Mhac Iosa, a liubhair sibhse seachad gu dearbh, ʼsa dhʼ aicheadh sibh air bialaobh Philait, a thug breth gum bu chòir a leigeadh as.
14
Ach dhʼ aicheadh sibhse an t-Aon naomh agus ceart, us dhʼ iarr sibh murtair a thoirt dhuibh:
15
Ach mharbh sibh ughdair na beatha, a thog Dia bho na mairbh, air a bheil sinne ʼnar fianuisean.
16
Agus tromh chreideamh ʼna ainm, ainm a neartaich an duine so, a chunnaic sibh ʼsa bʼ aithne dhuibh; agus thug an creideamh, a tha troimhsan, an t-slainte choimhlionta so ʼnur sealladh-sa uile.
17
Agus a nis, a bhraithre, tha fios agam gun dʼ rinn sibh so le aineolas, agus ur riaghladairean mar an ciadna.
18
Ach choimhlion Dia mar so na dhʼ innis e roimh laimh le bial nam faidhean uile, gum fuiligeadh a Chriost-san.
19
Air an aobhar sin gabhaibh aithreachas, us bithibh air ur n-iompachadh gus ur peacannan a bhith air an dubhadh as;
20
Los nuair thig amannan an fhaothachaidh bho lathair an Tighearna, ʼsa chuireas e h-ugaibh esan, a chaidh shearmonachadh dhuibh, Iosa Criosta,
21
A dhʼ fheumas flathanas gu dearbh a ghabhail gu tìmean ath-shuidheachadh gach uile ni, a labhair Dia le bial fhaidhean naomh bho thoiseach.
22
Oir thuirt Maois: Togaidh an Tighearna ur Dia suas dhuibh faidh dhe ʼr braithrean, coltach riumsa, eisdidh sibh ris-san anns a h-uile ni, ge bith iad, a their e ribh.
23
Agus tachraidh, gun sgriosar á miadhon an t-sluaigh a h-uile anam nach eisd ris an fhaidh sin.
24
Agus dhʼ innis na faidhean uile, a labhair bho Shamuel ʼs ʼna dheigh, mu na laithean so.
25
Is sibhse clann nam faidh ʼs an tiomnaidh, a rinn Dia ri ʼr n-aithrichean, a g-radh ri Abraham: Agus ann ad shliochd-sa bithidh uile fhineachan an talmhuinn air am beannachadh.
26
Dia a togail suas a Mhic dhuibhse an toiseach, chuir e gus ur beannachadh e, gus gach aon a thionndadh bho a dhrochbheart.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28