bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 10
Acts 10
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 11 →
1
Agus bha duine araid ann an Cesaréa, dha ʼm bʼ ainm Cornelius, ceannard-ciad na buidhne, ris an abrar Eadailteach,
2
Duine crabhach, ʼs duine anns an robh eagal De maille ri thigh uile, a bha toirt moran deirce seachad do ʼn t-sluagh, ʼsa dianamh urnaigh ri Dia gun lasachadh:
3
Chunnaic esan gu soilleir ann an sealladh, mun cuairt do ʼn naoitheamh uair de ʼn latha, aingeal De a tighinn ga ionnsuidh, ʼsa g-radh ris: A Chorneliuis.
4
Agus ri fhaicinn ghlacadh esan le eagal, us thuirt e: Ciod e, a Thighearna? Us thuirt e ris: Dhʼ eirich tʼ urnaighean ʼs do dheirc suas mar chuimhneachan an lathair Dhe.
5
Agus cuir daoine a nis gu Ioppe, us gairm an so Simon àraid, dha ʼn co-ainm Peadar:
6
Tha e ʼna aoidh aig Simon araid, fear-cartadh-leathrach, aig a bheil a thigh ri taobh na mara: innsidh esan dhut ciod is còir dhut a dhianamh.
7
ʼS nuair a dhʼ fhalbh an t-aingeal a labhair ris, ghairm e dithis de fhir-muinntir a thighe, agus saighdear anns an robh eagal an Tighearna, dhiusan a bha fo ʼriaghladh.
8
Agus air dha a chuis uile aithris dhaibh, chuir e iad gu Ioppe.
9
ʼS air an ath latha nuair a bha iad a triall air an turus ʼsa tarruinn teann air a bhaile, chaidh Peadar mu ʼn t-siathamh uair do bhraighe an tighe a dhianamh urnaigh.
10
ʼSa faireachduinn an acrais, bha toil aige blasad air rudeigin. Ach nuair a bha iadsan a deasachadh, thainig plathadh-inntinn air.
11
Agus chunnaic e neamh fosgailte, us seorsa de shaghach a tearnadh mar lionart mhor air a leigeil sios bho neamh gu talamh air a ceithir oisinnean,
12
Anns an robh a h-uile seorsa de bheathaichean ceithir-chasach, ʼs de bheistean snàgach an talmhuinn, ʼs de dhʼ eoin an athair.
13
Agus thainig guth ga ionnsuidh: Eirich, a Pheadair, marbh, agus ich.
14
Ach thuirt Peadar: Gum bu fada bhuam e, a Thighearna: oir cha dʼ ich mi riamh ni coichionta no neo-ghlan.
15
ʼSa rithist an darna uair labhair an guth ris: Na ghlan Dia, na gairm thusa coichionta.
16
Agus rinneadh so tri uairean; us ghrad-thogadh an saghach suas gu neamh.
17
ʼSam feadh a bha Peadar an teagamh ann fhein ciod bu bhrigh do ʼn t-sealladh a chunnaic e, seall, bha na daoine, a chuireadh bho Chornelius, aig an dorus, a faighneachd air son tigh Shimoin.
18
ʼS nuair a rinn iad guth, dhʼ fharraid iad an robh Simon, dha ʼn co-ainm Peadar, a fuireach an sin.
19
Ach san àm san robh Peadar a smaoineachadh air an t-sealladh, thuirt an Spiorad ris: Seall, tha triuir dhaoine ga dʼ shireadh:
20
Eirich ma ta, gabh sios, us falbh comhla riu gun ag air bith: oir is mise a chuir iad air adhart.
21
An sin Peadar a dol sios thun nan daoine, thuirt e: Seall, is mise an duine a tha sibh a sireadh: Ciod e an t-aobhar mun tainig sibh?
22
Thuirt iad: Fhuair Cornelius, ceannard-ciad, duine ceart agus anns a bheil eagal De, ʼs aig a bheil deagh theisteanas bho chinneadh nan Iudhach uile, rabhadh bho aingeal naomh cur ga tʼ iarraidh gu thigh, agus facail a chluinntinn bhuat.
23
An sin gan toirt a stigh, thug e fardach dhaibh. ʼS an ath latha dhʼ eirich e, us dhʼ fhalbh e comhla riu; agus chaidh cuid de na braithrean bho Ioppe maille ris.
24
ʼS air an ath latha chaidh e stigh do Chesaréa. Agus bha Cornelius a feitheamh riu, ʼs e air gairm ri cheile a luchd-cinnidh ʼsa chairdean bu dilse.
25
Us thachair, nuair bha Peadar a dol a stigh, gun deach Cornelius ʼna choinneamh, ʼsa tuiteam aig a chasan rinn e aoradh.
26
Ach thog Peadar suas e, a g-radh: Eirich: is duine mi fhein cuideachd.
27
ʼSa comhradh ris, chaidh e stigh, ʼs fhuair e moran a bha air cruinneachadh.
28
Us thuirt e riu: Is aithne dhuibh cho graineil ʼsa tha e do dhuine a tha ʼna Iudhach companas a chumail ri coigreach, no tighinn ga ionnsuidh: ach dhʼ fhiach Dia dhomhsa, gun duine air bith a ghairm coichionta no neoghlan.
29
Air an aobhar sin thainig mi gun ag air bith, nuair a chuireadh gam shireadh. Uime sin farraideam car-son a chuir sibh gam iarraidh?
30
Us thuirt Cornelius: Bho chionn cheithir latha gus an uair so, bha mi aig an naoitheamh uair ri urnaigh na mʼ thigh; agus, seall, sheas duine am lathair an eideadh geal, us thuirt e:
31
A Chorneliuis, dhʼ eisdeadh ri tʼ urnaigh, agus chuimhnicheadh do dheirc an lathair Dhe.
32
Cuir ma ta gu Ioppe, agus gairm an so Simon, dha ʼn co-ainm Peadar: tha e ʼna aoidh an tigh Shimoin, fear-cartadh-leathrach, aig taobh na mara.
33
Uime sin chuir mi gun dàil ga dʼ shireadh; agus is math rinn thu tighinn. A nis ma ta tha sinn uile ad lathair a dhʼ eisdeachd ris a h-uile ni a dhʼ orduicheadh dhut leis an Tighearna.
34
An sin dhʼ fhosgail Peadar a bhial, us thuirt e: Gu firinneach tha mi tuigsinn nach eil Dia dianamh leth-bhreth air duine seach duine.
35
Ach anns a h-uile cinneadh, tha am fear anns am beil fhiamh, ʼsa tha cur ceartais an gniomh, taitneach leis.
36
Chuir Dia am facal gu cloinn Israil, a searmonachadh sithe tromh Iosa Criosta (is esan Tighearna gach ni).
37
Is aithne dhuibh ciod am facal a tha air fhoillseachadh feadh Iudéa uile: oir thòisich e bho Ghalile, an deigh a bhaistidh a shearmonaich Eoin:
38
Mar a dhʼ ung Dia Iosa bho Nasareth leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; chaidh esan mun cuairt a dianamh math, ʼsa leigheas gach aon a bha air an sàrachadh leis an deomhan: a chionn bha Dia maille ris.
39
Agus tha sinne ʼnar fianuisean air na nichean sin uile, a rinn e ann an duthaich nan Iudhach, agus ann an Ierusalem; esan mharbh iadsan ga chrochadh ri crann.
40
Thog Dia e so suas air an treas latha, agus dheonaich e a dhianamh follaiseach,
41
Cha n-ann do ʼn t-sluagh uile, ach do dhʼ fhianuisean roimh-orduichte le Dia, dhuinne a dhʼ ich ʼsa dhʼ ol comhla ris an deigh dha eirigh bho na mairbh.
42
Us dhʼ àithn e oirnn searmonachadh do ʼn t-sluagh agus fianuis a thoirt, gur esan a bha air orduchadh le Dia gu bhith ʼna bhritheamh air bheo ʼs air mhairbh.
43
Air-san tha na faidhean uile toirt teisteanais gum faigh iadsan uile, a tha creidsinn ann, mathanas pheacannan ʼna ainm.
44
ʼS nuair a bha Peadar a labhairt nam briathran so, thuirlinn an Spiorad Naomh orrasan uile a bha g-eisdeachd ris an fhacal.
45
Agus ghabh creidich an timchioll-ghearraidh a thainig comhla ri Peadar ioghnadh, gun deach grasan an Spioraid Naoimh a dhoirteadh air na cinnich mar an ciadna.
46
Oir bha iad gan cluinntinn a labhairt le teanganan, ʼsa toirt ard-urraim do Dhia.
47
An sin fhreagair Peadar: An urrainn do dhuine air bith uisge a bhacail, los nach baistear iad so, a fhuair an Spiorad Naomh cho math ruinne?
48
Agus dhʼ orduich e am baisteadh an ainm an Tighearna Iosa Criosta. An sin ghuidh iad air gum fuiricheadh e comhla riu beagan laithean.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28