bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 18
Acts 18
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 19 →
1
ʼNan deigh so a fagail Athéne, thainig e do Chorint.
2
ʼSa faighinn Iudhaich araid, do ʼm bʼ ainm Acuila, a rugadh am Pontus, ʼsa thainig beagan roimh sin as an Eadailte maille ri mhnaoi Prisilla (ʼs gun dʼ orduich Claudius do na h-Iudhaich uile an Roimh fhagail), thainig e gan ionnsuidh.
3
ʼS bho na bʼ ionann ceaird dhaibh, dhʼ fhuirich e comhla riu, agus dhʼ oibrich e (a nis bʼ e dianamh phaillionan bu cheaird daibh).
4
ʼS bha e reusonachadh anns an t-sinagog a h-uile sàbaid, a toirt iomraidh air ainm an Tighearna Iosa, ʼsa comhairleachadh nan Iudhach ʼs nan Greigeach.
5
ʼS nuair thainig Silas us Timoti á Macedonia, chinn Pol na bu diana ʼna theagasg, a togail fianuis do na h-Iudhaich gum bʼ e Iosa an Criosta.
6
Ach nuair bha iadsa cur ʼna aghaidh ʼs ri blaisbheum, chrath e aodach, us thuirt e riu: Biodh ur fuil air ur cinn fhein: tha mise glan, bho so suas theid mi thun nan cinneach.
7
ʼSa falbh as a sin, chaidh e stigh do thigh duine araid, Titus Iustus bʼ ainm dha, fear a bha toirt aoraidh do Dhia, ʼs aig an robh a thigh an taice ris an t-sinagog.
8
Us chreid Crispus, riaghladair an t-sinagoig, anns an Tighearna, maille ri thigh uile; agus moran de mhuinntir Chorint ga chluinntinn chreid iad, us bhaisteadh iad.
9
An sin thuirt an Tighearna ri Pol san oidhche ann an sealladh: Na biodh eagal ort, ach labhair, agus na bi samhach:
10
Chionn tha mise maille riut: ʼs cha toir duine ionnsuidh ort los do chiurradh: oir tha moran sluaigh agam anns a bhaile so.
11
Us dhʼ fhuirich e an sin bliadhna agus sia miosan, a teagasg facal De ʼnam measg.
12
Ach nuair bha Gallio ʼna uachdran air Achaia, dhʼ eirich na h-Iudhaich suas a dhʼ aon inntinn an aghaidh Phoil, ʼs thug iad gu cathair a bhreitheanais e,
13
A g-radh: Tha an duine so a comhairleachadh dhaoine aoradh a thoirt do Dhia an aghaidh an lagha.
14
ʼS nuair a bha Pol a teannadh ri bhial fhosgladh, thuirt Gallio ris na h-Iudhaich: Nam bu cuis anaceartais, no cionta ro ghraineil a bhiodh ann, O Iudhaich, bu cheart gun cuirinn suas leibh.
15
Ach ma ʼs ceisdean mu fhacail, ʼs ainmean, agus ur lagh fhein a thʼ ann, seallaibhse ris: cha mhath leam a bhith am bhritheamh orra sin.
16
Agus dhʼ fhuadaich e iad bho chathair a bhreitheanais.
17
An sin rug iad uile air Sosthenes, riaghladair an t-sinagoig, us ghabh iad air an lathair cathair a bhreitheanais: ʼs cha robh omhail aig Gallio do ni dhe so.
18
Ach Pol, an deigh dha fuireach fhathast fad moran laithean, a gabhail a chead dhe na braithrean, sheol e gu Siria (us Prisilla agus Acuila maille ris), an deigh a cheann a bhearradh aig Ceneris: oir bha e fo bhoid.
19
Agus thainig e gu Ephesus, us dhʼ fhag e an sin iadsan. Ach chaidh e fhein a stigh do ʼn t-sinagog, agus rinn e deaspud ris na h-Iudhaich.
20
ʼS cha dʼ aontaich e leo, ʼs iad a g-iarraidh air fuireach na bʼ fhaide:
21
Ach a gabhail slan leo, ʼsa g-radh: Tillidh mi h-ugaibh a rithist, ma se toil De, dhʼ fhalbh e á Ephesus.
22
ʼSa dol air tir aig Cesaréa, chaidh e suas, ʼs chuir e fàilt air an eaglais, ʼs an sin ghabh e sios a dhʼ Antioch.
23
Agus an deigh dha cuid de dhʼ uine a chaithe an sin, dhʼ fhalbh e, a siubhal ann an ordugh tromh dhuthaich Ghalatia us Phrigia, a daingneachadh nan deisciopul uile.
24
A nis thainig Iudhach araid gu Ephesus, Apollo bʼ ainm dha, a rugadh an Alecsandria, duine fileanta, us cumhachdach anns na sgriobtuirean.
25
Bha an duine so ionnsuichte ann an slighe an Tighearna; agus le e bhith dian ʼna spiorad, labhair agus theagaisg e gu dichiollach na nichean a bhuineadh do dhʼ Iosa, ʼs fios aige a mhain air baisteadh Eoin.
26
Thòisich ma ta an duine so ri labhairt gu misneachail anns an t-sinagog. Nuair chual Prisilla agus Acuila e, ghabh iad gan ionnsuidh fhein e, us mhìnich iad slighe an Tighearna dha na bu dichiollaiche.
27
ʼS nuair a bha mhiann air dol do Achaia, air dhaibh a bhrosnachadh, sgriobh na braithrean thun nan deisciopul iad a ghabhail ris. An deigh dha ruighinn, bu mhor an comhnadh a rinn e riusan a bhʼ air creidsinn.
28
Oir le mor dhealas chomhdaich e gu follaiseach air na h-Iudhaich, agus dhʼ fhiach e dhaibh bho na sgriobtuirean gum bʼe Iosa an Criosta.
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 19 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28