bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 21
Acts 21
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 22 →
1
ʼS nuair a thachair, ʼs sinn air dealachadh riusan, gun do sheol sinn, thainig sinn le gabhail dhirich gu Coos, ʼs an latha an deigh sin gu Rodes, us á sin gu Patara.
2
ʼS air dhuinn long fhaighinn, a bha dol thairis gu Phenice, ghabh sinn air bord, agus sheol sinn.
3
ʼS nuair thainig Ciprus ʼnar fradharc, ga fhagail air an laimh chli, sheol sinn gu Siria, us thainig sinn gu Tirus: oir ʼsann an sin bha luchd an t-saghaich ri chur a mach.
4
ʼSa faighinn dheisciopul, dhʼ fhuirich sinn an sin seachd latha; thuirt iadsan ri Pol tromh ʼn Spiorad, gun e dhol suas gu Ierusalem.
5
Agus a triall an deigh do na laithean sin tighinn gu ceann, ghabh sinn air ar n-adhart, us iadsan uile ʼnar cuideachd le ʼm mnathan ʼs le ʼn cloinn gu taobh-mach a bhaile: us chaidh sinn air ar gluinean air a chladach, us rinn sinn urnaigh.
6
Us nuair ghabh sinn beannachd le gach a cheile, chaidh sinn air bord; us thill iadsa dhachaidh.
7
Ach a criochnachadh ar turuis-mhara bho Thirus, ghabh sinn sios gu Ptolemais; ʼsa cur fàilt air na braithrean, thamh sinn aon latha comhla riu.
8
ʼSa togail oirnn an ath latha, thainig sinn gu Cesaréa. ʼSa dol a stigh do thigh Philip, an soisgeulach, fear de ʼn t-seachdnar, dhʼ fhuirich sinn comhla ris.
9
ʼS bha ceathrar nighean aige, oighean a bha ri faidheadaireachd.
10
ʼS nuair a thamh sinn an sin beagan laithean, thainig bho Iudéa faidh araid, dha ʼm bʼainm Agabus.
11
Agus cho luath ʼsa thainig esan ga ʼr n-ionnsuidh, rug e air crios Phoil: ʼsa ceangal a chasan ʼsa lamhan fhein, thuirt e: Iad so tha an Spiorad Naomh a cantuinn: Am fear leis an leis an crios so, ceanglaidh na h-Iudhaich mar so ann an Ierusalem, us liubhraidh iad seachad e do lamhan nan cinneach.
12
Nuair chuala sinn so, ghrios sinne us muinntir an aite air, gun e dhol suas do Ierusalem.
13
An sin fhreagair Pol, us thuirt e: Ciod is ciall duibh a gal, ʼsa cradh mo chridhe? Oir tha mise deas cha n-ann gu bhith air mo cheangal a mhain, ach gu bàsachadh ann an Ierusalem air son ainm an Tighearna Iosa.
14
ʼS nuair nach bʼ urrainn duinn toirt air ar comhairle a ghabhail, sguir sinn, a g-radh: Toil an Tighearna gun robh diante.
15
ʼS an deigh nan laithean sin, air dhuinn bhith reidh, chaidh sinn suas gu Ierusalem.
16
Us chaidh cuid dhe na deisciopuil á Cesaréa comhla ruinn, a toirt leo Mnasoin, Ciprianach araid, seann deisciopul, aig an robh sinn gu bhith air aoidheachd.
17
ʼS nuair thainig sinn do Ierusalem, ghabh na braithrean gu toileach ruinn.
18
ʼ S air an ath latha chaidh Pol a stigh comhla ruinn gu Seumas, agus chruinnicheadh na seanairean uile.
19
ʼS nuair a chuir e fàilt orra, dhʼ innis e fos leth na nichean a rinn Dia le mhinistreileachd-sa am measg nan cinneach.
20
Air dhaibhse so chluinntinn, thug iad gloir do Dhia, us thuirt iad ris: Tha thu faicinn, a bhrathair, a liuthad mile a tha measg nan Iudhach, a chreid, ʼs tha iad uile eudmhor mu ʼn lagh.
21
Ach chual iad mu dʼ dheidhinn-sa, gum beil thu teagasg nan Iudhach a tha measg nan cinneach, Maois a threigsinn, a g-radh, nach còir daibh an clann a thimchioll-ghearradh, no imeachd a reir an abhuist.
22
Ciod a nis ma ta? gu cinnteach ʼs fheudar an sluagh a thional: oir cluinnidh iad gun tainig thu.
23
Dian so ma ta tha sinn a g-radh riut: tha ceathrar dhaoine againn, a tha fo bhòid.
24
Thoir iad so leat, us naomhaich thu fhein comhla riu, agus cost orra gus an cinn a bhearradh; us bithidh fios aca uile gur briagan na chual iad umad, ʼs gum beil thu fhein na dʼ imeachd a cumail an lagha.
25
Ach a thaobh nan cinneach a chreid, sgriobh sinne, a toirt breth, iad a sheachnadh a mhain nichean a chaidh iobradh do dhʼ iodholan, us fala, us ni tachdte, agus striopachais.
26
An sin ghabh Pol na daoine, ʼs air an ath latha, air dha bhith air a ghlanadh maille riu, chaidh e stigh do ʼn teampull, a toirt brath mu choimhlionadh laithean a ghlanaidh, ʼs gus an tairgteadh tobhartas air son gach aon dhiu.
27
Ach nuair bha na seachd laithean a tarruinn gu ceann, air do na h-Iudhaich, a bha bho Asia, esan fhaicinn san teampull, ghluais iad an sluagh uile, us chuir iad an laimh e, a g-eigheach:
28
Fheara Israil, cuidichibh: so agaibh an duine a tha teagasg dhaoine uile feadh gach aite an aghaidh an t-sluaigh, ʼs an lagh, agus an aite so, ʼsa bharr air sin thug e cinnich a stigh do ʼn teampull, us thruaill e an t-ionad naomh so.
29
(Oir bha iad air Trophimus á Ephesus fhaicinn comhla ris sa bhaile, us shaoil leo gun tug Pol e stigh do ʼn teampull.)
30
Us bha am baile uile fo bhuaireas, agus ruith an sluagh cuideachd. ʼSa breith air Pol, tharruinn iad a mach as an teampull e: us ghrad-dhuineadh na dorsan.
31
ʼS nuair bha mhiann orra a mharbhadh, chaidh innse do ard-cheannard na cuideachda gun robh Ierusalem uile troimh cheile.
32
Ruith esan san uair gan ionnsuidh, a toirt leis shaighdearan us cheannardan-ciad. Cho luath ʼsa chunnaic iadsan an t-ard-cheannard ʼs na saighdearan, sgair iad de bhualadh Phoil.
33
An sin an t-ard-cheannard a tighinn faisg, rug e air, ʼs dhʼ orduich e a cheangal le dà shlabhruidh; agus dhʼ fharraid e, co am fear a bhʼ ann, agus ciod a rinn e.
34
Us ghlaodh cuid aon rud, cuid rud eile feadh an t-sluaigh. ʼS bho nach bʼurrainn da cinnteas fhaighinn leis an iorghuill, dhʼ orduich e a thoirt do ʼn chaisteal.
35
ʼS nuair thainig e thun na staidhreach, thachair gun robh e air a ghiulan leis na saighdearan as leth ainneart an t-sluaigh.
36
Oir lean domhladas sluaigh, a glaodhaich: Cuir as da.
37
ʼS nuair a bha Pol gu bhith air a thoirt a stigh do ʼn chaisteal, thuirt e ris an ard-cheannard: Am faod mi facal a radh riut? Thuirt esan: Am beil Greigis agad?
38
Nach tusʼ an t-Eiphiteach, a thog roimh na laithean so buaireas, ʼsa tharruinn a mach do ʼn fhasach ceithir mile fear de mhurtairean?
39
Us thuirt Pol ris: Is Iudhach mise á Tarsus ann an Silicia, saor-dhuine de bhaile ro ainmeil. Ach se tha mi guidhe ort, gun leig thu dhomh labhairt ris an t-sluagh.
40
ʼS nuair leig e leis, sheas Pol air an staidhre, us smeid e la laimh ris an t-sluagh, ʼs nuair rinneadh samhchair mhor, labhair e riu sa chanan Eabhrach, a g-radh:
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 22 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28