bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 11
Acts 11
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 12 →
1
Agus chuala na h-ostail ʼs na braithrean, a bha an Iudéa, gun do ghabh na cinnich fhein ri facal De.
2
ʼS nuair chaidh Peadar suas gu Ierusalem, rinn an fheadhainn a bha de ʼn timchioll-ghearradh consachadh ris,
3
A g-radh: Car-son chaidh thu stigh gu daoine neo-thimchioll-ghearrte, ʼsa dhʼ ith thu comhla riu?
4
Ach thòisich Peadar, agus mhinich e dhaibh ann an ordugh, a g-radh:
5
Bha mi ann am baile Ioppe ri urnaigh, ʼs ann am plathadh-inntinn chunnaic mi sealladh, saghach araid a tearnadh, mar lionart mhor air a leigeadh a nuas bho neamh air a ceithir oisinnean, us thainig i gu ruig mise.
6
A toirt sula innte, ghabh mi beachd, agus chunuaic mi beathaichean ceithir-chasach na talmhuinn, us ainmhidhean, us beistean snàgach, agus eoin an athair.
7
Agus chuala mi cuideachd guth a g-radh rium: Eirich, a Pheadair; marbh, agus ith.
8
Us thuirt mise: Na dianar leam sin, a Thighearna: oir cha deach aiteal coichionta no neoghlan riamh a stigh air mo bhial.
9
Agus fhreagair an guth an darna uair bho neamh: Na ghlan Dia, na gairm thusa coichionta.
10
Agus rinneadh so tri uairean; us ghabhadh a rithist an t-iomlan suas gu neamh.
11
Agus seall, ʼsa cheart uair thainig triuir dhaoine thun an tighe anns an robh mi, a chuireadh h-ugam á Cesaréa.
12
Us thuirt an Spiorad rium, mi dhol comhla riu gun ag air bith. Agus thainig mar an ciadna an t-siathnar bhraithrean so cuide rium, ʼs chaidh sinn a stigh do thigh an duine.
13
Agus dhʼ innis e dhuinn mar a chunnaic e aingeal ʼna thigh, ʼna sheasamh ʼsa g-radh ris: Cuir gu Ioppe, agus gairm an so Simon, dha ʼn co-ainm Peadar,
14
A labhras riut briathran leis an sabhailear thu fhein agus do thigh uile.
15
ʼS nuair a theann mi ri labhairt, thuirlinn an Spiorad Naomh orra, mar oirnn fhein an toiseach.
16
Agus chuimhnich mi air facal an Tighearna, mar a thuirt e: Bhaist Eoin gu dearbh le uisge, ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh.
17
A nis ma thug Dia dhaibhse na grasan ciadna, a thug e dhuinne, a chreid anns an Tighearna Iosa Criosta, co mise gum bʼ urrainn domh Dia bhacadh?
18
Nuair chual iad so, dhʼ fhan iad samhach; ʼs thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Mar so thug Dia do na cinnich cuideachd aithreachas gu beatha.
19
A nis shiubhail iadsan, a chaidh sgapadh leis a gheur-leanmhuinn a dhʼ eirich as leth Stephain, gu ruig Phenice, us Ciprus, us Antioch, gun am facal a labhairt ach ris na h-Iudhaich a mhain.
20
Ach bha daoine araid dhiu bho Chiprus, agus bho Chiréné, a labhair, air dhaibh dol a stigh do dhʼ Antioch, ris na Greigich cuideachd, a searmonachadh an Tighearna Iosa.
21
Agus bha lamh an Tighearna leo: us thionndaidh aireamh mhor de chreidich ris an Tighearna.
22
Us thainig iomradh air so gu cluasan na h-eaglais a bha ann an Ierusalem; agus chuir iad Barnabas gu ruig Antioch.
23
Air dhasan ruigheachd, us grasan De fhaicinn, ghabh e toileachas; agus bhrosnaich e iad uile gus an Tighearna leanail gu buan le run an cridhe.
24
Oir bu duine e, a bha math agus lan de ʼn Spiorad Naomh ʼs de chreideamh. Us chuireadh moran sluaigh ris an Tighearna.
25
Us chaidh Barnabas gu Tarsus a shireadh Shauil: ʼsan deigh dha fhaighinn, thug e e gu Antioch.
26
Us bha iad an conaltradh ris an eaglais sin bliadhna shlan; us theagaisg iad moran sluaigh, air dhoigh ʼs gur h-ann an Antioch a thugadh Criostaidhean mar ainm air na deisciopuil an toiseach.
27
Agus anns na laithean sin thainig faidhean bho Ierusalem gu Antioch.
28
Us fear dhiu, dha ʼm bʼ ainm Agabus, a g-eirigh suas, dhʼ fhiach e tromh ʼn Spiorad gum biodh gorta mhor air feadh an domhain gu leir, ni a thachair ri linn Chlaudiuis.
29
Agus chuir na deisciopuil rompa, gach aon a reir a chomais, cobhair a chur a dhʼ ionnsuidh nam braithrean a bha tamh ann an Iudéa:
30
Ni mar an ciadna a rinn iad, ga chur le lamhan Bharnabais us Shauil thun nan seanair.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28