bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 4
Acts 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 5 →
1
Agus nuair a bha iad a labhairt ris an t-sluagh, thainig na sagairt, us riaghladair an teampuill, agus na Sadusaich orra,
2
ʼS iad duilich gun robh iad a teagasg an t-sluaigh, agus a searmonachadh ann an Iosa aiseirigh bho na mairbh;
3
Us chuir iad lamh unnta, agus chuir iad am priosan iad gus an ath latha: oir bʼ e nis am feasgar a bhʼ ann.
4
Agus chreid moran dhiubh-san a chual am facal; us bʼ e an aireamh coig mile fear.
5
Us thachair air an là ʼr na mhaireach, gun do thionail ri cheile am priomh-dhaoine, ʼs na seanairean, ʼs na Sgriobhaich ann an Ierusalem:
6
Agus Annas an t-ard-shagart, us Caiphas, us Eoin, us Alastair, ʼsa mhiad ʼsa bha de chinneadh an ard-shagairt.
7
ʼS gan cur sa mhiadhon, dhʼ fharraid iad: Ciod a chumhachd, no ciod an t-ainm anns an dʼ rinn sibh so?
8
An sin thuirt Peadar, ʼs e lan de ʼn Spiorad Naomh, riu: Sibhse, a riaghladairean an t-sluaigh agus a sheanairean, eisdibh:
9
Ma tha sinne an diugh ri ar ceasnachadh a thaobh an deagh ghniomha a rinneadh do ʼn duine euslan, ciamar a rinneadh slan e,
10
Biodh fios agaibh uile, agus aig sluagh Israil gu leir, gur h-ann an ainm ar Tighearna Iosa Criosta bho Nasareth, a cheus sibhse, ʼsa thog Dia bho na mairbh, seadh troimh-san tha an duine so ʼna sheasamh slan air ur bialaobh.
11
Si so a chlach a dhiultadh leibhse na clachairean, a rinneadh ʼna ceann na h-oisne:
12
ʼS cha n-eil sabhaladh ann an neach air bith eile. Oir cha n-eil ainm air bith eile fo neamh air a thoirt do dhaoine, leis am faod sinn a bhith sabhailte.
13
A nis a faicinn misneach Pheadair us Eoin, ʼsa tuigsinn gum bu daoine gun fhaghlum gun eolas iad, ghabh iad iongantas, us dhʼ aithnich iad iad, gun robh iad air a bhith comhla ri Iosa:
14
ʼSa faicinn a bharr air sin an duine a chaidh a leigheas ʼna sheasamh comhla riu, cha bʼ urrainn daibh ni a radh ʼna aghaidh.
15
Ach dhʼ orduich iad dhaibh dol a mach as a chomhairle; agus labhair iad eatorra fhein,
16
A g-radh: Ciod a ni sinn ris na daoine so? oir gu fior rinneadh leo miarailt follaiseach do luchd-comhnuidh Ierusalem air fad: tha e soilleir, ʼs cha n-urrainn duinn aicheadh.
17
Ach a chor ʼs nach sgaoil e nas fhaide measg an t-sluaigh, bagramaid orra gun iad a labhairt ri duine air bith tuilleadh anns an ainm so.
18
ʼS gan gairm, mhaoidh iad orra, gun iad a labhairt idir, no a theagasg an ainm Iosa.
19
Ach fhreagair Peadar us Eoin, us thuirt iad riu: Thugaibhse breth, ma tha e ceart an lathair Dhe eisdeachd ribhse a raghainn air Dia:
20
Oir cha n-urrainn duinn gun na nichean a chunnaic ʼsa chuala sinn a labhairt.
21
Ach an deigh bagradh orra, leig iad air falbh iad, chionn nach robh iad a faighinn doigh air an smachdachadh as leth an t-sluaigh: oir bha daoine uile a moladh an ni a rinneadh thaobh mar bha e air tachairt.
22
Oir bha an duine fos cionn dàfhichead bliadhna a dhʼ aois, air an dʼ rinneadh an leigheas miarailteach so.
23
ʼS air faighinn an cead, thainig iad a dhʼ ionnsuidh am muinntir fhein; us dhʼ innis iad dhaibh a h-uile ni, a thuirt na h-ard-shagairt, ʼs na seanairean riu.
24
Nuair chuala iadsan so, a dhʼ aon inntinn thog iad suas an guth ri Dia, us thuirt iad: A Thighearna, is tu esan a rinn neamh agus talamh, a mhuir, ʼs gach ni a thʼ unnta;
25
A thuirt leis an Spiorad Naomh le bial ar n-athar Dài, do sheirbhiseach: Car-son a dhʼ eirich na cinnich ʼnam boile, ʼsa dhealbh an sluagh nichean faoin?
26
Sheas righrean an talmhuinn suas, us chruinnich na h-uachdrain ri cheile an aghaidh an Tighearna, ʼs an aghaidh a Chriosta.
27
Oir gu dearbh chruinnich ri cheile sa bhaile so Herod, us Pontius Pilat, comhla ris na cinnich agus sluagh Israil an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dhʼ ung thu,
28
A dhianamh na dhʼ orduich do lamh agus do chomhairle a bhith diante.
29
A nis, a Thighearna, seall air am bagradh, agus deonaich dha dʼ sheirbhisich tʼ fhacal a labhairt le lan mhisnich,
30
Le dʼ lamh a shìneadh a mach gu leigheasan, agus gu comharraidhnean, agus gu miarailtean a bhith air an dianamh tromh ainm do Mhic naoimh Iosa.
31
ʼS air dhaibh an urnaigh a radh, ghluaiseadh an t-aite anns an robh iad cruinn; agus lionadh iad uile leis an Spiorad Naomh, us labhair iad facal De gu misneachail.
32
ʼS aig co-thional nan creideach cha robh ach aona chridhe agus aon anam; ʼs cha mhua bha a h-aon aca g-radh gum bu leis fhein ni air bith a bha e sealbhachadh, ach bha h-uile ni coitchionn aca.
33
Agus le mor-chumhachd thug na h-ostail fianuis air aiseirigh Iosa Criosta, ar Tighearna; agus bha grasan mora unnta uile.
34
ʼS cha mhua bha neach air bith uireasach ʼnam measg. Oir a mhiad ʼsa bha ʼnan sealbhadairean fearainn no thighean, reic iad iad, ʼs thug iad leo pris na chaidh reiceadh,
35
Agus chuir iad aig casan nan ostal i. Agus chaidh a roinn air gach aon a reir fheumalachd.
36
Agus Ioseph, air an tug na h-ostail Barnabas mar cho-ainm (se sin air eadar-theangachadh, mac na furtachd), lebhiteach, a rugadh ann an Ciprus,
37
Reic e fearann a bhʼ aige, us thug e leis a phrìs, agus chuir e aig casan nan ostal i.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28